Uicipeid gdwiki https://gd.wikipedia.org/wiki/Pr%C3%AComh-Dhuilleag MediaWiki 1.47.0-wmf.4 first-letter Meadhan Sònraichte Deasbaireachd Cleachdaiche Deasbaireachd a' chleachdaiche Uicipeid An deasbaireachd aig Uicipeid Faidhle Deasbaireachd an fhaidhle MediaWiki Deasbaireachd MediaWiki Teamplaid Deasbaireachd na teamplaid Cobhair Deasbaireachd na cobharach Roinn-seòrsa Deasbaireachd na roinn-seòrsa TimedText TimedText talk Mòideal Deasbaireachd mòideil Event Event talk Saoil 0 16180 583005 549043 2026-05-29T15:19:21Z InternetArchiveBot 23657 Rescuing 0 sources and tagging 1 as dead.) #IABot (v2.0.9.5 583005 wikitext text/x-wiki {{Eilean | AINM = Saoil | DEALBH = Isle of Seil 02.JPG | GLACADH =Saoil | MAPA = | DÙTHAICH = [[Alba]] | SGÌRE = [[Earra-Ghàidheal]] | INNIS_MHARA = Na h-Eileanan Sglèata | LEUD = 56.3º T | ASTAIR = 5.62º I | COMHARRADH =NM742172 | FARSAINGEACHD = 13.29 | ÀIREAMH_SHLUAIGH = 551 | BLIADHNA = 2011 }} 'S e eilean a tha '''Saoil''' (Beurla: ''Seil'') ann an [[Earra-Ghàidheal]] air taobh siar Alba. A rèir cunntas-sluaigh 2011 bha 551 duine a' fuireach anns an eilean.<ref>[http://www.scotlandscensus.gov.uk/documents/censusresults/release1c/rel1c2tableA4.pdf National Records of Scotland 2011 Census] Earr-ràdh 2: ''Population and households on Scotland’s inhabited islands'' (PDF). Air a tharraing 10 an Lùnastal 2015</ref> 'S tuineachaidhean ann an Saoil a tha ann am [[Baile a' Bhiocair]], [[Cuan, Eilean Shaoil|Cuan]], [[Clachan Shaoil]] agus [[Eilean a Bheithich]]. Tha a' Dhrochaid thar a' Chuain Siar faisg air Clachan Seil a' ceangal Saoil ris a' mhòr-thìr.<ref>Am Baile: [http://www.ambaile.org.uk/detail/gd/10578/1/EN10578-bridge-over-the.htm Drochaid thar a' Chuain Siar, Eilean Shaoil]{{Dead link|date=May 2026 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}. Air a tharraing 30 an Giblean 2016.</ref> == Iomraidhean == <references/> {{Commonscat|Seil|Saoil}} {{Na h-Eileanan a-staigh}} [[Roinn-seòrsa:Eileanan a-staigh]] [[Roinn-seòrsa:Earra-Ghàidheal agus Bòd]] 28panew1psq6ly45d2z7wceid0y8od1 Oilthigh St. Francis Xavier 0 17784 583002 574541 2026-05-29T12:15:30Z InternetArchiveBot 23657 Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5 583002 wikitext text/x-wiki {{Databox}} 'S e oilthigh ann an [[Antigonis]], [[Alba Nuadh]] a tha ann an '''Oilthigh St. Francis Xavier''' ([[Beurla]]: ''Saint Francis Xavier University''). Tha timcheall air 4,200 oileannach ann. 'S e sin an t-aona oilthigh ann an [[Aimearaga a Tuath|Aimearaga a Tuath]] far as urrainnear [[Gàidhlig]] ionnsachadh fad ceithir bliadhna. Tha cùrsa MA ann ann an Eòlas Ceilteach. <ref>[https://web.archive.org/web/20101010162437/http://www.stfx.ca/faculties/arts/celtic_studies "Celtic studies" ann an Oilthigh St. Francis Xavier]</ref> Chaidh an t-oilthigh a stèidheachadh ann an [[Arichat]] ann an [[1853]] <ref name=encycmusic>[https://web.archive.org/web/20101220094024/http://thecanadianencyclopedia.com/index.cfm?PgNm=TCE&Params=U1ARTU0003083 St. Francis Xavier University], Encyclopedia of Music in Canada</ref> ach chaidh a ghluasad gu Antigonis ann an 1855.