Uicipeid gdwiki https://gd.wikipedia.org/wiki/Pr%C3%AComh-Dhuilleag MediaWiki 1.47.0-wmf.11 first-letter Meadhan Sònraichte Deasbaireachd Cleachdaiche Deasbaireachd a' chleachdaiche Uicipeid An deasbaireachd aig Uicipeid Faidhle Deasbaireachd an fhaidhle MediaWiki Deasbaireachd MediaWiki Teamplaid Deasbaireachd na teamplaid Cobhair Deasbaireachd na cobharach Roinn-seòrsa Deasbaireachd na roinn-seòrsa TimedText TimedText talk Mòideal Deasbaireachd mòideil Event Event talk Aëtius à Amida 0 37177 583265 563819 2026-07-20T01:39:26Z InternetArchiveBot 23657 Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5 583265 wikitext text/x-wiki {{Bogsa eachdraidh-bheatha}} B' e [[lighiche]] agus sgrìobhadair Greugach cudromach dhan [[An t-Impireachd Bheasantian|Impireachd Bheasantian]] a bh' ann an '''Aëtius à Amida''' ([[Greugais]]: ''Ἀέτιος Ἀμιδηνός'', [[Laideann]]: ''Aëtius Amidenus'', [[Diyarbakır]], [[5mh Linn]]/[[6mh Linn]]).<ref>Dunglison, Robley (1872). History of Medicine from the Earliest Ages to the Commencement of the 19th Century. Philadelphia: Lindsay and Blakiston.</ref> Thathar dhen bheachd gur e [[Crìosdaidheachd|Crìosdaidh]] a bh' ann o chionn 's gun do nochd dithis [[pears-eaglais|phears-eaglais]] anns an [[leabhar|leabhraichean]] aige: Cyril à Alexandria ([[376]] - [[444]]) agus Theuderikhos ([[454]] - [[526]]).<ref>tetrab. ii. serm. iii. 110</ref> Fhuair e a chuid [[Foghlam|foghlaim]] ann an [[al-Iskandariyyah]], san [[An Èipheit|Èipheit]] agus shiubhail e gu [[Palastain]] agus [[Cìopras]]. Thug [[Galen]] agus [[Oribasius]] buaidh uabhasach fhèin mòr airsan.<ref>[https://web.archive.org/web/20210820151828/https://www.loebclassics.com/view/galen-art_medicine/2016/pb_LCL523.139.xml Loebe Classical Library]</ref> B' e Aëtius a chlàraich am [[facal]] acne (''ἀκνή'') airson a' chiad turais. A bharrachd air sin, sgrìobh e mu dheochan-eiridinn airson [[casg-breith]] agus [[casg-gin]].<ref>Riddle, John M. (1997). Eve's Herbs: A History of Contraception and Abortion in the West. Harvard University Press. ISBN 0-674-27026-6.</ref> Bha e cuideachd na lighiche pearsanta dhan Righ [[Justinian I]]. ==Obair== *Βιβλία Ἰατρικά Ἑκκαίδεκα *Aetii Medici Graeci Contractae ex Veteribus Medicinae Sermones XVI ==Iomraidhean== <references/> [[Roinn-seòrsa:Daoine às an t-Seann-Ghrèig]] [[Roinn-seòrsa:Lighichean nan Seann-Ghrèigeach]] [[Roinn-seòrsa:Eachdraidh]] [[Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean nan Seann-Ghrèigeach]] siop6zs9qcao307qg6tbb7kp6uxf4ga