Uicipeid gdwiki https://gd.wikipedia.org/wiki/Pr%C3%AComh-Dhuilleag MediaWiki 1.47.0-wmf.20 first-letter Meadhan Sònraichte Deasbaireachd Cleachdaiche Deasbaireachd a' chleachdaiche Uicipeid An deasbaireachd aig Uicipeid Faidhle Deasbaireachd an fhaidhle MediaWiki Deasbaireachd MediaWiki Teamplaid Deasbaireachd na teamplaid Cobhair Deasbaireachd na cobharach Roinn-seòrsa Deasbaireachd na roinn-seòrsa TimedText TimedText talk Mòideal Deasbaireachd mòideil Event Event talk Muammar al-Gaddafi 0 19428 583702 583698 2026-09-19T15:14:02Z CreagNamBathais 11992 /* Os cionn na dùthcha */ beagan sgioblachaidh 583702 wikitext text/x-wiki {{Bogsa eachdraidh-bheatha}} B' e '''Muammar Muhammad Abu Minyar al-Gaddafi''', neo dìreach '''Muammar Al-Gaddafi''' ([[Arabais]]:مُعَمَّر القَذَّافِي/معمر محمد أبو منيار القذافي‎) ([[Qasr Abu Hadi]], 19mh [[An t-Ògmhios]] [[1942]] – 20mh [[An Dàmhair]] [[2011]]) [[saighdear]] à [[Libia]]<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> agus bha e na [[deachdaire|Dheachdaire]] an siud bho [[1969]] gu ruige [[2011]].<ref>[http://www.faz.net/aktuell/muammar-al-gaddafi-bruder-oberst-aus-einer-anderen-welt-11499879.html Frankfurter Allgemeine Zeitung]</ref> Chaidh e a chur gu bàs anns an t-sràid le feachdan an riaghaltais ùir.<ref>[http://internacional.elpais.com/internacional/2011/10/20/actualidad/1319131038_249772.html El País]</ref> Fhuair e dubh-chàineadh air feadh an t-saoghail air sgàth na rinn e nuair a bha e os cionn riaghaltas na [[dùthaich|dùthcha]] aige.<ref>[https://web.archive.org/web/20111024114958/http://www.amnesty.org/fr/news-and-updates/libyans-must-see-justice-after-death-colonel-al-gaddafi-2011-10-20 Amnisty International]</ref> A bharrachd air sin, bha e ainmeil airson a chuid taic a chur gu buidhnean ceannarcach air feadh an t-saoghail.<ref>[http://news.bbc.co.uk/1/hi/world/europe/1653848.stm BBC]</ref> == Teaghlach == Rugadh e do dhaoine bhochd aig àm an [[Dàrna Cogadh|Dàrna Cogaidh]] ann an teanta faisg air Sirte, leth slighe eadar Tripoli agus Benghazi. Bhuineadh e dhan treubh Gaddafa.<ref>[https://web.archive.org/web/20111019193640/http://www.cidob.org/es/documentacio/biografias_lideres_politicos/africa/libia/muammar_al_gaddafi Centro de Estudios y Documentación de Barcelona]</ref> ‘S e mac Abu Minyar agus Didi, boireannach [[Iùdhachd|Iùdhach]], a bh’ ann. Bha dithis [[Bràthair|bhràthair]] is aon [[piuthair|phiuthair]] aige.<ref>[http://isengzone.blogspot.com/2011/03/muammar-gaddafi-biography.html Isengzone]</ref> Phòs e dà thurais: a’ chiad turas ri Fatiha Al-Nuri, a bha na tìdsear,<ref>[http://www.dailymail.co.uk/news/article-2051503/Saif-Gaddafi-captured-alive-uninjured-Nessma-claim-Libyan-officials.html Daily Mail]</ref> ann an [[1969]] is an uair sin phòs e ris an nurs aige, Safia Farkash, ann an [[1970]].<ref>[https://web.archive.org/web/20111024163817/http://marriage.about.com/od/infamous/p/Safia-Farkash-And-Muammar-El-Qaddafi-Marriage-Profile.htm About]</ref> Fhuair iad seachdnar chloinne (Saif Al-Islam, Saadi, Mutassim, Hannibal, Saif Al-Arab, Khamis agus Milad) is nighean (Aisha) ri chèile, a bharrachd air Muhammad, a mhac a fhuair e leis a’ chiad bhean aige.