Uicipeid gdwiki https://gd.wikipedia.org/wiki/Pr%C3%AComh-Dhuilleag MediaWiki 1.47.0-wmf.20 first-letter Meadhan Sònraichte Deasbaireachd Cleachdaiche Deasbaireachd a' chleachdaiche Uicipeid An deasbaireachd aig Uicipeid Faidhle Deasbaireachd an fhaidhle MediaWiki Deasbaireachd MediaWiki Teamplaid Deasbaireachd na teamplaid Cobhair Deasbaireachd na cobharach Roinn-seòrsa Deasbaireachd na roinn-seòrsa TimedText TimedText talk Mòideal Deasbaireachd mòideil Event Event talk Siorrachd Àir 0 1804 583700 576299 2026-09-19T03:50:18Z InternetArchiveBot 23657 Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5 583700 wikitext text/x-wiki [[Faidhle:AyrshireTraditional.png|230px|right|thumb|Siorrachd Inbhir Àir]] 'S e tè de [[Siorrachdan na h-Alba|shiorrachdan tradaiseanta na h-Alba]] a tha an '''Siorrachd [[Inbhir Àir]]''' no '''Siorrachd Àir'''.<ref>[https://web.archive.org/web/20160408024521/http://gaelicplacenames.org/databasedetails.php?id=2512 Ainmean-Àite na h-Alba]</ref> == Comhairlichean == [[Faidhle:MapOfAyrshire.png|thumb|right|Comhairlean Shiorrachd Àir.]] Bha trì sgìrean traidiseanta ann an Siorrachd Àir: Coineagan, Caol agus Carraig. Tha trì comhairlichean ann an Siorrachd Inbhir Àir: * [[Comhairle Shiorrachd Àir a Deas]] * [[Comhairle Shiorrachd Àir a Tuath]] * [[Comhairle Shiorrachd Àir an Ear]] == Iomraidhean == <references/> ==Ceanglaichean a-mach== * [http://www.ayrshirescotland.com www.ayrshirescotland.com] Clans, Castles, Country Parks, Mansions, Golf & Accommodation. * [https://web.archive.org/web/20070928033516/http://www.ayrshirelangaming.com/ Ayrshire Local Gaming] * [https://web.archive.org/web/20130723002516/http://www.ayrshire-arran.com/ Ayrshire & Arran Tourist Board] * [https://web.archive.org/web/20070927212727/http://www.scotlandone.com/galleries/do:regionAyrshire Ayrshire - Photo Database] * [https://web.archive.org/web/20071206115633/http://www.ruleworks.co.uk/Ayrshire/ Visit Ayrshire & Arran Guide] * [https://ayr-placenames.glasgow.ac.uk/ Place-Names of the Coalfield Communities] {{DEFAULTSORT:Air, Siorrachd}} {{Siorrachd Àir}} {{Smachd ùghdarrais}} [[Roinn-seòrsa:Siorrachdan na h-Alba]] [[Roinn-seòrsa:Siorrachd Àir|*]] c7j8iwganzkv6a805kgyqknb3dfm4hy Siorrachd Pheairt 0 1807 583699 583684 2026-09-19T03:47:22Z InternetArchiveBot 23657 Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5 583699 wikitext text/x-wiki {{Sgìre | AINM = Siorrachd Pheairt | BRATACH = | LÙIREACH = Perthshire arms.png | LÙIREACH_LEUD = 60 | DEALBH = | GLACADH= | MAPA = PerthshireTraditional.png | DÙTHAICH =Alba | CEÀRN = | SGÌRE = | PRÌOMH-BHAILE = [[Peairt]] | BAILE AS MOTHA =[[Peairt]] | ÙGHDARRAS IONADAIL = | TIOTAL AN CEANNARD = | CEANNARD = | LEUD = 56° 23′ 45.24″ T | ASTAIR = 3° 26′ 4.18″ I | COMHARRADH = NO115235 | FARSAINGEACHD = 6547 | ÀIREAMH_SHLUAIGH = | BLIADHNA = | MUINNTIR = | CÀNAN = Beurla, Beurla Ghallda, Gàidhlig | FÒN = | Làrach-lìn = }} 'S e fear de na [[Siorrachdan na h-Alba|Siorrachdan traidiseanta na h-Alba]] a bha ann an '''Siorrachd Pheairt''' agus 's e [[Peairt]] a bha na phrìomh-bhaile. 'S e "Pro Lege et Libertate" ("Airson lagha agus saorsainne") a tha ann am ''motto'' na siorrachd. == Bailtean == * [[Achadh Chaladair]], [[Àth a' Chàirn]], [[Achadh na Follt]], [[Ailt]], [[Àth Maol Ruibhe]], [[Àird Talnaig]] * [[Blàr Athall]], [[Blàr Ghobhraidh]], [[Baile Chloichridh]], [[Baile an Luig]], [[Blàr-na-gobhainn]], [[Baile a' Chlachain]], [[Both Bhùirnich]] * [[Cuimrigh]], [[Cùbar Aonghais]], [[Craoibh]], [[Ceann Rois]], [[Cluainidh]], [[A' Cheannmhor]], [[Coille Chnagaidh]], [[Ceann Loch Raineach]], [[An Ceann Àrd]], [[Ceann eas ciad]], [[Cinn Rosaidh]], [[Cille Mhìcheil (Peairt is Ceann Rois)|Cille Mhìcheil]] * [[Drochaid Èireann]], [[Drochaid Theilt]], [[Dùn Chailleann]], [[Dàil Ghiuthais]], [[Dul]] * [[Feàrnan]], [[Feith nan Ceann]], [[Forgrann Eithne]], [[Fothair Tabhaicht]], [[Fartairchill]] * [[Labhar]], [[Lag an Ratha]], [[Longartaidh]] * [[Mìgeil]], [[Meadhanaidh]], [[Maothail, Peairt|Maothail]] * [[Obar Pheallaidh]], [[Obar Phuill]], [[Obar Fhargaidh]], [[Obar Dailchinn]], [[Obar Neithich]], [[Obar Ruadhainn]] * [[Peairt]] * [[Rochgorton]] * [[Srath Gaoithe]], [[Sgàin]], [[Spideal Ghlinn Sìdh]] * [[Tobair Mhuire]], [[Trian a' Phuir]] * [[Uachdar Àrdair]] == Cruinn-eòlas == * [[Loch Dhùn Alastair]], [[Loch Èireann]], [[Loch Faschoille]], [[Loch Lìomhann|Loch Lìobhann]], [[Loch Eireachd]], [[Loch Raineach]], [[Loch Tatha]], [[Loch Teimhil]] == Tuilleadh Leughaidh == [[Tòmas MacCalmain|Murchison, T. M.]] 'Gaelic in Perthshire', ''[[An Gàidheal|An Gaidheal]]'' XLIII: 1, An Dàmhair 1947, d. 6. == Ceanglaichean a-mach == === Sa Ghàidhlig === * [https://web.archive.org/web/20250125055355/https://www.tobarandualchais.co.uk/track/13227?l=gd “Ainmean-Àite ann an Siorrachd Pheairt”] le [[Tobar an Dualchais]] * [https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/63293418 BBC Naidheachdan 2022-10-18: Gàidhlig Pheairt] ''(aithris-bhideo 5:13)'' * [http://www.bbc.co.uk/programmes/b03zmv9p "Dualchas Siorrachd Pheairt"] Gàidhlig ann an Siorrachd Pheairt leis an t-Oll. MacAonghais aig [[Radio nan Gàidheal]] === Eile === * [https://web.archive.org/web/20160303175136/http://www.linguae-celticae.org/dateien/Gaidhlig_Local_Studies_Vol_27_Peairt_Sruighlea_Ed_II.pdf Gàidhlig ann an Siorrachd Pheairt] le Scottish Gaelic Local Studies * [https://web.archive.org/web/20070927214826/http://www.british-history.ac.uk/report.asp?compid=43470#s13 "Perthshire" from ''A Topographical Dictionary of Scotland'' by Samuel Lewis, London, 1846 (British History Online] * [http://www.perthshire.com/ Perth & Kinross Council] * [https://web.archive.org/web/20070308054603/http://vision.edina.ac.uk/GBH_match_page.jsp?ons=Perth%20and%20Kinross A Vision of Britain Through Time: A vision of Perth and Kinross] {{Smachd ùghdarrais}} {{DEFAULTSORT:Pheairt, Siorrachd}} [[Roinn-seòrsa:Siorrachdan na h-Alba]] [[Roinn-seòrsa:Siorrachd Pheairt]] rex696lgfhevem8ta5yee62d3ghem5j Iosif Stalin 0 4252 583689 583221 2026-09-18T22:04:58Z CommonsDelinker 222 Replacing Stalin_Full_Image.jpg with [[File:Joseph_Stalin_in_1937_with_his_pipe_smoking.jpg]] (by [[:c:User:CommonsDelinker|CommonsDelinker]] because: [[:c:COM:FR|File renamed]]: [[:c:COM:FR#FR2|Criterion 2]] (meaningless or ambiguous name) · less ambiguo 583689 wikitext text/x-wiki {{Bogsa eachdraidh-bheatha}} [[File:Joseph Stalin in 1937 with his pipe smoking.jpg|thumb|Iosif Stalin]] 'S e neach-poilitigs connspaideach anns an t-[[Aonadh Sobhiat]] a bha ann an '''Iosif Vissarionovič Stalin''' (1878&#8211;1953; [[Cairtbheilis]]: იოსებ ბესარიონის ძე სტალინი, [[Ruisis]]: Иосиф Виссарионович Сталин). 'S ann às [[a' Chairtbheil]] a bha Stalin, agus rugadh e le ainm-sloinnidh Džugašvili (Cairtbheilis: ჯუღაშვილი, Ruisis: Джугашвили). Bha e na Rùnaire Choitcheann Pàrtaidh Co-mhaoineachAonaidh Sobhiat ann an 1922&#8211;1952. As dèidh bàis [[Vladimir Lenin]], bhuain e an aghaidh [[Leon Trotsky]] san strì de na1920an. Anns na 1930an, rinn Stalin purgaid mòr, a' rugadh am bàrr ann an [[1937]]. Canar [[Stalineachd]] ris an stoidhl [[poileataigs]] a rinn e. B' e [[Grigory Zinoviev]], Stalin agus [[Lev Kamaniev]] a riagladh na [[dùthaich|dùthcha]] gus an deach Stalin a-mach air Zinoviev agus Kamaniev. Dh' fhàgadh air Stalin gur e esan a bha as coireach airson an [[Holodomor]] - Gort na h-Ucràine - a chuir às do còrr is 3,000,000 duine san [[An Ucràin|Ucràin]] eadar [[1932]] agus [[1933]].<ref>[https://web.archive.org/web/20221105110527/https://gis.huri.harvard.edu/population-losses Harvard]</ref> ==Ann an Leabhraichean== *[[Cridhe Coin]], le [[Mikhail Bulgakov]] ==Iomraidhean== <references/> {{DEFAULTSORT:Stalin, Iosif Vissarionovic}} [[Roinn-seòrsa:Daoine às an Aonadh Sobhiatach]] [[Roinn-seòrsa:An Dàrna Cogadh]] [[Roinn-seòrsa:Co-mhaoineas]] [[Roinn-seòrsa:Poileataigs]] [[Roinn-seòrsa:Daoine às a' Chairtbheil]] 2qbsgsf8vjajdjfgb83q1bws815sejn Kraków 0 16362 583693 583369 2026-09-19T01:35:50Z CommonsDelinker 222 Replacing Flag_of_Kraków.svg with [[File:Flag_of_Kraków(2-3).svg]] (by [[:c:User:CommonsDelinker|CommonsDelinker]] because: [[:c:COM:FR|File renamed]]: different aspect ratio than statute.). 