<ref>[http://www.gutenberg.org/dirs/etext04/tlctd10.txt The Project Gutenberg EBook #6466] 'The Intellectual Development of the Canadian People, A historical review' le John George Bourinot, House of Commons, Ottawa, 17mh an Gearran, 1881</ref> == Daoine ainmeil == * [[Rodney MacDonald]], neach-ciùil agus prìomh-mhinisteir Alba Nuadh == Iomraidhean == <references/> == Ceanglaichean a-mach == {{Commonscat| St. Francis Xavier University}} * [https://web.archive.org/web/20040621132232/http://www.stfx.ca/people/lstanley/history/welcome2.htm Duilleag oifigeil Oilthigh St. Francis Xavier] {{DEFAULTSORT:St. Francis Xavier, Oilthigh}} {{Smachd ùghdarrais}} [[Roinn-seòrsa:Oilthighean ann an Canada]] [[Roinn-seòrsa:Alba Nuadh]] j9xjglnsjy3qkjx8y4n9yrpstttjr59 Rouen 0 18060 583003 582711 2026-05-29T14:41:56Z InternetArchiveBot 23657 Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5 583003 wikitext text/x-wiki {{Baile | AINM = Rouen | LÙIREACH = Blason Rouen 76.svg | LÙIREACH_LEUD = 100 | DEALBH = Rouen montage.jpg | DÙTHAICH = [[An Fhraing]] | CEÀRN = [[Haute-Normandie]] | SGÌRE = [[Seine-Maritime]] | LEUD = 49° 26′ 38 Tuath | ASTAIR = 01° 06′ 12 Ear | FARSAINGEACHD = 21.38 | ÀIREAMH_SHLUAIGH = 108569 | BLIADHNA = 2007 | FÒN = | DUILLEAG = [http://www.rouen.fr/ www.rouen] }} 'S e baile mòr air àirde an ear-thuath [[An Fhraing|na Frainge]] a th’ ann an '''Rouen''' ([[IPA]]: ʁwɑ̃). A bharrachd air sin 's e [[prìomh-bhaile]] a’ cheàrn [[Haute-Normandie]] agus na sgìre [[Seine-Maritime]], ainmeil airson a chuid [[eaglais]]ean is gu sònraichte a cathair-eaglaise.<ref>[http://es.franceguide.com/ideas-de-vacaciones/turismo-en-ciudad/descubra-las-ciudades/rouen/home.html?NodeID=247 France Guide]</ref> Tha Rouen suidhichte air an [[abhainn]] Seine, agus trì uillt nas lugha, ris an canar Aubette, Robec agus Cailly agus tha oilthigh aige.<ref>[https://web.archive.org/web/20120315190447/http://www.univ-rouen.fr/%7C Université de Rouen]</ref> == Eachdraidh == 'S e seann bhaile Ceilteach a bh’ ann an Rouen gu ruige [[1 Linn|a’ chiad linn]] ro [[Iosa|Chrìosd]], nuair a thuit e fo bhuaidh nan Ròmanach. Bha e na phàirt dhen Ghallia Lugdunensis is an uair sin na Roinn Lugdunensis II. Thionndadh daoine a’ bhaile dhan [[Crìosdaidheachd|A’ Chrìosdaidheachd]] anns an [[5mh Linn]]. Bha am baile gu math cudromach dha na Treabhan Frangach mus tug na Lochlannaich ionnsaigh air a’ bhaile iomadach turas anns an [[9mh Linn]].<ref>[https://web.archive.org/web/20101009060217/http://www.helium.com/items/1975381-best-historic-sites-in-rouen-france Helium]</ref> Dh’fhàs Rouen a bhith fear dhe na puirt na bu chudromach aig ìre na Roinn Eòrpa anns na [[Meadhan-Aoisean]] Iosal, air sàilleabh na sochairean aige; A dh’aindeoin sin, chaill Rouen a chuid shochairean ann an [[1382]], nuair a thug am baile taic gu ar-a-mach an aghaidh Charles VI, Rìgh na Frainge.