<ref>[http://www.bbc.co.uk/news/world-africa-12531442 BBC]</ref> Chaidh dithis dhaibh, Mutassim agus Saif Al-Arab, a mharbhadh ann an [[2011]]. Dh’uchd-mhacaich e nighean eile air an robh Hanna. == Foghlam == Fhuair e a chuid fhoghlaim aig bun-sgoil Chorànach ann an Sirte fhèin is an uair sin aig Àrd-sgoil ann an Sebha, Roinn Fezzan. Thug e ceum ann an [[Lagh]] aig Oilthigh Libia agus chaidh e dhan Sgoil Shaighdearachd na dùthcha, ann am Benghazi, ann an [[1963]]. Mu dheireadh thall, chuir e seachad ùine ghoirid aig Sgoil Shaighdearachd Camberley, ann an [[Sasainn]], ann an [[1965]].<ref>[http://www.focac.org/fra/fzsz/rwz/t619440.htm Forum sur la Coopération Sino-Africaine]</ref> Ann an Libia, is air feadh na dùthchannan Arabach, bha an Sgoil Shaighdearachd, agus dreuchd mar oifigear an dèidh sin, an aon ceum fosgailte dha na daoine bhochd thàlantach anns an dùthaich. Dh’fhaodadh ceum a thoirt aig an oilthigh tro mheadhan na feachdan armachd agus thabhainneadh an t-arm an cothrom clàs sòisealta atharrachadh cuideachd. A bharrachd air sin, bha na feachdan armachd an sàs ann am poileataigs is le sin ‘s e seòrsa dhe taghadh reubaltach a bh’ ann, gu h-àraidh air sàilleabh na rinn Nasser anns an Èipheit.<ref>[http://www.biografiasyvidas.com/biografia/n/nasser.htm Biografías y Vidas]</ref> == Ar-a-mach 1969 == Bha oifigearan air feadh na dùthcha fo bhròn air sgath do chuir [[Iosrael]] ruaig air na h-Arabaich uile gu lèir ann an [[1967]]. Bha iad a’ beachdadh an t-saoghail Arabach aonadh is an Rìgh a chur às an dùthaich. Bha Al-Gaddafi an sàs anns an oidhirp sin bho thùs. Dh’èirich iad suas air an 1 [[An t-Sultain]] [[1969]] nuair a bha an Rìgh ann an ospadal thall anns [[An Tuirc]].<ref>[http://news.bbc.co.uk/onthisday/hi/dates/stories/september/1/newsid_3911000/3911587.stm BBC]</ref> Le sin, thoisich 43 bliadhna dhe Deachdaireachd Ghaddafi. == Os cionn na dùthcha == Dh’fhoillsich e an Leabhar Uaine (Arabais:الكتاب الأخضر‎ al-Kitāb al-Aḫḍar) anns na [[70an]], is chleachd e an leabhar gus a chuid fheallsanachd phoiliteagach a thoirt gu bàrr, is ‘s e seòrsa dhe roghainn nàiseanta dhan [[Sòisealachd|Shòisealachd]] agus dhan Chalpas a bh' ann, le eileamaidean [[Ioslam|Ioslamach]] na measg.<ref>[http://midd.free.fr/livrevert.htm Mouvement International pour la Démocratie Directe]</ref> Ann an [[1977]] cruthaich e an Jamahiriya/ﺟﻤﺎﻫﻴﺮﻳﺔ neo "Stàit na daoine uile gu lèir", le na mìltean dhe comataidhean a’ stiùireadh an riaghaltais.<ref>[https://web.archive.org/web/20140530221252/http://www.mathaba.net/info/ Mathaba]</ref> Ann an [[1982]], thoirmisg na [[Stàitean Aonaichte]] in-mhalairt [[Peatrail|a’ Pheatrail]] bho Libia, mar cheum peanasach o chionns gu robh an dùthaich sin a’ toirt taic do cheannarcaich.