583693 wikitext text/x-wiki {{Baile | AINM = Kraków | BRATACH = Flag of Kraków(2-3).svg | LÙIREACH = POL Kraków COA.svg | LÙIREACH_LEUD = 80 | MAPA = Collage of views of Cracow.PNG | DÙTHAICH = [[a' Phòlainn]] | CEÀRN = Małopolska Province | SGÌRE = | LEUD = 50° 3′ 41″ Tuath | ASTAIR = 19° 56′ 18″ Ear | FARSAINGEACHD = 327 | ÀIREAMH_SHLUAIGH = 761873 | BLIADHNA = 2014 | FÒN = (+48) 024 | DUILLEAG = [http://www.krakow.pl www.krakow.pl] }} Tha '''Kraków''' ([[Polais]]: "Kraków", [[IPA]]: ''''krakuf''', [[Gearmailtis]]: Krakau, [[Liotuànais]]: Krokuva, Laitbhis: Krakova) na bhaile mòr anns a' [[a' Phòlainn|Phòlainn]]. Tha [[Làrach Dhualchas na Cruinne]] an seo. Anns a' bhliadhna 2009 bha 754, 626 duine a' fuireach ann. Tha [[Krzeszowice]] faisg air Kraków. Tha Kraków 227km air falbh bho [[Lublin]], 229km bho [[Kurów]], 482km bho [[Gdańsk]] agus 252km bho [[Warsaw]], prìomh-bhaile na [[Dùthaich|dùthcha]].<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/World_Distance_Calculator.asp Global Feed Distance Calculator]</ref> Chaochaill [[Czesław Miłosz]], sgrìobhadair agus bàrd ainmeil, an seo ann san 14 an Lùnasdal 2004. Chaidh an t-[[Oilthigh Jagiellonian]] a stèidheachadh an seo ann an [[1364]]. Tha Kraków suidhichte air an [[Abhainn]] Vistula ann am Pòlainn a Deas. Tha e 62 mìltean bhon t-[[An t-Seic|Seic]]. == Eachdraidh == Tha sgrùdaidhean na rinn [[Arc-eòlas|arc-eòlasaichean]] a’ sealltainn gun stèidheachadh tuineachadh ann an Linn a’ Choich san àite far a bheil Wawel an latha an-diugh. A bharrachd air sin, tha [[Beul-aithris|a’ bheul-aithris]] ag ràdh gur e riaghladair miotasach, air an robh Krakus, a stèidhich am baile air [[uamh]] ann an Wawel, far an robh dràgon craosach o shean. Dh’ fheuch mòran ridirean ris an dràgon a chur a-mach às an àite is iad a’ sabaid an aghaidh gun soirbheas, gus a thug greusaiche, air an robh Dratewka, caora làn pronnasg dha; dh’ ith an dràgon i, dh’ òl e [[uisge]] na h-aibhne Vistula is spreadh e.<ref>[https://web.archive.org/web/20090903114208/http://pedagogie2.ac-reunion.fr/cotamarp/lrdw/pologne/la_legende_du_dragon_de_wawel.htm Légende du Dragon du Wawel]</ref> Chaidh Kraków a chlàradh airson a’ chiad turas ann an [[966]] le fear-siubhail arabach [[Iùdhachd|Iùdhach]] às [[An Spàinn]], air an robh Ibrahim ibn Ya'qub, a sgrìobh gur e àite cliùiteach taobh mhalairt a bh’ann.<ref>[http://www.krakowpost.com/article/141 Kraków Post]{{Dead link|date=October 2022 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref> ‘S e baile mòr malairteach a bh' ann aig deireadh an [[8mh Linn]] mar-thà, is e na phàirt leasan nam [[Piast]]. Thogadh caochladh thogalach ann an clachan-chreadha, mar eisimpleir an Caisteal Hatted, [[eaglais]] Ròmanach an Naoimh Adalbert,<ref>[https://web.archive.org/web/20111114184520/http://www.cracow.travel/guide-to-krakow/let-s-visit/old-town/action,get,id,2903,t,St-Adalbert-s-Church.html Cracow Travel]</ref> a’ chathair-eaglais agus an eaglais mhòr. Chaidh sgrios a dhèanamh air a’ bhaile gu lèir ri linn ionnsaighean nan Tartar ann an [[1241]],<ref>[https://web.archive.org/web/20110430230159/http://altiok.blox.pl/2011/03/PIEKIELNA-POZOGA-W-KRAKOWIE-22-marca-1241-22.html Kartki z Historii]</ref> [[1259]] agus [[1287]].<ref>Stanisław Krakowski, Polska w walce z najazdami tatarskimi w XIII wieku, wyd. MON 1956, duilleagan 211-223 </ref> Chaidh Kraków a thogail a-rithist is chaidh Comhairle stèidheachadh ann an [[1257]],<ref>[http://www.loftykrakow.pl/lofty/e1/pl/okrakowie/ Lofty Kraków]</ref> tro na [[lagh]]an [[Magdeburg]], a thug buannachdan chìsean is sochairean marsanta do mhuinntir a’ bhaile. Dh’ fhàs am baile na bu chudromaiche bho [[1364]], nuair a stèidhich Kazimierz III an t-Oilthigh Jagiellonian, an dàrna oilthigh na bu chliùitiche air àirde an ear na Roinn Eòrpa, an dèidh Oilthigh Phràg.<ref>[http://www.sciaga.pl/slowniki-tematyczne/374/kultura-polska-xiv-wiek/ Sciaga]</ref> Lean am baile air is e a’ fàs tro Aonadh na Pòlainn ri [[Liotuàinia]] ri linn uachdaranachd a stèidhich [[Jogaila]] ([[1386]] – [[1572]]). Mar phrìomh-bhaile stàit cumhachdail, agus ball na Lìog Hansa,<ref>[http://www.journeymart.com/de/poland/krakow/krakow-historic-centre.aspx Journey Mart]</ref> bha am baile uabhasach tarraingeach do luchd-ciùird, [[neach-malairt|luchd-malairt]] agus comainn-ciùird, is thug sin fàs do [[saidheans|shaidheans]] is [[Ealain]]. Bha Kraków na phrìomh-bhaile na dùthcha, gu ruige [[1609]].<ref>[https://web.archive.org/web/20140901124138/http://cracoviae.com/fr/component/content/article/10-introduction-a-cracovie/23-quelques-dates.html Cracoviae]</ref> ‘S e eachdraidh na Pòlainn air fad a th' ann eachdraidh a’ bhaile sin, is tha e uabhasach cudromach gun cuireadh Kraków, is A’ Phòlainn Ìosail ([[Pòlais]]: Małopolska) air fad, ris [[An Ostair]] nuair an do deach an dùthaich a roinneadh treas tursan fad an [[18mh Linn]] eadar [[An Ruis]], [[A’ Phrùis]] is An Ostair fhèin.<ref>[https://web.archive.org/web/20130810050818/http://turystyka.org.pl/Wy%C5%BCyna-Ma%C5%82opolska-historia-r21 Turystyka]</ref> Ann an [[1809]] chaidh e a chur ri Diùcachd Mhòr Warsaw ("cosantaireachd" neo stàit saideal iompaireachd mhòr na [[An Fhraing|Frainge]], a chruthaich Napoleón Bonaparte), ach cha do mhair an stàit seo idir. An dèidh mì-bhuaidh Napoleón chaidh Saor-bhaile Kraków a chruthachadh leis a’ bhaile is an sgìre mu thimcheall aig a’ Cho-chruinneachadh Vienna, ann an [[1815]].<ref>[https://web.archive.org/web/20100413143919/http://www.historia.rekto.net/4b/8.htm Historia Rekto]</ref> ‘S e an aon criomadh fhearainn shaor nam Pòlach a bh' ann co-dhiù, ach ghabh An Ostair thairis Saor-bhaile Kraków a-rithist, an dèidh ar-a-mach [[1846]]. An uair sin bha e na phàirt Ìompaireachd na h-Ostair-Ùngair. Fiù 's fo bhuaidh na h-Ostair [[Caitligeach|Chaitligeach]], a bha mòran na bu cheadaiche na Pruise Phròstanach is na Ruise Ceart-chreideamhach, bha Kraków aig teis-mheadhan cultair na Pòlainn.<ref>[http://www.historyfiles.co.uk/FeaturesEurope/EasternPoland_Habsburgs01.htm History Files]</ref> Aig àm [[An Cogadh Mòr|a’ Chogaidh Mhòir]], gu h-àraidh ann an [[1917]], chaidh am baile a chruth-atharrachadh ann am Prìomh-ghearasdan nan [[A' Ghearmailt|Gearmailteach]] agus teis-mheadhan "stàit Phòlach" a bheireadh taic dhan a’ Ghearmailt. An dèidh a’ chogaidh, ‘s e Kraków fear dhe na sgìrean a bhrosnaich A’ Phòlainn ùr neo-eisimeileach. Ann an [[1979]] chaidh Karol Wojtyla, Àrd-easbaig a’ bhaile, ainmeachadh [[Pàp]], anns [[An Roimh]].<ref>[https://web.archive.org/web/20140901124138/http://cracoviae.com/fr/component/content/article/10-introduction-a-cracovie/23-quelques-dates.html Cracoviae]</ref> == Daoine Ainmeil == * Stefan Banach: ([[1892]] – [[1945]]) Matamataigear. * Henryk Grossman: ([[1881]] – [[1950]]) [[Eaconamaiche]]. * Wojciech Jerzy Has: ([[1925]] – [[2000]]) Riochdaire fiolmaichean. * Roman Ingarden: ([[1893]] – [[1970]]) [[Feallsanachd|Feallsanaiche]]. * Tadeusz Kantor: ([[1915]] – [[1990]]) Fear-[[drama]], Sgrìobhadair, Dealbhadair. * Roma Ligocka: ([[1938]]) Dealbhadair. * Bronisław Malinowsk: ([[1884]] – [[1942]]) [[Corp-eòlas|Corp-eòlaiche]]. * Jan Matejko: ([[1838]] – [[1893]]) Dealbhadair. * Ewa Lipska: ([[1945]]) [[Bàrd]]. * Wanda Wasilewska: ([[1905]] –[[1964]]) Neach-naidheachd, [[Comannachas|Comannach]], Sgrìobhadair. == Bailtean Co-cheangailte == {| style="background:transparent" | style="vertical-align:top" style="width:50%" | * [[Faidhle:Flag of France.svg|20px]] [[Bordeaux]] <ref>[https://web.archive.org/web/20120714013054/http://www.bordeaux.fr/ebx/portals/ebx.portal?_nfpb=true&_pageLabel=pgPresStand8&classofcontent=presentationStandard&id=5524 Ville de Bordeaux]</ref> * [[Faidhle:Flag of Hungary.svg|20px]] [[Budapest]] <ref>[https://web.archive.org/web/20050305233044/http://www.budapest.hu/engine.aspx?page=search Budapestportál]</ref> * [[Faidhle:War flag of Peru.svg|20px]] [[Qusqu]]<ref>[https://web.archive.org/web/20090303141248/http://www.municusco.gob.pe/web/index.php Municipalidad Provincial del Cuzco]</ref> * [[Faidhle:Flag of Scotland.svg|20px]] [[Dùn Èideann]]<ref>[https://web.archive.org/web/20120614133841/http://www.edinburgh.gov.uk/info/695/council_information_performance_and_statistics/685/european_international_and_parliamentary_relations/3 Comhairle Dhùin Èideann]</ref> * [[Faidhle:Flag of Morocco.svg|20px]] Fès<ref>[https://web.archive.org/web/20051023042538/http://www.portaildefes.ma/ فاس]</ref>(Càirdeas) * [[Faidhle:Flag of Italy.svg|20px]] [[Firenze]] <ref>[http://www.comune.firenze.it/home.htm Città di Firenze]</ref> * [[Faidhle:Flag of Germany.svg|20px]] [[Frankfurt]]<ref>[https://web.archive.org/web/20141102111736/http://www.frankfurt.de/sixcms/detail.php?id=3932 Stadt Frankfurt am Main]</ref> * [[Faidhle:Flag of Sweden.svg|20px]] [[Göteborg]]<ref>[http://www.goteborg.se/wps/portal/!ut/p/c4/04_SB8K8xLLM9MSSzPy8xBz9CP0os3gjU-9AJyMvYwML8xBjA6MwF0dLvyBzQ6NQE_2CbEdFAITcJHs!