<ref>[http://www.rouen.fr/moyen-age Rouen.fr]</ref> Chaidh am baile a chuairteachadh ri linne Cogadh na Ciad Bliadhna, agus chaidh Jeanne d’Arc ([[IPA]]: ʒan daʁk) a losgadh leis na [[Sasainn|Sasannaich]] ann an ceàrnag a’ bhaile ann an [[1431]].<ref>[http://www.newadvent.org/cathen/08409c.htm New Advent]</ref> Rugadh [[Gustave Flaubert]] ann an Rouen ann an [[1821]], oir bha athair agus a bhràthair nan dotairean-lannsa aig ospadal a' bhaile.<ref>[https://web.archive.org/web/20101224000312/http://html.rincondelvago.com/madame-bovary_gustave-flaubert_3.html Rincón del Vago]</ref> Chaidh am baile a mhilleadh aig àm [[An Dàrna Cogadh|an Dàrna Cogaidh]].<ref>[https://web.archive.org/web/20111214194706/http://www.visite-de-rouen.com/destructions.htm Visite Rouen]</ref> == Gnàth-shìde == 'S e [[gnàth-shìde]] a' chuain a tha ann an Rouen, leis an t-uisge a’ dòrtadh air feadh na bliadhna, fad 131.2 làithean agus tha na geamhraidhean gu math boga oir tha Rouen gu math faisge air a’ mhuir. Bidh a’ ghaoth a’ sèideadh, mar as àbhaist, bhon iar-dheas gus an àirde an iar, is tha e gu math stoirmeil sa gheamhradh.<ref>[http://www.meteo-rouen.com/temperatures-rouen.html Météo Rouen]{{Dead link|date=October 2022 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref> * Teodhachd mheadhanach bhliadhnail : eadar 10&nbsp;°C agus 20&nbsp;°C. * Teodhachd na b’ ìsle a-riamh: -17.1&nbsp;°C (8mh latha dhen [[Am Faoilleach|Fhaoilleach]] [[1985]] * Teodhachd na b’ àirde a-riamh: 38.1&nbsp;°C 11mh latha dhen [[An Lùnasdal|Lùnasdal]] [[2003]] * 51 latha dhe deigh gach bliadhna (iomall a’ bhaile) 39 latha (meadhan a’ bhaile). * Solas na Grèine: 1518 uairean gach bliadhna. * Ceò: 85 latha gach bliadhna. * Stoirmean: 16 latha gach bliadhna, air feadh na bliadhna, fiù’s as t-samhradh. * Uisge: eadar 700 agus 900mm gach bliadhna.<ref>[https://web.archive.org/web/20111208191454/http://www.linternaute.com/ville/ville/climat/1220/rouen.shtml L'Internaute]</ref> == Eaconamaidh == 'S e fear dhe na puirt mara nas motha san Fhraing a th' ann an Rouen agus tha am port an sàs, còmhla ri Le Havre, a' toirt bathar bho agus gu [[Paris]]. Tha mòran gnìomhachas ann cuideachd: [[cotan]], a' chlò, stuth-ceimigeach, uidheamachd obrachail, càraichean agus itealain. Tha raointean-gnìomhachais ri taobh na h-aibhne (Le Petit Quevilly, Le Grand Quevilly agus La Grand-Couronne), còmhla ri fìneadairean [[Peatrail|Pheatrail]] (Moulineaux agus Oissel).<ref>[https://web.archive.org/web/20100915165824/http://www.la-crea.fr/developpement-et-economie-dans-la-crea.html CREA]</ref> == Bailtean Co-cheangailte == * [[Faidhle:Flag of the United States.svg|22px]] [[Cleveland]] ([[Ohio]]) <ref>[http://www.sister-cities.org/directory/USlistingsResults.cfm SisterCities]</ref> * [[Faidhle:Flag of Poland.svg|22px]] [[Gdańsk]] * [[Faidhle:Flag of Germany.svg|22px]] [[Hànobhar]]<ref>[http://www.hannover.de/de/buerger/entwicklung/partnerschaften/staedte_regionspartnerschaften/3932 Stadt Hannover]</ref> * [[Faidhle:Flag of South Korea.svg|22px]] [[Jeju]] * [[Faidhle:Flag of China.svg|22px]] [[Ningbo]] * [[Faidhle:Flag