<ref name="pearson">[http://www.piie.com/research/topics/sanctions/libya.cfm Pearson Institute for International Economics]</ref> Ann an [[1986]], an dèidh spreadhadh ann an talla-dannsa ann am [[Berlin]], is dithis bho Aimearaga air am marbhadh, thug na Stàitean Aonaichte ionnsaighean le plèanaichean cogaidh air Tripoli agus Benghazi.<ref name="pearson"/> A bharrachd air sin, chuir iad smachd-bhannan eaconamach an gnìomh an aghaidh Libia. Aig deireadh na [[80an]] bhite a’ fàgail air Riaghaltas Libia taobh a bhith an sàs anns na h-ionnsaighean an aghaidh plèanaichean aig companaidhean adhair mar Phan Am agus UTA, is an turas sin ‘s e na Nàiseanan Aonaichte fhèin a chuir smachd-bhannan an gnìomh, ann [[Am Màrt]] [[1992]].<ref>[http://www.elmundo.es/elmundo/2003/09/12/internacional/1063378693.html El Mundo]</ref> Ann an [[1992]] agus [[1993]] agus chuir na Nàiseanan Aonaichte tuilleadh smachd-bhannan cruaidh air Libia is iad a’ fàgail air Al-Gaddafi gu robh e a toirt taic-airgid do cheannaircich air feadh an t-saoghail.<ref>[https://web.archive.org/web/20120718125146/http://www.noticias24.com/actualidad/noticia/336680/fechas-clave-de-libia-desde-la-conquista-del-pais-por-italia/ Noticias 24]</ref> Cha do deach na smachd-bhannan sin a chur an dara taobh ach ann an [[1999]]. Dh’fhàs suidheachadh eaconamach na dùthcha na bu mhiosa air sàilleabh na smachd-bhannan sin agus leis gu robh prìs a’ pheatrail a’ tuiteam aig ìre eadar-nàiseanta, is le sin nochd mì-thoileachas fad is farsaing. Ann an [[1993]], rinn buidheann dhe oifigearan foill-mhortadh an aghaidh Al-Gaddafi, ach chuir esan ruaig orra.<ref>[http://www.renenaba.com/kadhafi-portrait-3/ Réné Naba]</ref> Chaidh còrr is 1,500 a chur an greim agus chaidh siostam riaghladh an airm ath-structaradh uile gu lèir. Ann an [[1998]] thachair oidhirp mharbhtach eile an aghaidh Al-Gaddafi. Chaidh e a losgadh air, agus dhèanadh obair-lannsa airsan gus a bheatha a shàbhaladh. Dh’fhàillig oidhirp eile an ceann greis, is chum Al-Gaddafi a’ dol. Anns na [[2000]] phàigh Al-Gaddafi airgead-dìolaidh do theaghlaichean an fheadhainn a bhàsaich anns an ionnsaigh air Lockerbie.<ref>[http://www.independent.co.uk/news/uk/crime/lockerbie-compensation-from-gaddafi-must-await-appeal-result-says-straw-705165.html The Independent]</ref> Ri linn sin, dhearbhaich an ceann-suidhe, George W. Bush, gun do chuireadh às armachd lèir sgrios Libia. <ref>{{iomradh naidheachd | foillsichear = BBC | ainm = George | sloinneadh = Joffe | url = http://news.bbc.co.uk/1/hi/3338713.stm | tiotal = Why Gaddafi gave up WMD | ceann-là = 2003-12-21 | ceann-là_inntrigidh = 2026-09-19 }}</ref> == Pan-arabas == Bha Muammar Al-Gaddafi, fo bhuaidh na rinn Gamal Abdel Nasser thall anns an Èipheit,<ref>[https://web.archive.org/web/20120614134002/http://www.spartacus.schoolnet.co.uk/2WWnasser.htm Spartacus]</ref> airson sòisealachd Arabach na stàite làn Pan-arabas a thoirt gu buill. Ghabh e thairis iomadach companaidh, gu h-àraidh an fheadhainn a bha le daoine às [[An Eadailt]].