/?WCM_PORTLET=PC_7_25KQB2J3087T302VDA9NR712U3000000_WCM&WCM_GLOBAL_CONTEXT=/wps/wcm/connect/goteborg.se/goteborg_se/politikoorganisation/organisation/resurser/internationell+verksamhet/art_n010_partnerstader Stad Göteborg]</ref> * [[Faidhle:Flag of Austria.svg|20px]] Innsbruck<ref>[https://web.archive.org/web/20120209225634/http://www.innsbruck.at/io30/browse/Webseiten/Content Stadt Innsbruck]</ref> * [[Faidhle:Flag of Germany.svg|20px]] [[Leipzig]]<ref>[https://web.archive.org/web/20090926215502/http://www.leipzig.de/de/business/wistandort/international/partnerst/index.shtml Stadt Leipzig]</ref> * [[Faidhle:Flag of Ukraine.svg|20px]] [[Lviv]]<ref>[https://web.archive.org/web/20110225023616/http://www.city-adm.lviv.ua/ Львів]</ref> * [[Faidhle:Flag of Italy.svg|20px]] [[Milano]] <ref>[http://www.comune.milano.it/portale/wps/portal/CDM?WCM_GLOBAL_CONTEXT=/wps/wcm/connect/contentlibrary/In+Comune/In+Comune/Citt+Gemellate/&sizeStyle=defautSize&colorStyle=defautColor Comune di Milano]{{Dead link|date=October 2022 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref> |valign="top"| | width = "550" | * [[Faidhle:Flag of Germany.svg|20px]] [[Nürnberg]] <ref>[http://nuernberg.de/internet/international/krakau_home.html Stadt Nürnberg]</ref> * [[Faidhle:Flag of France.svg|20px]] Orléans<ref>[http://www.orleans.fr/mairie/europe-international/villes-jumelles/cracovie.html Ville d’Orléans]{{Dead link|date=July 2024 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref> * [[Faidhle:Flag of Hungary.svg|20px]] Pécs<ref>[https://web.archive.org/web/20111120030819/http://varoslako.pecs.hu/ Pécs Város Slakó]</ref> * [[Faidhle:Flag of the United States.svg|22px]] Rochester ([[Eabhraig Nuadh]])<ref>[http://www.sister-cities.org/directory/index.cfm SisterCities]</ref> * [[Faidhle:Flag of the United States.svg|22px]] [[San Francisco]] ([[Calafòrnia]])<ref>[http://www.sister-cities.org/directory/index.cfm SisterCities]</ref> * [[Faidhle:Flag of Russia.svg|20px]] [[Sankt Peterburg]] <ref>[http://gov.spb.ru/ Санкт-Петербург]</ref> * [[Faidhle:Flag of Spain.svg|20px]] [[Sevilla]] <ref>[https://web.archive.org/web/20110412180453/http://www.sevilla.org/ Ayuntamiento de Sevilla]</ref> * [[Faidhle:Flag of Switzerland.svg|20px]] Solothurn<ref>[https://web.archive.org/web/20111125205645/http://www.stadt-solothurn.ch/de/ Stadt Solothurn]</ref> * [[Faidhle:Flag of Georgia.svg|20px]] [[Tbilisi]] <ref>[http://www.tbilisi.gov.ge/ თბილისი]</ref> * [[Faidhle:Flag of Lithuania.svg|20px]] [[Vilnius]]<ref>[http://www.vilnius.lt Vilniaus Miesto Savivaldybė]</ref> * [[Faidhle:Flag of Croatia.svg|20px]] [[Zagreb]] <ref>[http://www.zagreb.hr/default.aspx Zagreb]</ref> |} == Dealbhan == <gallery> File: POL Kraków map.svg|suidheachadh Kraków anns a’ Phòlainn File: Wisla Krakow.jpg|Abhainn Vistula File: Nuremberg chronicles - CRACOVIA.png|Am baile ann an 1493 File: Kraków - Wawel from Kopiec Krakusa.jpg|Wawel bho Khopiec Krakusa </gallery> == Ceangal a-mach == * [http://www.krakow.pl Duilleag oifigeil Kraków] * [http://www.e-krakow.pl Kraków] - duilleag == Iomraidhean == <references/> {{Commons|Krakow}} [[Roinn-seòrsa:A' Phòlainn]] [[Roinn-seòrsa:Bailtean]] hnh0zqsgaqy1kwe1rz98xpcfwzppkrl Muammar al-Gaddafi 0 19428 583698 583669 2026-09-19T02:36:04Z InternetArchiveBot 23657 Rescuing 0 sources and tagging 1 as dead.) #IABot (v2.0.9.5 583698 wikitext text/x-wiki {{Bogsa eachdraidh-bheatha}} B' e '''Muammar Muhammad Abu Minyar al-Gaddafi''', neo dìreach '''Muammar Al-Gaddafi''' ([[Arabais]]:مُعَمَّر القَذَّافِي/معمر محمد أبو منيار القذافي‎) ([[Qasr Abu Hadi]], 19mh [[An t-Ògmhios]] [[1942]] – 20mh [[An Dàmhair]] [[2011]]) [[saighdear]] à [[Libia]]<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> agus bha e na [[deachdaire|Dheachdaire]] an siud bho [[1969]] gu ruige [[2011]].<ref>[http://www.faz.net/aktuell/muammar-al-gaddafi-bruder-oberst-aus-einer-anderen-welt-11499879.html Frankfurter Allgemeine Zeitung]</ref> Chaidh e a chur gu bàs anns an t-sràid le feachdan an riaghaltais ùir.<ref>[http://internacional.elpais.com/internacional/2011/10/20/actualidad/1319131038_249772.html El País]</ref> Fhuair e dubh-chàineadh air feadh an t-saoghail air sgàth na rinn e nuair a bha e os cionn riaghaltas na [[dùthaich|dùthcha]] aige.<ref>[https://web.archive.org/web/20111024114958/http://www.amnesty.org/fr/news-and-updates/libyans-must-see-justice-after-death-colonel-al-gaddafi-2011-10-20 Amnisty International]</ref> A bharrachd air sin, bha e ainmeil airson a chuid taic a chur gu buidhnean ceannarcach air feadh an t-saoghail.<ref>[http://news.bbc.co.uk/1/hi/world/europe/1653848.stm BBC]</ref> == Teaghlach == Rugadh e do dhaoine bhochd aig àm an [[Dàrna Cogadh|Dàrna Cogaidh]] ann an teanta faisg air Sirte, leth slighe eadar Tripoli agus Benghazi. Bhuineadh e dhan treubh Gaddafa.<ref>[https://web.archive.org/web/20111019193640/http://www.cidob.org/es/documentacio/biografias_lideres_politicos/africa/libia/muammar_al_gaddafi Centro de Estudios y Documentación de Barcelona]</ref> ‘S e mac Abu Minyar agus Didi, boireannach [[Iùdhachd|Iùdhach]], a bh’ ann. Bha dithis [[Bràthair|bhràthair]] is aon [[piuthair|phiuthair]] aige.<ref>[http://isengzone.blogspot.com/2011/03/muammar-gaddafi-biography.html Isengzone]</ref> Phòs e dà thurais: a’ chiad turas ri Fatiha Al-Nuri, a bha na tìdsear,<ref>[http://www.dailymail.co.uk/news/article-2051503/Saif-Gaddafi-captured-alive-uninjured-Nessma-claim-Libyan-officials.html Daily Mail]</ref> ann an [[1969]] is an uair sin phòs e ris an nurs aige, Safia Farkash, ann an [[1970]].<ref>[https://web.archive.org/web/20111024163817/http://marriage.about.com/od/infamous/p/Safia-Farkash-And-Muammar-El-Qaddafi-Marriage-Profile.htm About]</ref> Fhuair iad seachdnar chloinne (Saif Al-Islam, Saadi, Mutassim, Hannibal, Saif Al-Arab, Khamis agus Milad) is nighean (Aisha) ri chèile, a bharrachd air Muhammad, a mhac a fhuair e leis a’ chiad bhean aige.<ref>[http://www.bbc.co.uk/news/world-africa-12531442 BBC]</ref> Chaidh dithis dhaibh, Mutassim agus Saif Al-Arab, a mharbhadh ann an [[2011]]. Dh’uchd-mhacaich e nighean eile air an robh Hanna. == Foghlam == Fhuair e a chuid fhoghlaim aig bun-sgoil Chorànach ann an Sirte fhèin is an uair sin aig Àrd-sgoil ann an Sebha, Roinn Fezzan. Thug e ceum ann an [[Lagh]] aig Oilthigh Libia agus chaidh e dhan Sgoil Shaighdearachd na dùthcha, ann am Benghazi, ann an [[1963]]. Mu dheireadh thall, chuir e seachad ùine ghoirid aig Sgoil Shaighdearachd Camberley, ann an [[Sasainn]], ann an [[1965]].<ref>[http://www.focac.org/fra/fzsz/rwz/t619440.htm Forum sur la Coopération Sino-Africaine]</ref> Ann an Libia, is air feadh na dùthchannan Arabach, bha an Sgoil Shaighdearachd, agus dreuchd mar oifigear an dèidh sin, an aon ceum fosgailte dha na daoine bhochd thàlantach anns an dùthaich. Dh’fhaodadh ceum a thoirt aig an oilthigh tro mheadhan na feachdan armachd agus thabhainneadh an t-arm an cothrom clàs sòisealta atharrachadh cuideachd. A bharrachd air sin, bha na feachdan armachd an sàs ann am poileataigs is le sin ‘s e seòrsa dhe taghadh reubaltach a bh’ ann, gu h-àraidh air sàilleabh na rinn Nasser anns an Èipheit.<ref>[http://www.biografiasyvidas.com/biografia/n/nasser.htm Biografías y Vidas]</ref> == Ar-a-mach 1969 == Bha oifigearan air feadh na dùthcha fo bhròn air sgath do chuir [[Iosrael]] ruaig air na h-Arabaich uile gu lèir ann an [[1967]]. Bha iad a’ beachdadh an t-saoghail Arabach aonadh is an Rìgh a chur às an dùthaich. Bha Al-Gaddafi an sàs anns an oidhirp sin bho thùs. Dh’èirich iad suas air an 1 [[An t-Sultain]] [[1969]] nuair a bha an Rìgh ann an ospadal thall anns [[An Tuirc]].<ref>[http://news.bbc.co.uk/onthisday/hi/dates/stories/september/1/newsid_3911000/3911587.stm BBC]</ref> Le sin, thoisich 43 bliadhna dhe Deachdaireachd Ghaddafi. == Os cionn na dùthcha == Dh’fhoillsich e an Leabhar Uaine (Arabais:الكتاب الأخضر‎ al-Kitāb al-Aḫḍar) anns na [[70an]], is chleachd e an leabhar gus a chuid fheallsanachd phoiliteagach a thoirt gu bàrr, is ‘s e seòrsa dhe roghainn nàiseanta dhan [[Sòisealachd|Shòisealachd]] agus dhan Chalpas a bh' ann, le eileamaidean [[Ioslam|Ioslamach]] na measg.<ref>[http://midd.free.fr/livrevert.htm Mouvement International pour la Démocratie Directe]</ref> Ann an [[1977]] cruthaich e an Jamahiriya/ﺟﻤﺎﻫﻴﺮﻳﺔ neo "Stàit na daoine uile gu lèir", le na mìltean dhe comataidhean a’ stiùireadh an riaghaltais.<ref>[https://web.archive.org/web/20140530221252/http://www.mathaba.net/info/ Mathaba]</ref> Ann an [[1982]], thoirmisg na [[Stàitean Aonaichte]] in-mhalairt [[Peatrail|a’ Pheatrail]] bho Libia, mar cheum peanasach o chionns gu robh an dùthaich sin a’ toirt taic do cheannarcaich.