Uicipeid
gdwiki
https://gd.wikipedia.org/wiki/Pr%C3%AComh-Dhuilleag
MediaWiki 1.47.0-wmf.13
first-letter
Meadhan
Sònraichte
Deasbaireachd
Cleachdaiche
Deasbaireachd a' chleachdaiche
Uicipeid
An deasbaireachd aig Uicipeid
Faidhle
Deasbaireachd an fhaidhle
MediaWiki
Deasbaireachd MediaWiki
Teamplaid
Deasbaireachd na teamplaid
Cobhair
Deasbaireachd na cobharach
Roinn-seòrsa
Deasbaireachd na roinn-seòrsa
TimedText
TimedText talk
Mòideal
Deasbaireachd mòideil
Event
Event talk
Ptolomaidh
0
9339
583427
581661
2026-07-30T15:10:53Z
InternetArchiveBot
23657
Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5
583427
wikitext
text/x-wiki
[[Faidhle:Ptolemaeus.jpg|thumb|250px|Dealbh as na [[Meadhan-Aoisean|Meadhon-Aoisean]] de Claudius Ptolemaeus]]
[[File:Ptolemaeus - Quadripartitum, 1622 - 4658973.tif|thumb|''Quadripartitum'', 1622]]
'S e neach cruinne-eòlach ainmeil den linn "clasaigeachd" a tha ann an '''Claudius Ptolemaeus''' an t-Alesandriach: ([[Greugais]]: {{polytonic|Κλαύδιος Πτολεμαῖος}}).
Chailleadh a h-obraichean nuair a bha tìr mòr na h-[[Eòrpa]] na linn an dorchadas. Chaidh ath-lorg air a sgriobhaidhean mu thimcheall [[1409]] [[AC]], agus rè an tri-fichead bliadhna as dèidh sin rinneadh caochladh lethbhreacan (làimh-sgriobhta) dhaibh.
Stèidhich chiad [[leabhar]] Ptolomaidh, am bun-phrionsabal de [[cruinn-eòlas]] chun latha an diugh: Daingneachadh de puingean air barr na talmhainn, agus dearbhadh de ''[[Co-chomharran an Domhain|Ear-astar]]'' agus ''Domhan-leud'' le [[reul]]-sgrudadh, cho fad 'us an gabhadh sin a dèanamh.
Chan eil teagamh nach do bhròsnaich na sgriobhaidhaidhean de Ptolomaidh ath-leasachadh de cruinn-eòlais rè an [[15mh Linn]]. Bha cairtean-dheilbh an luib na sgriobhaidhean seo agus rinneadh lethbhreacan dhaibh còmhla. Cho trath ri 1479 bha cuid de na leth-bhreacan a nochdadh ''Tabulae Novae'' (Claran nan [[Reul]]) ùr, a chuir taic ri na cairtean-dhealbh Ptolomachd.
== Làraich-lìn ==
* [http://penelope.uchicago.edu/Thayer/E/Roman/Texts/Ptolemy/Tetrabiblos/home.html Ptolemy's Tetrabiblos at LacusCurtius] (Eadar-theangachadh Bheurla le aiste-inntrigidh)
* [http://penelope.uchicago.edu/Thayer/E/Gazetteer/Periods/Roman/_Texts/Ptolemy/home.html Ptolemy's Geography at LacusCurtius] (Eadar-theangaichte dhan Bheurla, neo-criochnaichte)
* [https://web.archive.org/web/20130312004303/http://dsr.nii.ac.jp/toyobunko/III-2-F-b-2/V-1/page/0162.html.ja Extracts of Ptolemy on the country of the Seres (Siona)] (Eadar-theangachadh Beurla)
== Tuilleadh Fiosrachadh ==
* [https://web.archive.org/web/20090930143602/http://www.skyscript.co.uk/ptolemy.html Ptolemy at SkyScript] - ''The Life and Work of Ptolemy''
* [https://web.archive.org/web/20050411062830/http://www.chass.utoronto.ca/~ajones/ptolgeog/ Alexander Jones, "Ptolemy and his ''Geography''"]
* [https://web.archive.org/web/20050529010926/http://obs.nineplanets.org/psc/theman.html Ptolemy biography] (Bill Arnett's site)
* [https://web.archive.org/web/20080918003658/http://wwwuser.gwdg.de/~fhasele/ptolemaeus/index.html Ptolemy's Geography] - Selected problems of Ptolemy's Geography (currently in German)
* [https://web.archive.org/web/20050506105504/http://www.fiks.de/rom/index.htm?rom10.htm Ptolemy's Geography of Northwestern Europe]
* [https://web.archive.org/web/20110927055557/http://www.newberry.org/smith/slidesets/ss08.html History of Cartography] including a discussion of the Geographica
* [https://web.archive.org/web/20130123132308/http://www.csiss.org/classics/content/76 Claudius Ptolemaeus (Ptolemy): Representation, Understanding, and Mathematical Labeling of the Spherical Earth]
* [https://web.archive.org/web/20080605001728/http://wwwuser.gwdg.de/~fhasele/ptolemaeus/Frames/Literatur-Ptolemaeus.html Literature about the Geography (Geographike Hyphegesis) of Claudius Ptolemy]
* [http://www.mlahanas.de/Greeks/Eratosthenes.htm Eratosthenes of Cyrene - Some Remarks]
[[Roinn-seòrsa:Eachdraidh]]
krp5zlhu7wd4wn6stox12anipyuwkpm
Iulius Caesar
0
17730
583428
553124
2026-07-31T10:59:37Z
Redaktor GLAM
30414
Better quality version of image
583428
wikitext
text/x-wiki
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B' e ceannard na Poblachd Ròmanach a bha ann an '''Gaius Iulius Caesar''' ([[IPA]]: '''ˈɡaː.i.ʊs ˈjuː.lɪ.ʊs ˈkaj.sar''', [[An Ròimh]], [[13 an t-Iuchar]] [[100 RC]]–An Ròimh, 15 am Màrt [[44 RC]]).
