Uicipeid
gdwiki
https://gd.wikipedia.org/wiki/Pr%C3%AComh-Dhuilleag
MediaWiki 1.47.0-wmf.19
first-letter
Meadhan
Sònraichte
Deasbaireachd
Cleachdaiche
Deasbaireachd a' chleachdaiche
Uicipeid
An deasbaireachd aig Uicipeid
Faidhle
Deasbaireachd an fhaidhle
MediaWiki
Deasbaireachd MediaWiki
Teamplaid
Deasbaireachd na teamplaid
Cobhair
Deasbaireachd na cobharach
Roinn-seòrsa
Deasbaireachd na roinn-seòrsa
TimedText
TimedText talk
Mòideal
Deasbaireachd mòideil
Event
Event talk
Sondershausen
0
33570
583660
576619
2026-09-10T05:38:26Z
Gliwi
24101
([[c:GR|GR]]) [[File:Wappen Sondershausen.png]] → [[File:DEU Sondershausen COA.svg]] PNG → SVG
583660
wikitext
text/x-wiki
{{Baile
| AINM = Sondershausen
| LÙIREACH = DEU Sondershausen COA.svg
| LÙIREACH_LEUD = 80
| MAPA = Sondershausen in KYF.png
| DEALBH = Rondell SDH3.jpg
| DÙTHAICH = [[Faidhle:Flag of Germany.svg |22px]] [[A' Ghearmailt]]
| CEÀRN = [[Faidhle:Wappen Kyffhäuserkreis.svg|18px]] Kyffhäuserkreis
| SGÌRE = [[Faidhle:Flag of Thuringia.svg|22px]] [[Thüringen]]
| LEUD = 51° 22' 15' Tuath
| ASTAIR = 10° 52' 20' Ear
| FARSAINGEACHD = 200.82
| ÀIREAMH_SHLUAIGH = 21907
| BLIADHNA = 2013
| FÒN = +49 (0)3632, (0)36020 agus (0)36330
| DUILLEAG = [http://www.sondershausen.de A' Chomhairle]
}}
‘S e [[baile]] meadhanach faisg air [[Göttingen]] ann an cridhe [[A' Ghearmailt|na Gearmailte]] a th’ ann an '''Sondershausen'''. Tha e suidhichte aig 208m os cionn ìre na [[Muir|mara]], ri taobh [[Abhainn|na h-aibhne]] ''Wipper'' am broinne na stàite [[Thüringen]]. Tha am baile 95km air falbh bho [[Kassel]], 45km bho [[Erfurt]], 105km bho [[Leipzig]] agus 217km bho [[Berlin|Bherlin]].<ref>[http://www.luftlinie.org Luft Linie]</ref> Tha 21,907 duine a' fuireach ann.<ref>[https://www.destatis.de Destatis]</ref>
==Eachdraidh==
Chaidh Sondershausen a chlàradh airson a’ chiad turais ann an [[1125]] mar àite a bhuineadh do dhithis [[easbaig]], air an robh Wydego agus Remarus. Thog Gunther XL von Schwarzburg caisteal an seo ann an [[1534]].<ref>[https://web.archive.org/web/20160117011950/http://www.schatzkammer-thueringen.de/de/schloesser/schloss-sondershausen.html Schatzkammer]</ref> Ghabh am baile ris an [[An t-Ath-Leasachadh|Ath-Leasachadh]] ann an [[1539]].<ref>[https://web.archive.org/web/20150729064551/http://aktuell.meinestadt.de/sondershausen Aktuell Meinestadt]</ref> Rinn [[teine]] droch mhilleadh air Sondershausen ann an [[1621]] agus thug a‘ phlàigh buaidh mhòr air ann an [[1598]], [[1613]] agus [[1621]], a bharrachd air tuiltean marbhtach a rinn cron air Sondershausen agus Thüringen air fad ann an 1613.<ref>Thüringische Sintflut vom Jahre 1613, Bericht über die Tätigkeit des Königlich Preußischen Meteorologischen Instituts im Jahre [[1912]], Behrend & Co. [[Berlin]] [[1913]], S. 21-57 mit Karte.</ref> Chuairtich feachdan [[An t-Suain|na Suaine]] am baile ann an [[1639]] agus [[1640]] ri linn [[Cogadh nan Seachd Bliadhna]].<ref>[http://www.mdsz.thulb.uni-jena.de/happe/erlaeuterungen.php MDSZ]</ref>