<ref>[http://www.piie.com/research/topics/sanctions/libya.cfm Pearson Institute for International Economics]</ref> Ann an [[1986]], an dèidh spreadhadh ann an talla-dannsa ann am [[Berlin]], is dithis bho Aimearaga air am marbhadh, thug na Stàitean Aonaichte ionnsaighean le plèanaichean cogaidh air Tripoli agus Benghazi.<ref>[http://www.piie.com/research/topics/sanctions/libya.cfm Pearson Institute for International Economics]</ref> A bharrachd air sin, chuir iad smachd-bhannan eaconamach an gnìomh an aghaidh Libia. Aig deireadh na [[80an]] bhite a’ fàgail air Riaghaltas Libia taobh a bhith an sàs anns na h-ionnsaighean an aghaidh plèanaichean aig companaidhean adhair mar Phan Am agus UTA, is an turas sin ‘s e na Nàiseanan Aonaichte fhèin a chuir smachd-bhannan an gnìomh, ann [[Am Màrt]] [[1992]].<ref>[http://www.elmundo.es/elmundo/2003/09/12/internacional/1063378693.html El Mundo]</ref> Ann an [[1992]] agus [[1993]] agus chuir na Nàiseanan Aonaichte tuilleadh smachd-bhannan cruaidh air Libia is iad a’ fàgail air Al-Gaddafi gu robh e a toirt taic-airgid do cheannaircich air feadh an t-saoghail.<ref>[https://web.archive.org/web/20120718125146/http://www.noticias24.com/actualidad/noticia/336680/fechas-clave-de-libia-desde-la-conquista-del-pais-por-italia/ Noticias 24]</ref> Cha do deach na smachd-bhannan sin a chur an dara taobh ach ann an [[1999]]. Dh’fhàs suidheachadh eaconamach na dùthcha na bu mhiosa air sàilleabh na smachd-bhannan sin agus leis gu robh prìs a’ pheatrail a’ tuiteam aig ìre eadar-nàiseanta, is le sin nochd mì-thoileachas fad is farsaing. Ann an [[1993]], rinn buidheann dhe oifigearan foill-mhortadh an aghaidh Al-Gaddafi, ach chuir esan ruaig orra.<ref>[http://www.renenaba.com/kadhafi-portrait-3/ Réné Naba]</ref> Chaidh còrr is 1,500 a chur an greim agus chaidh siostam riaghladh an airm ath-structaradh uile gu lèir. Ann an [[1998]] thachair oidhirp mharbhtach eile an aghaidh Al-Gaddafi. Chaidh e a losgadh air, agus dhèanadh obair-lannsa airsan gus a bheatha a shàbhaladh. Dh’fhàillig oidhirp eile an ceann greis, is chum Al-Gaddafi a’ dol. Anns na [[2000]] phàigh Al-Gaddafi airgead-dìolaidh do theaghlaichean an fheadhainn a bhàsaich anns an ionnsaigh air Lockerbie.<ref>[http://www.independent.co.uk/news/uk/crime/lockerbie-compensation-from-gaddafi-must-await-appeal-result-says-straw-705165.html The Independent]</ref> Ri linn sin, dhearbhaich an ceann-suidhe, George W. Bush, gun do chuireadh às armachd lèir sgrios Libia. <ref>[http://news.bbc.co.uk/1/hi/3338713.stm BBC]</ref> == Pan-arabas == Bha Muammar Al-Gaddafi, fo bhuaidh na rinn Gamal Abdel Nasser thall anns an Èipheit,<ref>[https://web.archive.org/web/20120614134002/http://www.spartacus.schoolnet.co.uk/2WWnasser.htm Spartacus]</ref> airson sòisealachd Arabach na stàite làn Pan-arabas a thoirt gu buill. Ghabh e thairis iomadach companaidh, gu h-àraidh an fheadhainn a bha le daoine às [[An Eadailt]].<ref>[http://www.repubblica.it/2007/11/sezioni/esteri/italia-libia/italia-libia-scheda/italia-libia-scheda.html La Repubblica]</ref> Beagan an dèidh an riaghaltas a ghabhail thairis, chuir e an t-Arm Breatannach a-mach às an dùthaich, dèidh 13 bliadhna an siud.<ref>[http://www.sununews.com/index.php?option=com_content&view=article&id=6327&catid=53&Itemid=114 Sunu News]{{Dead link|date=September 2026 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref> An uair sin dh’iarr e air na Stàitean Aonaichte gum fàgadh iad an cuid ghearastanan ann an Libia, Wheelus Air Base nam measg.<ref>[https://web.archive.org/web/20110826054558/http://www.airforce-magazine.com/MagazineArchive/Pages/2008/January%202008/0108wheelus.aspx Air Force magazine]</ref> Ann an [[1970]], le taic bhon charaid is comhairliche aige, Abdessalam Jalloud, b’ urrainn dha piseach a dhèanamh ann am prìs a’pheatrail.<ref>[http://www.afriquetribune.fr/2011/10/20/il-y%E2%80%98a-40-anskadhafi-prenait-le-pouvoir%E2%80%A6/ Afrique Tribune]{{Dead link|date=October 2022 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref> Bhrosnaich sin na dùthchannan eile a dhèanadh peatrail is chuir sin poileataigs na cruinne a’ pheatrail bun-os-cionn. O chionn ’s gu robh e airson Pan-arabas, mhol Al-Gaddafi do Nasser gun aonadh iad na dùthchannan aca ri chèile, ach chuir droch shuidheachadh eadar-nàiseanta nan Arabach an dèidh gun do chaill iad an Cogadh ann an [[1967]] stad air sin co-dhiù.<ref>[http://countrystudies.us/libya/32.htm Country Studies]</ref> Eadar [[1973]] agus [[1974]], dh’fheuch e ri aonadh còmhla ri [[Tuinisia]] ann an aon stàit a chur air dòigh.<ref>[https://web.archive.org/web/20110519154954/http://www.dafina.net/gazette/article/la-tentative-d%E2%80%99union-entre-la-tunisie-et-la-libye-en-1970 Dafina]</ref> Ghabh Habib Bourguiba ris a’ chiad chòrdadh ach cha do rinn iad tuilleadh leis nach robh Al-Gaddafi deiseil idir. Air sgath sin, dh’fhàs an suidheachadh eadar Libia agus Tuinisia na bu mhiosa. Bha polasaidhean ionnsaigheach aig Al-Gaddafi taobh na Dùthchannan Cèin, agus ghabh e seilbh de facto air an Raon Aozou, anns [[an t-Siad]], ann an [[1973]], agus fhuair e gràin na Frainge air sgath sin.<ref>[http://allafrica.com/stories/201108241329.html BBC]</ref> Chuir e 3,000 saighdearan airson taic a thoirt do Idi Amin Dada ri linn an Cogadh eadar [[Uganda]] agus [[Tansainìa]] ann an [[1978]] – [[1979]], is fiù ’s rinn e ionnsaigh air an dùthaich sin.<ref>[http://allafrica.com/stories/201108241329.html All Africa]</ref> Ach chan fhaodadh na feachdan sin càil a dhèanamh oir chaill Uganda an cogadh, is le sin b’ fheudar do Amin theiche air falbh ann [[An Giblean]] 1979. An ath-bhliadhna, dhearbhaich ceann-suidhe Shiad, Goukouni Oueddei, ann an Tripoli gun aonadh An t-Siad còmhla ri Libia, ach bha [[An Fhraing]] an aghaidh, leis gu robhar dhen bheachd gur e clach-ghlasaidh Afraga na Frainge a bh’ ann an t-Siad bho thùs. Lean an connspaid sin eadar [[Paris]] agus Tripoli fad na [[80an]], fiù’s an dèidh do Hissène Habré ruaig a chur air an fhear eile ann [[an Dùbhlachd]] [[1981]]. Dh’fhàg Paris air Al-Gaddafi gu robh esan a’ cur làmh anns an t-Siad, is chuir iad saighdear dhan dùthaich dà thurais airson taic a thoirt do Habré an aghaidh na feachdan aig Oueddei, a fhuair taic bhon Arm ann an Libia fhèin (Misean Manta, ann an [[1983]] agus Misean Épervier, ann an [[1986]] gu ruige [[2004]]). A dh’aindeoin sin, bidh An Fhraing a’ cur às àicheadh gur robh làmh aca ann an oidhirp marbhtach an aghaidh Al-Gaddafi ann [[1980]], is iad a’ cur a aghaidh na thuirt dithis às An Eadailt, am fear-lagha Rosario Priore agus Francesco Cossiga, a bha na cheann-suidhe na dùthcha. == Càireas ùr leis an Iar == Ann an [[2003]] dh’innis Al-Gaddafi gun cuireadh e às do Armachd Lèir Sgrios<ref>[http://www.globalsecurity.org/wmd/world/libya/nuclear.htm Global Security]</ref> ann an Libia agus gun gabhadh e pàirt ann an cogadh an aghaidh nan ceannairceach, a bha aig cridhe polasaidhean Dùthchannan Cèin na Stàitean Aonaichte ri linn an Riaghaltais aig Bush.<ref>[https://web.archive.org/web/20120120232747/http://www.almanar.com.lb/french/adetails.php?fromval=3&cid=30&frid=21&seccatid=61&eid=6993 Al Manar]</ref> An uair sin chuir George W. Bush stad air na smachd-bhannan an aghaidh Libia. Le sin, thoisich companaidhean peatrail à [[Breatainn]] agus na Stàitean Aonaichte a bhith an sàs anns an dùthaich. Ann an [[2005]] dh’aontaich companaidhean ola mar Exxon, BP, Halliburton, Chevron, Conoco agus Marathon Oil, còmhla ri companaidh stuth armachd mar Raytheon agus Northrop Grumman, a bharrachd air companaidhean stuth ceimigeach mar Dow Chemical agus Fluor is luchd-lagha mar White & Case gus buidheann gnìomhachais a chruthachadh, an US-Libya Business Association.<ref>[https://web.archive.org/web/20110906204258/http://us-lba.org/index.html US-Libya Business Association]</ref> Chaidh stad a chur air na smachd-bhannan aimearganach a bha air Libia uile gu lèir ann [[am Màrt]] [[2006]]. == Ar-a-mach 2011 == Thoisich na daoine air fianais a thogail an aghaidh Al-Gaddafi ann [[an Gearran]] [[2011]],<ref>[http://www.elpais.com/articulo/internacional/Gadafi/voy/ir/situacion/morire/martir/elpepuint/20110222elpepuint_23/Tes El País]</ref> leis gum faca iad na thachair ann an [[Tuinisia]] is [[an Èipheit]]. An ceann greis thoisich ar-a-mach air feadh na [[Dùthaich|dùthcha]], is chuir na reubaltaich Riaghaltas eile air dòigh ann am Benghazi (5mh [[Am Màrt]] 2011),<ref>[https://web.archive.org/web/20111025040725/http://ntclibya.org/ CNT Libya]</ref> air an robh A’ Chomhairle Nàiseanta Eadar-amail (CNE, Arabais: Al-Majlis Al-Watani Al-Ulaantaqali, المجلس الوطني الإنتقالي). Le sin bha cogadh sìobhalta ann tro 2011. Chuir co-bhann fo stiùireadh NATO Rùn 1973 na Nàiseanan Aonaichte an gnìomh airson sìobhaltaich ann an Libia a dhìon bho na pleànaichean aig Al-Gaddafi.