== Beatha ==
Bha Iulius Caesar den teaghlach mhòr-uasal ''Gens Iulia'', seann teaghlach a tha stèidhichte air ban-dia [[Venus]] mar phrìomh-mhàthair.
Lean Iulius Caesar dreuchd phoileataigeach oifigeil na Poblach Ròmanaiche: aig an toiseach mar Quaestor (69 neo 68 RC), an uair sin mar Aedilis curulis (65 RC) agus mar Praetor (62 RC).
Chuir Caius Iulius Caesar, Gnaeus [[Pompeius]] agus Marcus Licinius [[Crassus]] trì-fir-caidreachais "Triumviratum" ri chèile anns a' bhliadhna [[60 RC]]. B' e Gnaeus Pompeius ceannard an Fheachd agus bha ionmhas ana-mhór aig Crassus. Phòs Pompeius Iulia, an aon nighean aig Caesar.
Chaidh Caesar a thaghadh mar Chonsul na Poblachd Ròmanaiche ron ath bhliadhna [[59 RC]].
Chaidh e don Ghall mar cheannard-mhìleadh 58–50 RC agus chuir e a' Ghall gu léir fo smachd nan Ròmanach. Thig e do [[Breatann|Bhreatainn]] cuideachd. Sgrìobh e aithris mu cheannsachadh na Gaille agus s' e ''Commentarii de Bello Gallico'' an tiotal a th' air.
Nuair a bha Iulius Caesar airson tilleadh don Ròimhe dh'adhbharaich e [[Cogadh sìobhalta|cogadh-catharra]] an aghaidh [[Pompeius|Phompeiuis]].
Chaidh Pompeius a mharbhadh anns [[An Èipheit]] [[48 RC]] agus bhuannaich Iulius Caesar an cogadh seo. Sgrìobh e aithris mun chogadh-catharra agus s' e ''Commentarii de Bello Civili'' an t-ainm a th' air.
Thig Iulius Caesar don Èipheit agus bha e a' gaolaireachd còmhla ris a' bhanrigh [[Cleopatra|Kleopatra]]. Bha mac aca agus b' e [[Caesarion]] an far-ainm a bh' air.
Rinn còmhlan de sheanairean fo cheannardas [[Brutus|Mharcuis Iuniuis Bhrutuis]] guim an aghaidh Chaesair anns an Ròimhe [[44 RC]] agus mharbh iad e an seo [[15 am Màrt]].
Ann an [[42 RC]] chaidh dia a dhèanamh a Chaesar "Divus Iulius" agus thog a mhac-peathar agus uchd-mhac Caius Octavius (an dèidh seo ainmichte [[Augustus]]) teampall dha anns An Ròimhe [[29 RC]].
== Iulius Caesar ann an obraichean eile ==
Litreachas
*''Julius Caesar'' (mu 1600); dealbh-chluich le [[William Shakespeare]]
*''Caesar and Cleopatra'' (1898); dealbh-chluich le [[George Bernard Shaw]]
Ceòl
*''Giulio Cesare in Egitto'' HWV17 (1724); opara le [[Georg Friedrich Händel]]
*''Il ritorno di Giulio Cesare vincitore della Mauritania (mu 1705)''; Festa musicale le [[Giovanni Bononcini]]
Filmichean
*''Julius Caesar'' (1953); mun dealbh-chluich le [[William Shakespeare]]
*''Caesar and Cleopatra'' (1945); mun dealbh-chluich le [[George Bernard Shaw]]
*''Giulio Cesare il conquistatore delle Gallie'' (1963); don ''Commentarii de Bello Gallico'' le Caius Iulius Caesar
*''Cleopatra'' (1963)
*''Julius Caesar'' (2002); film telebhisein
== Leabhraichean ==
* ''Commentarii de Bello Gallico''
* ''Commentarii de Bello Civili''
== Tùsan ==
* C. Suetonius Tranquillus, ''De vita Caesarum Liber I, Divus Iulius''
* Plutarchus, ''Vitae parallelae, Alexander - Caesar''
== Clàr-leabhar ==
* Michael Crawford, ''The Roman Republic'' ISBN 0006862500
* Hermann Bengtson, ''Grundriss der Römischen Geschichte mit Quellenkunde'' Bd. 1, ISBN 978-3-406-08617-5
* Karl Schefold, aiste "Caesar" ann an ''Lexikon der Alten Welt'', ISBN 3893509607
== Faic cuideachd ==
*[https://archive.org/details/iuliuscaesareada00shakuoft Iulius Caesar. Eadar-theangaichte le U.M. MacGillemhoire (1911)]
== Dealbhan ==
<gallery>
Faidhle:Venus Genitrix N367.jpg|Venus Genitrix (Louvre)
Faidhle:Pompejus modified.png|Gnaeus Pompeius Magnus
Faidhle:Realistic bust of an unknown citizen, 1st century BC (13668007863).jpg|Marcus Licinius Crassus
Faidhle:Temple of Divus (141306750).jpg|Teampall Chaesair
</gallery>
{{commonscat|Julius Caesar|Iulius Caesar}}
{{DEFAULTSORT:Iulius Caesar}}
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Daoine às an t-Seann-Ròimh]]
[[Roinn-seòrsa:Impireachd na Ròimhe]]
[[Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Laidinneach]]
8ya82d9gfm59nekp4fyd5ttvqidehee