Uicipeid
gdwiki
https://gd.wikipedia.org/wiki/Pr%C3%AComh-Dhuilleag
MediaWiki 1.47.0-wmf.22
first-letter
Meadhan
Sònraichte
Deasbaireachd
Cleachdaiche
Deasbaireachd a' chleachdaiche
Uicipeid
An deasbaireachd aig Uicipeid
Faidhle
Deasbaireachd an fhaidhle
MediaWiki
Deasbaireachd MediaWiki
Teamplaid
Deasbaireachd na teamplaid
Cobhair
Deasbaireachd na cobharach
Roinn-seòrsa
Deasbaireachd na roinn-seòrsa
TimedText
TimedText talk
Mòideal
Deasbaireachd mòideil
Event
Event talk
Knut Hamsun
0
1328
583761
583722
2026-09-30T18:44:40Z
CreagNamBathais
11992
ceangal briste a chàradh
583761
wikitext
text/x-wiki
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B' e [[sgrìobhadair]] [[Nirribhidh|Nirribheach]] a bha ann an '''Knut Hamsun''', neo '''Knud Pedersen'''. Bhuannaich e an [[Duais Nobel ann an Litreachas]] anns a' bhliadhna [[1920]] airson an leabhar aige: ''Growth of the Soil''.<ref>[http://nobelprize.org/nobel_prizes/literature/laureates/1920/ Làrach-lìn oifigeil na Duaise]</ref>
Rugadh e ann am [[Vågå]]<ref>{{iomradh naidheachd | url = https://www.nrk.no/innlandet/verdens-forste-hamsun-statue-1.6716622 | tiotal = Verdens første Hamsun-statue | foillsichear = NRK | ceann-là = 2009-08-02 | ceann-là_inntrigidh = 2026-09-30 }}</ref>, Gudbrandsdal ann an [[Nirribhidh]] air an 4mh latha den Lùnastal, [[1859]]. Chaochail e ann an [[Grimstad]], Nirribhidh air an 19mh latha den Fhaoilleach [[1952]].
== Aistean co-cheangailte ==
* [[Duais Nobel]]
* [[Duais Nobel ann an Litreachas]]
== Iomraidhean ==
<references/>
== Ceanglaichean a-mach ==
* [http://www.hamsun.dk/ Stòras Knut Hamsun]
{{Duais Nobel ann an Litreachas}}
{{DEFAULTSORT:Hamsun, Knut}}
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Duais Nobel ann an Litreachas]]
[[Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Nirribheach]]
bkyerog1d6f9wvpsyfdmvfz02uj4klj
Montevideo
0
1700
583763
583749
2026-09-30T18:52:21Z
CreagNamBathais
11992
ceangal briste a chur às
583763
wikitext
text/x-wiki
{{Baile
| AINM = Montevideo
| LÙIREACH = Coat of arms of Montevideo Department.png
| LÙIREACH_LEUD = 80
| MAPA = Costa de Montevideo.jpg
| DÙTHAICH = [[Uruguaidh]]
| CEÀRN = Montevideo Department
| SGÌRE =
| LEUD = 34° 53' Deas
| ASTAIR = 56° 10' Iar
| FARSAINGEACHD = 526
| ÀIREAMH_SHLUAIGH = 1325968
| BLIADHNA = 2004
| FÒN = +02
| DUILLEAG = [http://www.montevideo.gub.uy www.montevideo.gub.uy]
}}
Is e '''Montevideo''' [[prìomh-bhaile]] [[Uruguaidh]]. Tha am baile suidhichte san àird a deas na dùthcha.
Tha nas motha na 1,000,000 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin, mar sin dheth ’s e am baile as motha na dùthcha agus an t-aonar bhaile le àireamh-shluaigh os cionn 1,000,000. Tha tràighean brèagha aige, m.e.: Pocitos, Buceo, Malvín, Playa de los Ingleses, Playa Verde, Punta Gorda agus Carrasco. Tha am baile làn togalaichean eachdraidheal. A-rèir "''Mercer Human Resource Consulting''" ‘s e Montevideo am baile leis a’ ghnè-bheatha as àirde ann an [[Aimearaga-Laideannach]].<ref>[https://web.archive.org/web/20090525094021/http://www.lanacion.cl/prontus_noticias/site/artic/20070401/pags/20070401204943.html ''La Nación'']</ref><ref>[https://web.archive.org/web/20181226080650/https://www.translatorscafe.com/cafe/MegaBBS/thread-view.asp?threadid=8972&start=1%20 Artaigeil bhon ''Café''] (Spàinntis)</ref>.