<ref>[http://www.un.org/News/fr-press/docs/2011/CS10200.doc.htm Conseil de Sécurité]</ref> Chaidh so-mhaoine na Gaddafi a reothachadh is thug Interpol agus A’ Chùirt Eadar-nàiseanta Eucoireach barrantasan a-mach gus Muammar Al-Gaddafi, a mhac Saif Al-Islam agus a bhràthair-cèile Abdullah al-Senussi a chur an làimh fo chasaidean taobh Eucoir an aghaidh na Daonnachd.<ref>[http://news.xinhuanet.com/english2010/video/2011-05/17/c_13878741.htm Xinhua Net]</ref> Chaill Al-Gaddafi an cath airson Tripoli anns [[an Lùnasdal]] 2011 is b’ fheudar dha a theiche.<ref>[http://www.clarin.com/mundo/batalla-Tripoli-complica-estrategia-OTAN_0_542345838.html Clarín]{{Dead link|date=September 2025 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref> Ghabh an CNE thairis an t-àite a b’ àbhaist a bha aig Al-Gaddafi aig na Nàiseanan Aonaichte air an 16mh latha dhen [[An t-Sultain|t-Sultain]] 2011.<ref>[https://web.archive.org/web/20111123034247/http://www.mercurynews.com/news/ci_18910663 San José Mercury]</ref> Ach bha a’ mhòr-chuid dhen dùthaich fhathast fo bhuaidh Al-Gaddafi, gu h-àraidh Sirte, am baile aige fhèin.<ref>[http://edition.cnn.com/2011/10/01/world/africa/libya-war/ CNN]</ref> Shabaid na feachdan aige an aghaidh an CNE ann an Sirte ach mu dheireadh thall chaidh Al-Gaddafi a chur an greim air an 20mh latha dhen [[An Dàmhair|Dàmhair]] 2011 is bhàsaich e an ceann greis.<ref>[http://www.jpost.com/ Jerusalem Post]</ref> == Dealbhan == <gallery> File: Nasser Gaddafi 1969.jpg|Còmhla ri Nasser ann an 1969 File: Muammar al-Gaddafi-6-30112006.jpg|Ann an Abuja File: Muammar al-Gaddafi, 12th AU Summit, 090202-N-0506A-534.jpg|Aig na Nàiseanan Aonaichte </gallery> == Ceanglaichean A-mach == * [https://web.archive.org/web/20161224023634/https://www.cia.gov/library/publications/the-world-factbook/geos/ly.html CIA] * [https://web.archive.org/web/20120522023656/http://www.benghazi.edu.ly/ Oilthigh Libia (Benghazi)] == Iomraidhean == <references/> {{DEFAULTSORT:Al-Gaddafi, Muammar}} [[Roinn-seòrsa:Eachdraidh]] [[Roinn-seòrsa:Daoine à Libia]] [[Roinn-seòrsa:Afraga a Tuath]] [[Roinn-seòrsa:Bàsan 2011]] k0zrmqi1l3xp9ne3jc4hs8w120rwnk2 Dolores Ibárruri 0 20379 583691 576081 2026-09-19T00:28:26Z InternetArchiveBot 23657 Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5 583691 wikitext text/x-wiki {{Bogsa eachdraidh-bheatha}} B’ e '''Isidora Dolores Ibárruri Gómez''' neo '''La Pasionaria''', ([[Gallarta]], [[9 an Dùbhlachd]] [[1895]]<ref>[http://www.eroj.org/biblio/ibarruri/biografi.htm EROJ]</ref>–[[Madrid]], [[12 an t-Samhain]] [[1989]]),<ref>[http://hemeroteca.abc.es/nav/Navigate.exe/hemeroteca/madrid/abc/1989/11/13/005.html ABC]</ref> ceannard Poblachdach, tè-[[Poileataigs|phoileataigs]] agus [[Co-mhaoineas|Comunnach]] à [[Dùthaich nam Basgach]] rè [[Cogadh Sìobhalta na Spàinne]]. ‘S mathaid gu bheil i cho cliùiteach gus ar làithean airson na rinn i airson [[Dàrna Poblachd na Spàinne]] a dhìon agus an t-sluagh-ghairm ainmeil aice ¡No Pasarán! ("Cha tèid iad seachad") ri linn Cath Mhadrid.<ref>[https://web.archive.org/web/20100706031545/http://www.elcorreo.com/vizcaya/20090308/vizcaya/pasionaria-20090308.html El Correo]</ref> Ged an robh i na [[Eaglais Chaitligeach|Chaitligeach]] rìoghaire ([[Spàinntis]]: Carlista) nuair a bha i òg,<ref>[http://www.eroj.org/biblio/ibarruri/biografi.htm EROJ]</ref> dh’fhàs i a bhith na neach-dèanadais cathail is i airson ar-a-mach comannach, is fiù 's fhuair i ballrachd Pàrtaidh Comannach na Spàinne (Spàinntis: Partido Comunista Español) nuair a chaidh am pàrtaidh a stèidheachadh ann an [[1921]]. Fad na [[30an]] sgrìobhadh i ann am Mundo Obrero<ref>[http://www.eroj.org/biblio/ibarruri/biografi.htm EROJ]</ref> ([[Gàidhlig]]: Saoghal nan Luchd-obrach), pàipeir-naidheachd a’ phàrtaidh fhèin. Chaidh i a thaghadh mar [[Pàrlamaid|bhall-pàrlamaid]] airson [[Prionnsachd Asturias|Asturias]] anns [[An Gearran]] [[1936]] ri linn an dàrna Poblachd.<ref>[http://www.laopinioncoruna.es/sociedad/2009/11/12/dolores-ibarruri-politica-revolucionaria-racial/334651.html La Opinión]</ref> B’ fheudar dhi an [[dùthaich]] fhàgail aig deireadh a’ chogaidh.<ref>[http://www.eroj.org/biblio/ibarruri/biografi.htm EROJ]</ref> Dh’ainmicheadh Ibárruri Ceannard Comataidh Mòr a’ Phàirtidh, dreuchd a chumadh i bho [[1942]] gu ruige [[1960]].<ref>[http://www.laopinioncoruna.es/sociedad/2009/11/12/dolores-ibarruri-politica-revolucionaria-racial/334651.html La Opinión]</ref> A bharrachd air sin, bha i na ceann-suidhe onorach nan Comannach Spàinnteach fad a beatha cuideachd. Nuair a dh’fhaodadh i a thilleadh gus An Spàinn ann an [[1977]],<ref>[https://web.archive.org/web/20120730204710/http://hemeroteca.lavanguardia.com/preview/1977/05/14/pagina-3/33754292/pdf.html La Vanguardia]</ref> chaidh i a thaghadh a-rithist airson an aon sgìre. Thathar ag ràdh daonnan gur e tè dhe na h-òraidichean na b’ fheàrr na [[20mh Linn]] a bh' innte. Thog na [[Aonadh-ciùird|aonaidhean-ciùird]] càrn-cuimhne air a son ann an [[Glaschu]].<ref>[https://web.archive.org/web/20121004102637/http://www.glasgow.gov.uk/en/Residents/Parks_Outdoors/Heritage/HeritageRestoration/Restoration+of+La+Pasionaria.htm Comhairle Ghlaschu]</ref><ref>[http://local.stv.tv/glasgow/193373-scots-who-fought-aganst-franco-remembered-at-glasgow-ceremony/ STV]{{Dead link|date=September 2022 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref> Bha Spàinntis aice.<ref>[https://web.archive.org/web/20100706031545/http://www.elcorreo.com/vizcaya/20090308/vizcaya/pasionaria-20090308.html El Correo]</ref> ==Dealbhan== <gallery> La Passionara.jpg|Càrn-cuimhne ann an [[Glaschu]] Dolores Ibárruri 1936.jpg|Ann an [[1936]] RIAN archive 616310 Pilot cosmonaut Valentina Tereshkova at World Women's Congress.jpg|Ann am [[Moscobha]] </gallery> == Ri leughadh == *Dolores Ibarruri (1976). El único camino. Moscú: Progreso. Reedición Editorial Castalia.ISBN 84-703-9661-7. *Rafael Cruz (1999). Pasionaria, Dolores Ibarruri, historia y símbolo. Madrid: Biblioteca Nueva. ISBN 84-703-0741-X. *Dolores Ibarruri (1985). Memorias. Barcelona: Planeta. ISBN 84-703-0741-X. *Teresa Pamiés (1976). Una española llamada Dolores Ibarruri. Barcelona: Martínez Roca. *Manuel Vázquez Montalbán (1995). Pasionaria y los siete enanitos. Barcelona: Planeta. ==Iomraidhean== <references/> {{DEFAULTSORT:Ibárruri Gómez, Isidora Dolores}} {{Smachd ùghdarrais}} [[Roinn-seòrsa:An Spàinn]] [[Roinn-seòrsa:Eachdraidh]] [[Roinn-seòrsa:Daoine à Dùthaich nam Basgach]] [[Roinn-seòrsa:Poileataigs na Spàinne]] 395apwfsha8vwixuvseppgmii28ofwu Mustafa Kemal Atatürk 0 20533 583688 542241 2026-09-18T17:00:51Z Aybeg 13607 583688 wikitext text/x-wiki {{Bogsa eachdraidh-bheatha}} B' e ceann-suidhe [[an Tuirc|na Tuirce]] a bha ann am '''Mustafa Kemal Atatürk''' ([[IPA]]: ''mustaˈfa ceˈmal aˈtaˌtyɾc'', [[Thessaloniki|Selânik‎]] [[19 an Cèitean]] [[1881]] - [[Istanbul]] [[10 an t-Samhain]] [[1938]]). Stèidhich e [[an Tuirc|Poblachd na Tuirce]] agus b' e a' chiad ceann-suidhe a bh' ann. Rugadh Atatürk anns a' bhaile [[Impireachd nan Otomanach|Otomanach]] Salonika ([[Turcais]]: ''Selânik‎''), ris an canar Thessaloniki, [[a' Ghrèig]] san latha an-diugh. B' iad a phàrantan Ali Rıza Efendi agus Zübeyde Hanım agus rugadh e leis an ainm Ali Rıza oğlu Mustafa. Bha Atatürk a-measg an fheadhainn a stèidhich [[Pàrtaidh Poblachdach nan Daoine]] (Turcais: ''Cumhuriyet Halk Partisi''), am pàrtaidh as aosta na dùthcha.<ref>[http://www.chp.org.tr/ Cumhuriyet Halk Partisi]</ref> Chaidh a sloinneadh, Atatürk (a' ciallachadh "Athair nan Turcach"), a thoirt dha ann an 1934 leis a' Phàrlamaid Turcach agus chaidh a chasg do dhuine sam bith eile.<ref>Kemal Anzac. 1998. ''Memories of Atatürk''. Revolution Bookstore. d. 54. ISBN: 975-10-1392-5.</ref> Chaochail e le [[caitheamh a' ghrùthain]].