<ref>[http://www.repubblica.it/2007/11/sezioni/esteri/italia-libia/italia-libia-scheda/italia-libia-scheda.html La Repubblica]</ref> Beagan an dèidh an riaghaltas a ghabhail thairis, chuir e an t-Arm Breatannach a-mach às an dùthaich, dèidh 13 bliadhna an siud.<ref>[http://www.sununews.com/index.php?option=com_content&view=article&id=6327&catid=53&Itemid=114 Sunu News]{{Dead link|date=September 2026 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref> An uair sin dh’iarr e air na Stàitean Aonaichte gum fàgadh iad an cuid ghearastanan ann an Libia, Wheelus Air Base nam measg.<ref>[https://web.archive.org/web/20110826054558/http://www.airforce-magazine.com/MagazineArchive/Pages/2008/January%202008/0108wheelus.aspx Air Force magazine]</ref> Ann an [[1970]], le taic bhon charaid is comhairliche aige, Abdessalam Jalloud, b’ urrainn dha piseach a dhèanamh ann am prìs a’pheatrail.<ref>[http://www.afriquetribune.fr/2011/10/20/il-y%E2%80%98a-40-anskadhafi-prenait-le-pouvoir%E2%80%A6/ Afrique Tribune]{{Dead link|date=October 2022 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref> Bhrosnaich sin na dùthchannan eile a dhèanadh peatrail is chuir sin poileataigs na cruinne a’ pheatrail bun-os-cionn. O chionn ’s gu robh e airson Pan-arabas, mhol Al-Gaddafi do Nasser gun aonadh iad na dùthchannan aca ri chèile, ach chuir droch shuidheachadh eadar-nàiseanta nan Arabach an dèidh gun do chaill iad an Cogadh ann an [[1967]] stad air sin co-dhiù.<ref>[http://countrystudies.us/libya/32.htm Country Studies]</ref> Eadar [[1973]] agus [[1974]], dh’fheuch e ri aonadh còmhla ri [[Tuinisia]] ann an aon stàit a chur air dòigh.<ref>[https://web.archive.org/web/20110519154954/http://www.dafina.net/gazette/article/la-tentative-d%E2%80%99union-entre-la-tunisie-et-la-libye-en-1970 Dafina]</ref> Ghabh Habib Bourguiba ris a’ chiad chòrdadh ach cha do rinn iad tuilleadh leis nach robh Al-Gaddafi deiseil idir. Air sgath sin, dh’fhàs an suidheachadh eadar Libia agus Tuinisia na bu mhiosa. Bha polasaidhean ionnsaigheach aig Al-Gaddafi taobh na Dùthchannan Cèin, agus ghabh e seilbh de facto air an Raon Aozou, anns [[an t-Siad]], ann an [[1973]], agus fhuair e gràin na Frainge air sgath sin.<ref>[http://allafrica.com/stories/201108241329.html BBC]</ref> Chuir e 3,000 saighdearan airson taic a thoirt do Idi Amin Dada ri linn an Cogadh eadar [[Uganda]] agus [[Tansainìa]] ann an [[1978]] – [[1979]], is fiù ’s rinn e ionnsaigh air an dùthaich sin.<ref>[http://allafrica.com/stories/201108241329.html All Africa]</ref> Ach chan fhaodadh na feachdan sin càil a dhèanamh oir chaill Uganda an cogadh, is le sin b’ fheudar do Amin theiche air falbh ann [[An Giblean]] 1979. An ath-bhliadhna, dhearbhaich ceann-suidhe Shiad, Goukouni Oueddei, ann an Tripoli gun aonadh An t-Siad còmhla ri Libia, ach bha [[An Fhraing]] an aghaidh, leis gu robhar dhen bheachd gur e clach-ghlasaidh Afraga na Frainge a bh’ ann an t-Siad bho thùs. Lean an connspaid sin eadar [[Paris]] agus Tripoli fad na [[80an]], fiù’s an dèidh do Hissène Habré ruaig a chur air an fhear eile ann [[an Dùbhlachd]] [[1981]]. Dh’fhàg