==Bailtean Co-cheangailte==
*[[Faidhle:Flag of Western Sahara.svg|22px]] [[El Aaiún]]
*[[Faidhle:Flag of Germany.svg|22px]] [[Berlin]]
== Iomraidhean ==
<references/>
== Ceanglaichean a-mach ==
* [http://www.montevideo.gub.uy/ Montevideo - Duilleag oifigeil]
[[Faidhle:Montevideo centro y puerto.jpg|thumb|left|200px|Montevideo, meadhan a' bhaile agus am port-mara]]
[[Faidhle:Montevideouruguaynasa.jpg|thumb|200px|Montevideo]]
{{Commons|Category:Montevideo|Montevideo}}
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Prìomh-bhailtean ann an Aimearaga a Deas]]
[[Roinn-seòrsa:Uruguaidh]]
[[Roinn-seòrsa:Bailtean]]
fbkd7k2z7gatsl6y779496kff7umt7s
Robbie Williams
0
3012
583762
583726
2026-09-30T18:50:04Z
CreagNamBathais
11992
ceangal briste a chàradh
583762
wikitext
text/x-wiki
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
Tha '''Robert (Robbie) Peter Williams''' ([[13 an Gearran]], [[1974]]) na [[neach-ciùil]] agus na sheinneadair [[Sasainn|Shasannach]].
Rugadh e ann am [[Burslem]], [[Stoke-on-Trent]], [[Siorrachd Stafford]].
== A Bheatha ==
=== Take That ===
Thòisich Robbie ann an saoghal a' phop leis a' chòmhlan-ciùil, ''[[Take That]]'' a bha ga stiùireadh leis an t-seinneadair/bàrd [[Gary Barlow]]. Chaidh an còmhlan-ciùil a stèidheachadh ann an [[1991]] agus bha iad gu math soirbheachail, a' ruigsinn àireamh a h-Aon ochd tursan. Chruthaich an soirbheachas cothroman do chòmhlan-ciùil choltach ri [[Boyzone]] agus [[Còmhlan-ciùil|911]]. Ge-tà, thathar a' ràdh nach d' fhuair Robbie air adhart le buill eile a' chòmhlain-chiùil air sgàth a fheartan bhleigeardach, agus bha e an còmhnaidh a' strì leis na buill agus leis an rianachd. Dh'fhàg e Take That ann an [[1995]].
== Leis fhèin ==
=== As dèidh Take That ===
As dèidh dhà ''Take That'' fhàgail, anns a' bhad thòisich Williams ga bhogadh fhèin ann an dòigh-beatha [[Ròc is Roll]] còmhla ris a' chòmhlan-ciùil [[Oasis]]. Lean seo ri strì gu math poblach le [[drogaichean]] agus [[deoch làidir]]. Chuir e air mòran cuideam agus bhiodh e tric a' nochdadh mar bhùrach, gun bhearradh is gun nighe. As dèidh dhà agus Oasis a dhol a-mach air a chèile gu math poblach, thug [[Noel Gallagher]] ''"That Fat Dancer from Take That"'' air.
Cha robh meadhanan ciùil na RA den bheachd gum biodh an Williams mì-mhodhail seo soirbheachail mar neach-ciùil. Bhathar an dùil gum biodh buill eile bho [[Take That]] na bu shoirbheachail, gu h-àraidh [[Gary Barlow]] agus gu h-ìre [[Mark Owen]].
=== ''Life Thru A Lens'' ===
Ann an [[1996]], bha Williams deiseil airson a dhreuchd mar sheinneadair leis fhéin a thòiseachadh gu ceart. Mar a' chiad chlàr aige, chuir e a-mach "Freedom", seann òran le [[George Michael]] anns an Lùnastal. As dèidh greis ann an clionaig deoch-làidir, chaidh "Freedom" a leantainn le "Old Before I Die". Ràinig an dà chlàr àireamh a Dhà air cairtean na RA. Lean seo gu foillseachadh a chiad chlàr, ''Life Thru A Lens", nas anmoiche ann an 1997.
Bha "Freedom" agus "Old Before I Die" air ''Life Thru A Lens'' - ach bhathar dhen bheachd gun robh e na bhriseadh-dùil agus cha do shoirbhich an ath dhà chlàr idir; b' iadsan "Lazy Days" agus "South of the Border".