<ref>{{iomradh iris | url = https://www.historytoday.com/richard-cavendish/mustafa-kemal-ataturk-dies-istanbul | tiotal = Mustafa Kemal dies in Istanbul | ceann-là_inntrigidh = 2018-05-19 | iris = History Today | ainm= Richard | sloinneadh = Cavendish | ceann-là = 2013-11 | leabhar = 63 | àireamh = 11}}</ref> == Iomraidhean == <references/> {{DEFAULTSORT:Kemal Atatürk, Mustafa}} {{Smachd ùghdarrais}} [[Roinn-seòrsa:An Tuirc]] [[Roinn-seòrsa:Eachdraidh]] [[Roinn-seòrsa:Poileataigs]] [[Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Turcach]] [[Roinn-seòrsa:Daoine às an Tuirc]] i1i28vzzv3ylvxtwa8qwvfioi80vr5c Iùgoslaibhia 0 33658 583694 580453 2026-09-19T01:37:35Z InternetArchiveBot 23657 Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5 583694 wikitext text/x-wiki {{Dùthaich Eachdraidheil | AINM = Iùgoslaibhia<br /><small>Jugoslavija/Југославија</small> | BRATACH = Flag of Yugoslavia (1918–1943).svg | BRATACH_LEUD = 120 | BLIADHNAICHEAN_BHRATACH = 1922-1941 | BRATACH_2 = Flag of SFR Yugoslavia.svg | BLIADHNAICHEAN_BHRATACH_2 = 1945-1992 | LÙIREACH = Coat of arms of the Kingdom of Yugoslavia.svg | LÙIREACH_LEUD = 70 | BLIADHNAICHEAN_LÙIREACH = 1918–1941 | LÙIREACH_2 = Emblem of Yugoslavia (1943–1963).svg | LÙIREACH_2_LEUD = 70 | BLIADHNAICHEAN_LÙIREACH_2 = 1945-1963 | MAPA = Yugoslavia location map.svg | BLIADHNA TÒISEACHAIDH = [[1918]] | BLIADHNA MU DHEIREADH = [[1992]] | PRÌOMH-BHAILE = [[Belgrade]] | CÀNAN OIFIGEIL = [[Sèirb-Chroatais]] | FARSAINGEACHD = 108333 | ÀIREAMH_SHLUAIGH = 16111000 | BLIADHNA = [[1990]] }} B' e [[dùthaich]] ioma-nàiseanta anns an [[Roinn-Eòrpa]] a bha ann an '''Iùgoslaibhia''' neo '''An Iùgoslabh'''<ref>[https://web.archive.org/web/20150327033659/http://timelines.ws/countries/YUGOSLAVIA.HTML Timelines]</ref> ([[Aibidil Ròmanach]]: ''Jugoslavija'', [[Aibidil Cirileach]]: ''Југославија'') a mhair bho [[1918]] gu [[1992]]. B' e [[Belgrade]] a bh'ann [[prìomh-bhaile]] na dùthcha.<ref>[http://www.deutschlandradiokultur.de/ehemaliges-jugoslawien-heute-leben-wir-wie-auf-einer.979.de.html?dram:article_id=302780 Deutschland Radio Kultur]</ref> ==Eachdraidh== Chaidh Iùgoslaibhia a chruthachadh tron Chòrdadh Rapallo ann an 1918,<ref>[http://www.prlib.ru/History/Pages/Item.aspx?itemid=1019 PRLIB]</ref> dìreach an dèidh [[An Cogadh Mòr|a' Chogaidh Mhòir]] nuair a bhris [[Ostair-Ungaire]] a-mach às a chèile. B' e [[monarcachd]]<ref>[https://web.archive.org/web/20190531213947/http://www.axl.cefan.ulaval.ca/europe/yougoslavie-royaume.htm AXL]</ref> a bh' ann agus mhair an stàit seo gu ruige [[1 an Giblean]] [[1941]] nuair a thug [[A' Ghearmailt]], [[An Ungair]] agus [[An Eadailt]] ionnsaigh oirre.<ref>[http://www.ushmm.org/wlc/en/article.php?ModuleId=10005456 USHMM]</ref> An dèidh [[Dàrna Cogadh|a' Chogaidh]] chaidh crìochan na stàite a leasachadh, a' gabhail a-steach [[Istria]], [[Zadar]] agus [[Rijeka]], a bhuineadh dhan Eadailt ron a' chogadh. Chuireadh às dhan Mhonarcachd ann an [[1945]]<ref>[http://mjp.univ-perp.fr/constit/yu.htm Université de Perpignan]</ref> agus chaidh Poblachd Shòisealach a ghairm ann an [[1946]]. Ann an [[1963]] chaidh structair feadarail a chur air bhog,<ref>[http://www.oecd-ilibrary.org/economics/etudes-economiques-de-l-ocde-yougoslavie_22249931;jsessionid=1v6sflfr8t7tf.x-oecd-live-03 OECD]{{Dead link|date=January 2025 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref> a' roinneadh na dùthcha ann an sia [[Poblachd|poblachdan]] fèin-riaghalaidh. Cha do ghabh Iùgoslaibhia ris [[Co-aonta Warszawa|a' cho-aonta Warszawa]] air sàilleabh gun leanadh i a slighe fhèin a dh'aindeoin 's gur e dùthaich [[Co-mhaoineas|Comannach]] a bh' innte.<ref>[http://revistas.ucm.es/index.php/PAPE/article/viewFile/PAPE0404220012A/25807 Universidad Complutense de Madrid]</ref> Aig deireadh nan [[80an]] thoisich pròiseas far a bhriseadh na stàite ann an dùthchannan na bu lugha air sàilleabh staing an [[eaconomaidh]] agus trioblaid eadar na nàiseanan nuair a chaidh [[Co-mhaoineas]] sìos an dèidh [[1989]].<ref>[http://www.zeitklicks.de/ddr/zeitklicks/zeit/politik/die-wende/friedliche-revolution/ Zeitclicks]</ref> Bha sreath dhe [[Cogadh sìobhalta|cogaidhean sìobhalta]]<ref>[http://www.histoire-pour-tous.fr/dossiers/93-histoire-recente/3859-guerre-en-ex-yougoslavie--aux-origines-du-conflit.html Histoires pour tous]</ref> fuilteach ann gus a chaidh Iùgoslaibhia a bhith mu dheireadh thall. Chuireadh ainmean gu Còrdadh na Sìthe ann an [[Dayton, Ohio|Dayton]] ann an [[1995]].<ref>[http://peacemaker.un.org/sites/peacemaker.un.org/files/BA_951121_DaytonAgreement.pdf UN]</ref> Tha fearann Iùgoslaibhia air a roinneadh eadar [[Bosna agus Hearsagobhana]], [[Cosobho]], [[Poblachd na Cròthaise]], [[Masadoinia]], [[Am Monadh Neagrach]], [[Sloibhìnia]] agus [[An t-Sèirb]]. ==Bailtean== *[[Belgrade]] *[[Ljubljana]] *[[Prishtina]] *[[Rijeka]] *[[Sarajevo]] *[[Skopje]] *[[Travnik]] *[[Vukovar]] *[[Zadar]] *[[Zagreb]] ==Iomraidhean== <references/> [[Roinn-seòrsa:Dùthchannan]] [[Roinn-seòrsa:An Roinn-Eòrpa]] [[Roinn-seòrsa:A' Ghearmailt]] [[Roinn-seòrsa:Eachdraidh]] [[Roinn-seòrsa:An Iùgoslabh| ]] n0arsuj9bwjod74ymdevgeiyqewxe05 La Merced 0 34847 583697 570023 2026-09-19T01:57:20Z InternetArchiveBot 23657 Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5 583697 wikitext text/x-wiki {{Baile ann an Coloimbia | AINM =La Merced | BRATACH =Flag of La Merced Caldas.svg | LÙIREACH =Escudo de La Merced (Caldas).svg | LÙIREACH_LEUD = 80 | MAPA = Colombia - Caldas - La Merced.svg | DEALBH=LaMercedCaldas.jpg | DÙTHAICH =[[Faidhle:Flag of Colombia.svg|22px]] [[Coloimbia]] | ROINN = [[Faidhle:Flag of Caldas.svg|22px]] [[Caldas (Roinn)|Caldas]] | SGÌRE = Àrd-Ear | ÀIRDE = 1819m | TEODHACHD = 18.7˚ | LEUD = 05° 23' 58' Tuath | ASTAIR = 75° 32' 49' Iar | FARSAINGEACHD = 98.1 | ÀIREAMH_SHLUAIGH =6752 | BLIADHNA = 2005 | FÒN = | DUILLEAG = [http://www.lamerced-caldas.gov.co Comhairle a’ Bhaile] }} 'S e [[baile]] beag faisg air [[Aranzazu (baile)|Aranzazu]] ann an [[Caldas (Roinn)|Caldas]], [[Coloimbia]],<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> a th' ann an '''La Merced''' ([[IPA]]: ''la meɾˈseð''). Tha e suidhichte aig 1,819m os cionn ìre na mara agus 98km air falbh bho [[Manizales (baile)|Mhanizales]]. 'S e baile le [[gnàth-shìde]] gu math càilear a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach mu 18.7˚ aige.<ref>[http://es.climate-data.org/location/491991/ Climate Data]</ref> Chaidh am baile a stèidheachadh ann an [[1901]]. == Eachdraidh == B' e na Pozo a bha làidir anns an sgìre seo mus an do ràinig na [[An Spàinn|Spàinntich]]. Bha buaidh nan Spàinnteach cho làidir air na Tùsanaich gun do bhàsaich a' mhòr-chuid ro cheann linn. Chaochail an ceannsaiche Spàinnteach [[Jorge Robledo (ceannsaiche)|Jorge Robledo]] an seo ann an [[1546]].<ref>[https://web.archive.org/web/20160309044205/http://www.banrepcultural.org/blaavirtual/historia/ilustre/ilus19.htm Banrepcultural]</ref> Thoisich daoine à [[Antioquia (Roinn)|Antioquia]] a' tighinn ann ri [[cofaidh]] a chinntinn anns an [[19mh Linn]].<ref>Parsons, James J. "La Colonización Antioqueña en el Occidente Colombiano", [[Bogotá]], Archivo de la Economía Nacional, Banco de la República, [[1961]]</ref> Chaidh am baile a stèidheachadh ann an [[1901]] a-mhàin, dìreach aig deireadh [[Cogadh na Mìle Làithean]].<ref>Ocampo Cardona, Ángel María (2002). La Merced: Historia y Cultura. Monografía. Edigráficas Manizales, Manizales.</ref> Ged a tha FARC fhathast an làthair ann an caochladh sgìre ann an Caldas, chan eil iad air a bhith idir làidir an seo bho chion bhliadhnaichean.<ref>[http://www.acnur.org/t3/uploads/media/1589.pdf?view=1 ACNUR]</ref> A dh'aindeoin sin, bha luchd-reic dhrogaichean nan trioblaid dhoirbh aig deireadh an [[20mh Linn]] o chionn 's gu bheil am baile faisg air Antioquia. B' ann ann an La Merced a chaidh Cacique Pipintá - buidheann cheannarcach an làimhe dheis - a stèidheachadh ann an [[1999]].<ref>[https://web.archive.org/web/20160104175937/http://www.elespectador.com/impreso/articuloimpreso135348-radiografia-de-dos-decadas-de-violencia-encarnadas-ernesto-baez El Espectador]</ref> == Sluagh a' bhaile == Ged a tha 2.190 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, tha 6,752 anns an sgìre air fad.<ref>[https://web.archive.org/web/20080911201632/http://www.dane.gov.co/files/investigaciones/poblacion/proyepobla06_20/ProyeccionMunicipios2005_2009.xls Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh]</ref> Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach [[clachan]] agus [[croit]] fo stiùireadh baile air choireigin.<ref>[https://web.archive.org/web/20130715063537/http://colombia-virtual.com/municipios.html Collmbia Virtual]</ref> Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an [[dùthaich]], tha a' mhòr-chuid nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Taobh chinnidh, 's e daoine geala/[[mestizos]] a th' ann a' mhòr-chuid nan daoine ann an La Merced, ach tha 0.1% a tha nan Tùsanaich agus 0.5% nan daoine le freumhan ann an [[Afraga]]. 