of England.svg|22px]] [[Norwich]] * [[Faidhle:Flag of Italy.svg|22px]] [[Salerno]] * [[Faidhle:Flag of Poland.svg|22px]] [[Wejhermowo]] == Iomraidhean == <references/> {{DEFAULTSORT:Rouen}} [[Roinn-seòrsa:Bailtean na Frainge]] [[Roinn-seòrsa:Bailtean]] [[Roinn-seòrsa:An Fhraing]] rtmesctr9g5sppz2qs3osz9oos2gg6u Samacá 0 34591 583004 574672 2026-05-29T15:07:59Z InternetArchiveBot 23657 Rescuing 0 sources and tagging 1 as dead.) #IABot (v2.0.9.5 583004 wikitext text/x-wiki {{Databox}} 'S e [[baile]] ann am [[Boyacá (Roinn)|Boyacá]], [[Coloimbia]],<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref>   a th' ann an ''' Samacá'''.  Tha e suidhichte dìreach 30km air falbh bho [[Tunja]], prìomh-bhaile na roinne, 2,765m os cionn ìre na mara. 'S e baile le [[gnàth-shìde]] fhuar a th' ann le teodhachd mu 15˚ thar cheann fad na bliadhna.<ref>[http://en.climate-data.org/location/46975/ Climate Data]</ref> Chaidh am baile a stèidheachadh ann an [[1556]]. == Freumhan an Ainm == 'S e ainm Tùsanach a th'ann an Samacá. ‘S ann à trì facail Muisca a th’ ann: sa  ([[uasal]]) an t-ainm Ma agus ca (Lùchairt neo Caisteal).  Bheireadh sin ''Caisteal a’ Mhoireir Mha'' dhuinn sa [[Gàidhlig|Ghàidhlig]]. == Sluagh a' bhaile == Ged a tha  4,862 nan tàmh anns a' bhaile, tha  19,248 a' fuireach air fad, a’ gabhail a-steach nan sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.<ref>[https://web.archive.org/web/20080911201632/http://www.dane.gov.co/files/investigaciones/poblacion/proyepobla06_20/ProyeccionMunicipios2005_2009.xls Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh]</ref> Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach [[clachan]] agus [[croit]] fo stiùireadh baile air choireigin.<ref>[https://web.archive.org/web/20130715063537/http://colombia-virtual.com/municipios.html Cololmbia Virtual]</ref> Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Samacá (is mòran dhuibh [[mestizos]]). ‘S e Tùsanaich a th’ann an 0.2% nan daoine an seo  ' S urrainn dhan 88.5% dhe na daoine ann an Samacá leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 13.9% dhe na dachannan.<ref>[http://www.dane.gov.co/files/censo2005/perfiles/boyaca/samaca.pdf Bileag fhiosrachaidh DANE]</ref> == Fèisean == Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Samacá. Chithear fèilltean  caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ann fhathast,<ref>[http://countrystudies.us/colombia/51.htm Country Studies: Colombia]</ref>  fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha. * Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh [[An t-Iuchar]]. == Eachdraidh == B’ e Ganza a bha na cheann-fheadhna an seo ro àm nan Spàinnteach. Phòs a nighean aig [[Aquiminzaque]], an Rìgh  (neo [[zaque]]) ann an [[Tunja|Hunza]]. == Iomraidhean == <references/> == Ceanglaichean a-mach == * [http://www.meteoprog.co.uk/en/weather/Samaca/ An t-sìde ann an Samacá]{{Dead link|date=May 2026 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }} {{commonscat}} {{Smachd