Paris air Al-Gaddafi gu robh esan a’ cur làmh anns an t-Siad, is chuir iad saighdear dhan dùthaich dà thurais airson taic a thoirt do Habré an aghaidh na feachdan aig Oueddei, a fhuair taic bhon Arm ann an Libia fhèin (Misean Manta, ann an [[1983]] agus Misean Épervier, ann an [[1986]] gu ruige [[2004]]). A dh’aindeoin sin, bidh An Fhraing a’ cur às àicheadh gur robh làmh aca ann an oidhirp marbhtach an aghaidh Al-Gaddafi ann [[1980]], is iad a’ cur a aghaidh na thuirt dithis às An Eadailt, am fear-lagha Rosario Priore agus Francesco Cossiga, a bha na cheann-suidhe na dùthcha. == Càireas ùr leis an Iar == Ann an [[2003]] dh’innis Al-Gaddafi gun cuireadh e às do Armachd Lèir Sgrios<ref>[http://www.globalsecurity.org/wmd/world/libya/nuclear.htm Global Security]</ref> ann an Libia agus gun gabhadh e pàirt ann an cogadh an aghaidh nan ceannairceach, a bha aig cridhe polasaidhean Dùthchannan Cèin na Stàitean Aonaichte ri linn an Riaghaltais aig Bush.<ref>[https://web.archive.org/web/20120120232747/http://www.almanar.com.lb/french/adetails.php?fromval=3&cid=30&frid=21&seccatid=61&eid=6993 Al Manar]</ref> An uair sin chuir George W. Bush stad air na smachd-bhannan an aghaidh Libia. Le sin, thoisich companaidhean peatrail à [[Breatainn]] agus na Stàitean Aonaichte a bhith an sàs anns an dùthaich. Ann an [[2005]] dh’aontaich companaidhean ola mar Exxon, BP, Halliburton, Chevron, Conoco agus Marathon Oil, còmhla ri companaidh stuth armachd mar Raytheon agus Northrop Grumman, a bharrachd air companaidhean stuth ceimigeach mar Dow Chemical agus Fluor is luchd-lagha mar White & Case gus buidheann gnìomhachais a chruthachadh, an US-Libya Business Association.<ref>[https://web.archive.org/web/20110906204258/http://us-lba.org/index.html US-Libya Business Association]</ref> Chaidh stad a chur air na smachd-bhannan aimearganach a bha air Libia uile gu lèir ann [[am Màrt]] [[2006]]. == Ar-a-mach 2011 == Thoisich na daoine air fianais a thogail an aghaidh Al-Gaddafi ann [[an Gearran]] [[2011]],<ref>[http://www.elpais.com/articulo/internacional/Gadafi/voy/ir/situacion/morire/martir/elpepuint/20110222elpepuint_23/Tes El País]</ref> leis gum faca iad na thachair ann an [[Tuinisia]] is [[an Èipheit]]. An ceann greis thoisich ar-a-mach air feadh na [[Dùthaich|dùthcha]], is chuir na reubaltaich Riaghaltas eile air dòigh ann am Benghazi (5mh [[Am Màrt]] 2011),<ref>[https://web.archive.org/web/20111025040725/http://ntclibya.org/ CNT Libya]</ref> air an robh A’ Chomhairle Nàiseanta Eadar-amail (CNE, Arabais: Al-Majlis Al-Watani Al-Ulaantaqali, المجلس الوطني الإنتقالي). Le sin bha cogadh sìobhalta ann tro 2011. Chuir co-bhann fo stiùireadh NATO Rùn 1973 na Nàiseanan Aonaichte an gnìomh airson sìobhaltaich ann an Libia a dhìon bho na pleànaichean aig Al-Gaddafi.<ref>[http://www.un.org/News/fr-press/docs/2011/CS10200.doc.htm Conseil de Sécurité]</ref> Chaidh so-mhaoine na Gaddafi a reothachadh is thug Interpol agus A’ Chùirt Eadar-nàiseanta Eucoireach barrantasan a-mach gus Muammar Al-Gaddafi, a mhac Saif Al-Islam agus a bhràthair-cèile Abdullah al-Senussi a chur an làimh fo chasaidean taobh Eucoir an aghaidh na Daonnachd.