'S urrainn dhan 85.7% nan daoine ann an La Merced leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 20.4% nan dachannan.<ref>[http://www.dane.gov.co/files/censo2005/perfiles/caldas/la_merced.pdf Bileag fhiosrachaidh DANE]</ref> == Freumhan an Ainm == Chaidh am baile a dh’ainmeachadh mar chuimhne air Moire na Tròcaire, neo ''La Virgen de la Merced'' ann an [[Spàinntis]]. Thogadh [[eaglais]] dhi an seo nuair a stèidheachadh am baile. == Fèisean == Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an La Merced. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,<ref>[http://countrystudies.us/colombia/51.htm Country Studies: Colombia]</ref> fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's a tha beairteas cultarail na dùthcha. * Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh [[An t-Iuchar]]. == Iomraidhean == <references/> == Ceanglaichean A-mach == [http://www.wunderground.com/cgi-bin/findweather/getForecast?query=la+merced An t-sìde ann an La Merced] [[Roinn-seòrsa:Aimearaga a Deas]] [[Roinn-seòrsa:Bailtean]] [[Roinn-seòrsa:Coloimbia]] 00ozlzmtgebzjwkdqraqd0r0h0m7b6z Aonadh Kalmar 0 35359 583690 579694 2026-09-18T22:45:52Z InternetArchiveBot 23657 Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5 583690 wikitext text/x-wiki {{Dùthaich Eachdraidheil | AINM = <big>Aonadh Kalmar</big><br>Kalmarunionen | BRATACH = Flag of the Kalmar Union.svg | LÙIREACH = Armoiries medievales d Eric de Poméranie 1382-1459.svg | LÙIREACH_LEUD = 80 | MAPA =Kalmar Union ca. 1400.svg | BLIADHNA TÒISEACHAIDH = [[1397]] | BLIADHNA MU DHEIREADH = [[1523]] | PRÌOMH-BHAILE = [[Copenhagen]] | CÀNAN OIFIGEIL = [[Danmhairgis]], [[Laideann]], [[Suainis]] | FARSAINGEACHD = 3000000 | ÀIREAMH_SHLUAIGH = | BLIADHNA = 1397 | RO-THEACHDAICHE = An t-Suain | BRATACH_RO-THEACHDAICHE = Flag of Sweden (1562–1650).svg | RO-THEACHDAICHE_2 = An Danmhairg | BRATACH_RO-THEACHDAICHE_2 = Flag of Denmark.svg | RO-THEACHDAICHE_3 = Nirribhidh | BRATACH_RO-THEACHDAICHE_3 = Norwegian Royal Standard flag.png | IAR-THEACHDAICHE = An t-Suain | BRATACH_IAR-THEACHDAICHE = Flag of Sweden (1562–1650).svg | IAR-THEACHDAICHE_2 = An Danmhairg | BRATACH_IAR-THEACHDAICHE_2 = Flag of Denmark.svg }} B' e stàit air a stèidheachadh air aonadh pearsanta an Rìgh a bh' anns an '''Aonadh Kalmar''' ([[Danmhairgis]]/[[Nirribhis]]/[[Suainis]]: ''Kalmarunionen'', [[Laideann]]: ''Unio Calmariensis'').<ref>[http://www.sydsverige.dk/?pageID=314 Sydsverige]</ref> Chaidh a chruthachadh ann an [[Kalmar]] ann an [[1397]] tro aonadh [[An Danmhairg|Rìoghachd na Danmhairge]], [[Nirribhidh|Rìoghachd Nirribhidh]] agus [[An t-Suain|Rìoghachd na Suaine]]. Chruthachadh an t-Aonadh Kalmar air sàilleabh gu robh cunnart ann gum fàsadh an Lìog Hansa na bu chumhachdaile ann an [[Lochlann]] agus thar na [[Am Muir Baltach|Mara Baltaich]].<ref>[https://snl.no/Kalmarunionen Store Norske Leksikon]</ref> Cha b' e aon stàit a bh' ann, ach trì stàitean - agus an cuid cholonaidhean - fo stiùireadh aon Rìgh. B' ann ann an [[Halmstad]] a rèiteachadh cò a bhiodh na Rìgh. Cha do mhair an t-Aonadh Kalmar o chionn 's gur robh coimhearachd ann bho [[Uachdaran|uaislean]] na Suaine.<ref>[https://web.archive.org/web/20160509020056/http://www.axl.cefan.ulaval.ca/europe/kalmar-union.htm Université Laval]</ref> Ged a bha an stàite ann fad 126 bliadhna, thathar a' fàgail air nach robh ach a' chaoile ghorm a bh' ann.<ref>[http://www.so-rummet.se/kategorier/kalmarunionen Rummet]</ref> Bhris an t-Aonadh Kalmar a-mach às a chèile ann an [[1523]] mu dheireadh thall, ged a lean Nirribhidh fo buaidh na Danmhairge gu ruige [[1827]].<ref>[https://web.archive.org/web/20160510215753/http://danmarkshistorien.dk/leksikon-og-kilder/vis/materiale/kalmarunionen-1397-1523/ Danmarks Historien]</ref> Cha b' urrainn dha na Rìghrean an t-aonadh pearsanta atharrachadh gu stàit aonadach. B' e sin a bha aig cnag na cùise ann an còmhstri eadar an Danmhairg agus [[a' Phrùis]] fad an [[19mh Linn]].<ref>[https://web.archive.org/web/20160509142503/http://fortress-scandinavia.dk/Slesvigske-krige/index.htm Fortress Scandinavia]</ref> Ghabh an t-Aonadh Kalmar a-steach sgìrean mòra anns [[a' Ghraonlainn]], ann an [[Suòmaidh]], anns [[an Ruis]], anns [[a' Ghearmailt]], ann an [[Innis Tìle]] agus - a bharrachd air [[Arcaibh]] agus [[Sealtainn]] ann an [[Alba]]. == Iomraidhean == <references/> {{Smachd ùghdarrais}} [[Roinn-seòrsa:An t-Suain]] [[Roinn-seòrsa:An Danmhairg]] [[Roinn-seòrsa:Nirribhidh]] [[Roinn-seòrsa:Suòmaidh]] [[Roinn-seòrsa:Eachdraidh]] [[Roinn-seòrsa:Innis Tìle]] [[Roinn-seòrsa:Poileataigs]] 6u8kk4bnc70nbgjcyxjlqubtee0xjrf Kyivska Oblast 0 40079 583696 583223 2026-09-19T01:53:08Z InternetArchiveBot 23657 Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5 583696 wikitext text/x-wiki {{Template:Oblast na h-Ucràine | AINM = Kyivska Oblast<br>Ки́ївська о́бласть</br> | BRATACH = Flag_of_Kyiv_Oblast.svg | LÙIREACH = Herb_Kyivskoi_oblasti_1.svg | LÙIREACH_LEUD = 75 | MAPA = Kiev_(oblast)_in_Ukraine_(claims_hatched).svg | DÙTHAICH = [[Faidhle:Flag of Ukraine.svg|22px]] [[An Ucràin]] | PRÌOMH-BHAILE = [[Faidhle:Flag_of_Kyiv_Kurovskyi.svg|22px]] [[Kyiv]] | LEUD = | ASTAIR = | FARSAINGEACHD = 28131 | ÀIREAMH_SHLUAIGH = 1788530 | BLIADHNA = [[2021]] | FÒN = | DUILLEAG = [http://kyiv-obl.gov.ua/ Duilleag Oifigeil] }} 'S e tè dhe na 24 [[Oblasti na h-Ucràine|roinnean]] anns an [[An Ucràin]] a th'ann an '''Kyivska Oblast''' ([[Ucràinis]]: ''Ки́ївська о́бласть'', [[ainm]] neo-fhoirmeil: ''Kyivshchyna''). 'S e [[Kyiv]] a tha a' riaghladh na Kyivska Oblast, ged nach eil Kyiv na phàirt na roinne fhèin. 'S ann dhan Kyivska Oblast a bhuinneas an Raon Às-dùnadh Chernobyl.<ref>[https://web.archive.org/web/20220324204108/http://www.ukrexport.gov.ua/eng/about_ukraine/admin/?country=ukr Ukrexport]</ref> ==Eachdraidh== Bhuinneadh talamh na h-Oblast dhan Hetmanshchyna (stàit [[Cosagaich|Chosagach]], Ucràinis: ''Гетьманщина'') bho [[1649]] gu ruige [[1764]].<ref>[http://history.org.ua/JournALL/journal/1991/4/3.pdf Українська козацька держава]</ref> Chaidh an Oblast fhèin a chruthachadh ann an [[1932]]. B' e an Oblast seo, a bharrachd air [[Kharkivska Oblast|Kharkivshchyna]], a dh' fhuiling na bu mhotha agus na bu mhiosa na àite sam bith eile san dùthaich ri linn Gort na h-Ucràine (Ucràinis: ''Голодомо́р'') eadar 1932 agus [[1933]].<ref>[https://web.archive.org/web/20220703200559/https://holodomormuseum.org.ua/istoriia-holodomoru/ Holodomor Museum]</ref> Chaochail 1,110,800 leis an acras.<ref>[https://web.archive.org/web/20221105110527/https://gis.huri.harvard.edu/population-losses Harvard]</ref> Bhòt 95.52% nan daoine ann an Kyivska Oblast airson neo-eisimeileachd na h-Ucràine san reifreann nàiseanta ann an [[1991]].<ref>[https://web.archive.org/web/20220414065531/https://soviethistory.msu.edu/1991-2/the-end-of-the-soviet-union/the-end-of-the-soviet-union-texts/ukrainian-independence-declaration/ Soviet History]</ref> Air [[15 an Giblean]] 2022 thuirt Andriy Nebytov, ceannard na poileis ann an Kyivska Oblast, gun do lorgadh mu 900 cuirp sìobhaltach fad Kyivshchyna, mar thoradh air a' bhuirbeachd a rinn feachdan na [[An Ruis|Ruise]] ri linn Ionnsaigh na Ruise air An Ucràin ann an [[2022]].<ref>[https://www.france24.com/es/europa/20220415-ucrania-kiev-bombardeos-rusia-belgorod France 24]</ref> ==Daoine Ainmeil== *[[Yossele Rosenblatt]] ([[1882]] - [[1933]]): [[Hazzan]]. *[[Igor Sikorsky]] ([[1889]] - [[1972]]): [[Innleadair]]. *[[Mikhail Bulgakov]] ([[1891]] - [[1940]]): Sgrìobhadair. *[[Golda Meir]] ([[1898]] - [[1978]]): [[Neach-poileataigs]]. *[[Lyudmila Pavlichenko]] ([[1916]] - [[1974]]): [[Snaidhpear]]. *[[Mira Mendelson]] ([[1917]] - [[1945]]): [[Bàrd]]. *[[Zuzanna Ginczanka]] ([[1917]] - [[1945]]): [[Bàrd]]. *[[Kostiantyn Skorokhod]] ([[1921]] - [[1991]]): [[Ceòl-sgrìobhaiche]]. *[[Halyna Nevinchana]] ([[1957]]): [[Peantair]]. *[[Milla Jovovich]] ([[1975]]): [[Cleasaiche]]. *[[Elena Baltacha]] ([[1983]] - [[2014]]): Cluicheadair teanais. ==Bailtean ann an Kyivska Oblast== * [[Faidhle:Flag_of_Bila_Cerkva.svg|18px]] [[Bila Tserkva]] * [[Faidhle:PRAPOR BORODYNKA.2.jpg|22px]] [[Borodianka (Kyivska Oblast)|Borodianka]] * [[Faidhle:Bucha_flag.svg|22px]] [[Bucha]] * [[Faidhle:Irpin_prapor.png|22px]] [[Irpin (Kyivska Oblast)|Irpin]] == Iomraidhean == <references/> == Ceanglaichean A-mach == [https://www.loc.gov/maps/?all=true&fa=language:ukrainian%7Clocation:kyivska+oblast&st=slideshow Mapaichean] [[Roinn-seòrsa:An Ucràin]] [[Roinn-seòrsa:Kyivska Oblast]] k0vtnd2nvr49sqdox9q83fh2tjljd0v Kharkivska Oblast 0 40103 583695 583222 2026-09-19T01:47:32Z InternetArchiveBot 23657 Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5 583695 wikitext text/x-wiki {{Template:Oblast na h-Ucràine | AINM = Kharkivska Oblast<br>Харківська́ о́бласть</br> | BRATACH = Flag_of_Kharkiv_Oblast.svg | LÙIREACH = COA_of_Kharkiv_Oblast.svg | LÙIREACH_LEUD = 75 | MAPA = Kharkiv_in_Ukraine.svg | DÙTHAICH = [[Faidhle:Flag of Ukraine.svg|22px]] [[An Ucràin]] | PRÌOMH-BHAILE = [[Faidhle:Kharkiv-town-flag.svg|22px]] [[Kharkiv]] | LEUD = | ASTAIR = | FARSAINGEACHD = 31415 | ÀIREAMH_SHLUAIGH = 2633834 | BLIADHNA = [[2021]] | FÒN = + 380 57 | DUILLEAG = [http://www.oblrada-pl.gov.ua/ Duilleag Oifigeil] }} 'S e tè dhe na 24 [[Oblasti na h-Ucràine|roinnean]] anns an [[An Ucràin]] a th'ann an '''Kharkivska Oblast''' ([[Ucràinis]]: ''Харківська́ о́бласть'', [[ainm]] neo-fhoirmeil: ''Kharkivshchyna''). 