ùghdarrais}} [[Roinn-seòrsa:Bailtean ann an Coloimbia]] 8rwthkgzwytkrhbtyspjmubgjl4ggq3 TUC 0 36947 583006 549370 2026-05-29T17:03:02Z InternetArchiveBot 23657 Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5 583006 wikitext text/x-wiki {{Aonadh-ciùird | AINM = Mòr-dhàil nan Aonaidhean-ciùird | DEALBH = Mechanics' Institute 5.JPG | STÈIDHEACHADH = [[1868]]<ref>[http://www.unionhistory.info/reports/index.php Union History]</ref> | BUILL =5.8 muillean | CLEAMHNACHADH = [[ITUC]] | DAOINE = Proinnsias Ní Ghrádaigh | OIFISEAN =[https://www.google.co.uk/maps/place/Odeon+Cinema+London+Tottenham+Court/@51.5171546,-0.1311268,17z/data=!4m13!1m7!3m6!1s0x48761b3288a86c13:0x842c9e6ab5e3f175!2sCongress+House,+23-28+Great+Russell+St,+Fitzrovia,+London+WC1B+3LW!3b1!8m2!3d51.5171546!4d-0.1289381!3m4!1s0x0:0x7089564d2553546e!8m2!3d51.5183438!4d-0.1324502 23 Great Russell Street, Lunnainn WC1B 3LW] | DÙTHAICH =[[Alba]] [[Sasainn]] [[A' Chuimrigh]] | LÀRACH-LÌN =https://www.tuc.org.uk/ }} 'S e aonad nàiseanta nan [[aonadh-ciùird|aonaidhean-ciùird]] ann an [[Alba]], [[Sasainn]] agus [[A' Chuimrigh]] a th' ann an TUC ([[ainm]] slàn: ''Trades Union Congress'', [[Gàidhlig]]: ''Mòr-dhàil nan Aonaidhean-ciùird''). Bidh an TUC a' riochdachadh mòr-chuid nan aonaidhean-ciùird ann am Breatainn. Chaidh a chruthachadh ann am [[Manchester]] ann an [[1868]].<ref>[https://web.archive.org/web/20170602173307/http://www.unionhistory.info/reports/index.php Union History]</ref> Bhris an [[STUC]] bhon TUC ann an [[1897]] air sàilleabh gu robh cuid a dhaoine mì-thoilichte leis na bha an TUC a' deanamh a thaobh riochdachadh nan luchd-obrach anns a' Pharlamaid.<ref>[http://www.theglasgowstory.com/image/?inum=TGSE01032 The Glasgow Story]</ref> Aig an ìre seo tha 51 aonaidhean-ciùird air an cleamhnachadh ris - [[Institiud Foghlam na h-Alba|EIS]], [[UNISON]] agus [[UNITE]] nam measg - is iadsan a' riochdachadh mu 5.8 muillean duine uile gu lèir. Thathar ag ràdh gur e guth nan luchd-obrach ann am Breatainn a th' anns an TUC. 'S e Proinnsias Ní Ghrádaigh a tha na àrd-rùnairean a-nis.<ref>[http://www.bbc.co.uk/news/business-18772379 BBC]</ref> 'S ann ag amas air iomairtean le ìomhaigh àrd a chuir air dòigh, is e a' strì airson amasan agus beusan nan aonaidhean-ciùird. A bharrachd air sin, bithear a' cuideachadh aonaidhean-ciùird a thaobh fhastadh buill, a bhith nas èifeachdaiche agus ag obair an aghaidh chonnspairn eadar aonaidhean-ciùird agus airson dlùth-phàirteachas. ==Àrd-rùnairean== *Proinnsias Ní Ghrádaig: [[2013]] *Brendan Barber: [[2003]] - 2013 *John Monks: [[1993]] - 2003 *Norman Willis: [[1984]] - 1993 *Len Murray: [[1973]] - 1984 *Vic Feather: [[1969]] - 1973 *George Woodcock: [[1960]] - 1969 *Sir Vincent Tewson: [[1946]] - 1960 *Sir Walter Citrine: [[1926]] - 1946 *Fred Bramley: [[1923]] - [[1926]] *C. W. Bowerman: [[1921]] - 1923 ==Iomraidhean== <references/> ==Ceanglaichean A-muigh== *[https://www.tuc.org.uk/ TUC] [[Roinn-seòrsa:aonaidhean-ciùird]] [[Roinn-seòrsa:Poileataigs]] 4nws3a51br9anzxeiqy9j6o5ezsi3du