<ref>[http://news.xinhuanet.com/english2010/video/2011-05/17/c_13878741.htm Xinhua Net]</ref> Chaill Al-Gaddafi an cath airson Tripoli anns [[an Lùnasdal]] 2011 is b’ fheudar dha a theiche.<ref>[http://www.clarin.com/mundo/batalla-Tripoli-complica-estrategia-OTAN_0_542345838.html Clarín]{{Dead link|date=September 2025 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref> Ghabh an CNE thairis an t-àite a b’ àbhaist a bha aig Al-Gaddafi aig na Nàiseanan Aonaichte air an 16mh latha dhen [[An t-Sultain|t-Sultain]] 2011.<ref>[https://web.archive.org/web/20111123034247/http://www.mercurynews.com/news/ci_18910663 San José Mercury]</ref> Ach bha a’ mhòr-chuid dhen dùthaich fhathast fo bhuaidh Al-Gaddafi, gu h-àraidh Sirte, am baile aige fhèin.<ref>[http://edition.cnn.com/2011/10/01/world/africa/libya-war/ CNN]</ref> Shabaid na feachdan aige an aghaidh an CNE ann an Sirte ach mu dheireadh thall chaidh Al-Gaddafi a chur an greim air an 20mh latha dhen [[An Dàmhair|Dàmhair]] 2011 is bhàsaich e an ceann greis.<ref>[http://www.jpost.com/ Jerusalem Post]</ref> == Dealbhan == <gallery> File: Nasser Gaddafi 1969.jpg|Còmhla ri Nasser ann an 1969 File: Muammar al-Gaddafi-6-30112006.jpg|Ann an Abuja File: Muammar al-Gaddafi, 12th AU Summit, 090202-N-0506A-534.jpg|Aig na Nàiseanan Aonaichte </gallery> == Ceanglaichean A-mach == * [https://web.archive.org/web/20161224023634/https://www.cia.gov/library/publications/the-world-factbook/geos/ly.html CIA] * [https://web.archive.org/web/20120522023656/http://www.benghazi.edu.ly/ Oilthigh Libia (Benghazi)] == Iomraidhean == <references/> {{DEFAULTSORT:Al-Gaddafi, Muammar}} [[Roinn-seòrsa:Eachdraidh]] [[Roinn-seòrsa:Daoine à Libia]] [[Roinn-seòrsa:Afraga a Tuath]] [[Roinn-seòrsa:Bàsan 2011]] o4j88lpb0lkk55ml3213mk32c1aasp9 Abhainn Main 0 38929 583703 554825 2026-09-20T11:29:53Z Dr. Thomas Liptak 32060 current photo added 583703 wikitext text/x-wiki [[Faidhle:Main_river.png|thumb|Abhainn Main anns a' Ghearmailt]] 'S e abhainn anns [[a' Ghearmailt]] a tha ann an '''Abhainn Main'''. Tha Abhainn Main Dhearg agus Abhainn Main Gheal a' sruthadh ri chèile faisg air [[Kulmbach]]. Tha i a' sruthadh tro dhà Länder, [[Hesse]] agus [[a' Bhaidhearn]], faisg air [[Bamberg]] agus tro [[Würzburg]] agus [[Frankfurt|Frankfurt am Main]].<ref>{{iomradh lìon | url = https://www.br.de/radio/bayern2/service/events-und-konzerte/kultur/main_und_meer-landesausstellung-schweinfurt-108.html | tiotal = Der Main: Eine faszinierende Wasserstraße | foillsichear= BR2, Bayrische Rundfunk | ceann-là_inntrigidh = 2020-01-28}}</ref> [[File:Frankfurt am Main, Sachsenhausen and Downtown (2024).jpg|thumb||450px|center|[[Frankfurt|Frankfurt am Main]]]] == Iomraidhean == <references/> {{DEFAULTSORT:Main, Abhainn}} {{Smachd ùghdarrais}} [[Roinn-seòrsa:Aibhnichean]] [[Roinn-seòrsa:A' Ghearmailt]] 8v6duy6i1i17zzoi5ob3tgz2p1tplot