'S e [[Kharkiv]] fhèin's a th' ann prìomh-bhaile na roinne.<ref>[https://web.archive.org/web/20220324204108/http://www.ukrexport.gov.ua/eng/about_ukraine/admin/?country=ukr Ukrexport]</ref> Tha i suidhichte air an àirde an ear-thuath na [[Dùthaich|dùthcha]] faisg air na crìochan leis [[An Ruis]]. ==Eachdraidh== Bhuinneadh talamh na h-oblast air fad dhan roinn Slobozhanshchyna anns na [[17mh Linn]] agus [[18mh Linn]], air crìochan a deas Iompaireachd na Ruise. Chaidh Kharkivska Oblast fhèin a chruthachadh ann an [[1932]]. B' e an Oblast seo, a bharrachd air [[Kyivska Oblast|Kyivshchyna]], a dh' fhuiling na bu mhotha agus na bu mhiosa na àite sam bith eile san dùthaich ri linn [[Holodomor|Gort na h-Ucràine]] (Ucràinis: ''Голодомо́р'') eadar 1932 agus [[1933]]<ref>[https://web.archive.org/web/20220703200559/https://holodomormuseum.org.ua/istoriia-holodomoru/ Holodomor Museum]</ref> Chaochail 1,037,600 leis an acras.<ref>[https://web.archive.org/web/20221105110527/https://gis.huri.harvard.edu/population-losses Harvard]</ref> Bhòt 86.33% nan daoine an seo airson neo-eisimeileachd na h-Ucràine san reifreann nàiseanta ann an [[1991]].<ref>[https://web.archive.org/web/20220414065531/https://soviethistory.msu.edu/1991-2/the-end-of-the-soviet-union/the-end-of-the-soviet-union-texts/ukrainian-independence-declaration/ Soviet History]</ref> ==Daoine Ainmeil== *[[Peter von Köppen]] ([[1793]] - [[1864]]): [[Cruinn-eòlaiche]]. *[[Serhii Vasylkivsky]] ([[1854]] - [[1917]]): [[Peantair]]. *[[Nikolai Tikhonov]] ([[1905]] - [[1997]]): [[Neach-poileataigs]]. *[[Naum Landkof]] ([[1915]] - [[2004]]): [[Matamataigear]]. *[[Anatoliy Nedbaylo]] ([[1923]] - [[2008]]): [[Paidhleat]]. *[[Vitaliy Seleznov]] ([[1939]] - [[2020]]): [[Cleasaiche]]. ==Bailtean ann an Kharkivska Oblast== * [[Faidhle:Flag_of_Izium.svg|22px]] [[Izyum]] * [[Faidhle:Kharkiv-town-flag.svg|22px]] [[Kharkiv]] == Iomraidhean == <references/> == Ceanglaichean A-mach == [https://www.mapsofworld.com/ukraine/regions/kharkiv-map.html Mapaichean] [[Roinn-seòrsa:An Ucràin]] [[Roinn-seòrsa:Kharkivska Oblast]] fzkios38yy20f6thpmkpq330lb02jma Sluagh-phoblachd na h-Ucràine an Iar 0 40242 583701 573041 2026-09-19T03:53:54Z InternetArchiveBot 23657 Rescuing 4 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5 583701 wikitext text/x-wiki {{Dùthaich Eachdraidheil | AINM = Sluagh-phoblachd na h-Ucràine an Iar<br><small>Західноукраїнська Народна Республіка</small> | BRATACH = Flag_of_Ukraine.svg | LÙIREACH = ZUNR_coa.svg | LÙIREACH_LEUD = 80 | MAPA = ZUNR.png | BLIADHNA TÒISEACHAIDH = [[1 an t-Samhain]] [[1918]] | BLIADHNA MU DHEIREADH = [[16 an t-Iuchar]] [[1920]] | PRÌOMH-BHAILE = [[Lviv]], [[Ternopil]], [[Ivano-Frankivsk|Stanislaviv]], [[Zalishchyky]] | CÀNAN OIFIGEIL = [[Ucràinis]] | FARSAINGEACHD = | ÀIREAMH_SHLUAIGH = | BLIADHNA = }} B’ e [[dùthaich]] neo-eisimeileachd anns an [[Roinn Eòrpa]] nach do mhair ach bho [[1 an t-Samhain]] [[1918]] gu ruige [[16 an t-Iuchar]] [[1920]], a-mach às an dubh-choimeasg a lean tuiteam na h-[[Ostair-Ungaire]] an dèidh [[An Cogadh Mòr|A' Chogaidh Mhòir]]. Cha robh an stàit seo idir seasmhach agus, anns an dealachadh, chaidh a roinneadh eadar [[An t-Aonadh Sobhiatach]], [[A' Phòlainn]], [[An t-Seic-Slòbhac]] agus [[Romàinia]].<ref>Armstrong, John ([[1963]]). Ukrainian Nationalism, Columbia University Press, [[Eabhraig Nuadh (baile)|Eabhraig Nuadh]].</ref> ==Ceannardan== *[[Kost Levytsky]] (1918) *[[Yevhen Petrushevych]] (1919) [https://web.archive.org/web/20230209192725/https://shron1.chtyvo.org.ua/Avtorskyi_kolektyv/Zakhidno-Ukrainska_Narodna_Respublika_1918-1923_Entsyklopediia_Tom_1_A-Zh.pdf Західно-Українська Народна Республіка 1918–1923. Енциклопедія. Т. 1]: А–Ж. Івано-Франківськ : Манускрипт-Львів, 2018. 688 с. [https://web.archive.org/web/20230209193939/https://shron1.chtyvo.org.ua/Avtorskyi_kolektyv/Zakhidno-Ukrainska_Narodna_Respublika_1918-1923_Entsyklopediia_Tom_2_Z-O.pdf Західно-Українська Народна Республіка 1918–1923. Енциклопедія. Т. 2]: З–О. Івано-Франківськ : Манускрипт-Львів, 2019. 832 с. [https://web.archive.org/web/20230209194426/https://shron1.chtyvo.org.ua/Avtorskyi_kolektyv/Zakhidno-Ukrainska_Narodna_Respublika_1918-1923_Entsyklopediia_Tom_3_P-S.pdf Західно-Українська Народна Республіка 1918-1923. Енциклопедія. Т. 3]: П – С. Івано-Франківськ: Манускрипт-Львів, 2020.576 с. [https://web.archive.org/web/20230209194231/https://shron1.chtyvo.org.ua/Avtorskyi_kolektyv/Zakhidno-Ukrainska_Narodna_Respublika_1918-1923_Entsyklopediia_Tom_4_T-Ya.pdf Західно-Українська Народна Республіка 1918-1923. Енциклопедія. Т. 4]: Т – Я. Івано-Франківськ: Манускрипт-Львів, 2021.688 с. == Iomraidhean == <references/> [[Roinn-seòrsa:Eachdraidh]] [[Roinn-seòrsa:An Ucràin]] [[Roinn-seòrsa:Poileataigs]] oi6w3dd5iq0i1uf5mvafdpfm0w1kfyn Holodomor 0 40291 583692 576349 2026-09-19T01:25:52Z InternetArchiveBot 23657 Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.5 583692 wikitext text/x-wiki [[Faidhle:HolodomorKharkiv 1933 Wienerberger.jpg|300px|thumb]] [[Faidhle:Holodomor_World_Recognition.svg|300px|thumb|Recognition of the Holodomor as a genocide: {{legend|#005bbb|Officially recognized as an act of genocide}} {{legend|#65a6e0|Officially condemned as an act of extermination}} {{legend|#cccccc|Officially not recognized as an act of genocide}}]] B' e Gort Mòr san [[An Ucràin|Ucràin]] fon [[An t-Aonadh Sobhiatach|Aonadh Sobhiatach]] a mhair bho [[1932]] gu ruige [[1933]] a chuir às do còrr is trì muillean daoine a bh' ann an '''Holodomor''' air neo '''Gort na h-Ucràine''' ([[Ucràinis]]: ''Голодомо́р'', [[IPA]]: ''ɦolodoˈmɔr''; on [[gnìomhair|ghnìomhair]] ''морити голодом'', [[Gàidhlig]]: ''a chur gu bàs leis an acras''). Bha an Holodomor na phàirt de ghort eile air feadh an Aonaidh Shobhiataich a thug buaidh uabhasach fhèin làidir air na roinnean far an robh [[cruithneachd]] ga chinntinn.<ref>[https://holodomor.ca/resource/holodomor-basic-facts/ HREC]</ref> Ged a tha gach uile neach-rannsachaidh air an aon ràmh agus iad dhen bheachd gur e tubaist a rinn na daoine a bh' anns an Holodomor, tha connspaid ann fhathast a thaobh an robh e sgrios-cinnidh a bh' ann. Air an dàrna [[làmh|làimh]], thuirteadh gur e gort a chaidh a phlannadh agus a chur air bhog le [[Iosif Stalin]] gus an iomairt airson neo-eisimeileachd na h-Ucràine a mhùchadh.<ref>[https://web.archive.org/web/20220703200559/https://holodomormuseum.org.ua/istoriia-holodomoru/ Holodomor Museum]</ref> Ach, air an làimh eile, thathar ag ràdh gun do thachairt an Holodomor air sgàth gnìomhasachaidh agus co-shealbhadh san Aonadh Sobhiatach aig an àm. B’ e an Ucràin an t-àite far an robhar a’ dèanamh an uiread chruithneachd na bu mhò san Aonadh Sobhiatach agus air sgàth sin thug an Holodomor buaidh na bu làidire air an Ucràin, an taca ri stàitean eile san dùthaich.<ref>[https://www.bbc.co.uk/news/world-europe-60353677 BBC]</ref> Bhàsaicheadh co-dhiù 28,000 duine gach [[latha]] ri linn an Holodomor.<ref>[https://holodomorct.org/ Holodomor Research Library]</ref> Bho [[2023]], tha 27 [[dùthaich]] air an Holodomor aithneachadh mar [[sgrios-cinnidh]] an aghaidh nan Ucràineach a rinn riaghaltas an Aonaidh Shobhiataich. 'S e th' ann [[Astràilia]], [[A' Chairtbheil]], [[Canada]], [[Coloimbia]], [[Eacuador]], [[Eastòinia]], [[An Laitbhe]], [[Liotuàinia]], [[Meagsago]], [[Paraguaidh]], [[Pearu]], [[A' Phòlainn]], [[An t-Seic]], [[Na Stàitean Aonaichte]], [[An Ungair]] agus An Ucràin fhèin a tha ga aithneachadh mar sgrios-cinnidh co-dhiù. == Iomraidhean == <references/> [[Roinn-seòrsa:Eachdraidh]] [[Roinn-seòrsa:An Ucràin]] [[Roinn-seòrsa:Aonadh Sobhiat]] ejqvdlm382pfrhtqidpiwpu3lz576zz