B' e [[prìomh-bhaile]] na [[Prionnsalachd Schwarzburg-Sondershausen]] a bh' ann bho [[1697]] gu ruige [[1918]].<ref>[http://www.almanachdegotha.org/id61.html Almanach de Gotha]</ref> Chuir an [[Rìgh]] [[Friedrich Wilhelm III]] às [[A' Phruis]] seachad na h-[[oidhche]] an seo air [[16 an Dàmhair]] [[1806]], an dèidh [[Cath Jena|Chath Jena]]. Chaidh am mèin ''Kaliwerk Glückauf'' fhosgladh ann an [[1893]]<ref>Hans-Jürgen Schmidt: Die Geschichte der Kaliindustrie in Sondershausen von 1926 bis 1995, Starke Druck, Sondershausen 2007, ISBN 978-3-9811062-1-3.</ref> agus an uair sin an thoisich an companaidh ''Lindner und Co''<ref>[http://www.schneider-electric.de/sites/germany/de/unternehmen/profil/geschichte/elso.page Schneider Electric]</ref> [[dealan]] a dhèanamh ann an [[1902]]. Chaidh mu 360 duine, fireannaich agus boireannaich, air an seasgachadh an aghaidh an toil ri linn nan [[Nàsachd|Nàsach]] san [[ospadal]] anns a’ bhaile eadar [[1934]] agus [[1944]]. Aig an àm ud bha gearastan an Airm ann cuideachd. Chaidh 181 duine a mharbhadh ann am bomaidearachd air taighean-gnìomhachais aig deireadh [[Dàrna Cogadh|an Dàrna Cogaidh]] agus bha 40% nan taighean anns a' bhaile air am milleadh gu tur.<ref>Sondershausen von Rudolf Zießler. In Schicksale deutscher Baudenkmale im Zweiten Weltkrieg, Hrsg. Götz Eckardt, Henschel-Verlag, Berlin 1978. Band 2, S. 496–497</ref> B' e [[saighdear|saighdearan]] às [[Na Stàitean Aonaichte]] a chuir ruaig air feachdan [[Adolf Hitler]] an seo ach, anns an [[An t-Iuchar|Iuchar]] 1945, thug iad Sonderhausen, agus Thüringen air fad, suas dhan [[Arm Dearg]], mar phàirt Chòrdadh Yalta.<ref>[http://www.thelatinlibrary.com/imperialism/notes/yalta.html The Latin Library]</ref> Chaochail dusan duine agus chaidh 22 eile air an goirteachadh ann an spreadhadh ann am mèin air an robh ann an [[1952]].
==Bailtean Co-cheangailte==
*[[Faidhle:Flag of Lithuania.svg|22px]] [[Kazlų Rūda]]
*[[Faidhle:Flag of the United States.svg|22px]] [[Rolla]] ([[Missouri]])
*[[Faidhle:Flag of France.svg|22px]] [[Pecquencourt]]
== Iomraidhean ==
<references/>
== Ceanglaichean a-mach ==
*[http://www.thueringen.de/ Riaghaltas Thüringen]
[[Roinn-seòrsa:Bailtean]]
[[Roinn-seòrsa:A' Ghearmailt]]
[[Roinn-seòrsa:Bailtean anns A' Ghearmailt]]
b9ia9q19aa0nnpe5n59dhscu1sywryn
Cleachdaiche:Memoria1
2
41713
583661
2026-09-10T06:41:01Z
Memoria1
33054
Chaidh duilleag le "[[File:Cow-on pole, with antlers.jpeg|thumb|Seall air an dealbh seo de [[bò]], (gun cheangal).]] == '''Mu mo dheidhinn''' == Is toil leam Doctor Who. Tha gràin agam air AI cuideachd, agus mar Wikipedia sin chruthaich mi an cunntas seo. chan eil mi nam Albannach... gu mì-fhortanach. == '''Aois'''== Ciest mhath... Chan eil mi ag ràdh. == '''Coileanaidhean''' == Cuiridh mi fios thugad ma tha gin agam" a chruthachadh
583661
wikitext
text/x-wiki
[[File:Cow-on pole, with antlers.jpeg|thumb|Seall air an dealbh seo de [[bò]], (gun cheangal).]]
== '''Mu mo dheidhinn''' ==
Is toil leam Doctor Who.
Tha gràin agam air AI cuideachd, agus mar Wikipedia sin chruthaich mi an cunntas seo.
chan eil mi nam Albannach... gu mì-fhortanach.
== '''Aois'''==
Ciest mhath...
Chan eil mi ag ràdh.
== '''Coileanaidhean''' ==
Cuiridh mi fios thugad ma tha gin agam
kq55z1dzr2nk290nh4znv2rlscay2gy