=== ''Angels'' ===
An t-òran mu dheireadh a chaidh a chur a-mach bhon chlàr aig àm na [[Nollaig]] 1997, bha "Angels" na òran gaoil, agus thog e ''Life Thru A Lens'' gu àireamh a h-Aon air na cairtean, (28 seachdainean as dèidh dhà a sgaoileadh). Tha cliù aige mar an t-òran a shabhail dreuchd Williams, agus tha e fhathast gu math taitneach gu mòran an-diugh.
Dh'fhàs Williams ainmeil gu math luath anns an Rìoghachd Aonaichte le mòran chlàran eile a' dol a-steach dhan Phrìomh Deich, ach cha robh buaidh mhòr aige anns na Stàitean Aonaichte. Bha ''Millennium'', stèidhichte air criomag bhon òran [[James Bond]] ''[[You Only Live Twice]]'', na àireamh a h-Aon anns an RA an an [[1998]] ach cha d' ràinig e ach àireamh 72 sna Stàitean.
=== ''I've Been Expecting You'' ===
Lean an dàrna clàr "I've Been Expecting You" air an dòigh James Bond is chaidh e gu àireamh a h-Aon anns an Dàmhair 1998. Ann an 1999, dh'obraich e le [[Tom Jones]] air a chlàr [[Reload (Clar Thom Jones|Reload]].
Bha òran soirbheachail eile aige ann an [[2000]] le "Rock DJ", ach b' e am bhideo don òran a ghoid na ceann-naidheachdan. Anns a' bhideo, bha Robbie a' nochdadh aig ''roller disco'' nuair a rùisg e dheth aodach agus an uairsin a chraiceann, a fheòil fhèin buill-bhodhaig, gam biadhadh dha na dannsairean boireannach gus nach robh ach cnàmhach a' dannsa. Bha mòran connspaid ann a thaobh a' bhideo is chaidh a thoirmeasg ann an iomadh dùthaich.
=== ''Sing/Swing When You're Winning'' ===
As dèidh an treasamh clàr shoirbheachail ''Sing When You're Winning'' ann an 2000, chaidh soirbheachadh Robbie a dhearbhadh ann an 2001 nuair a ràinig e àireamh a h-Aon aig àm na Nollaig còmhla ris a' bhana-chleasaiche Astràilianach, [[Nicole Kidman]], a' seinn an t-seann òran le [[Frank Sinatra|Frank]] and [[Nancy Sinatra]], ''Something Stupid''.
Nochd ''Something Stupid'' air a' chlàr ''Swing When You're Winning'', far an do sheinn Robbie iomadach òrain chlasaigeach mar "Ain't That A Kick In The Head" agus "Mack The Knife". Nochd an ath-chlàradh den òran le [[Bobby Darin]], "[[Beyond the Sea (òran)|Beyond the Sea]]" ann am ''[[Finding Nemo]]'' ann an 2003.
=== ''Escapology'' ===
Ann an 2002, sguir Robbie dheth sgrìobhadh còmhla ri a chom-pairteach-sgrìobhaidh, [[Guy Chambers]]. Ach, thàinig iad còmhla a-rithist sia miosan as dèidh sin airson ''Escapology'', a chaidh a sgaoileadh anmoch ann an 2002. Bha clàr eile aige, "Feel," gu math soirbheachail san Roinn Eòrpa, 's e a' dol còmhla ri bhideo spaideil far an do nochd [[Darryl Hannah]].
Chaidh an ath bhideo de "Come Undone," a ghearradh gu mòr le [[MTV]] air sgàth 's gun do sheall e Robbie a' dèanamh an [[oba-noga]] le dà bhoireannach phìosail. Cuideachd, bha mòran bhiastagan is daolagan anns a' bhideo. Aig an àm seo, dhealaich Robbie is Chambers gu oifigeil.
=== A dhreuchd o chionn ghoirid ===
Ann an 2002, chaidh Robbie a thaghadh mar fear dhe a' cheud Breatannaich as fheàrr leis a' BhBC ach chaidh a thaghadh mar fear dhe na Breatannaich as miosa le Channel 4 ann an 2003.
Chaidh eachdraidh-beatha oifigeil a sgrìobhadh le Chris Heath, "Feel", agus chaidh fhoillseachadh ann an 2004. Dh'innis e mu na tachartasan a thàinig gu bàrr leis an "Live Summer Tour 2003", far an do chluich Williams air beulaibh barrachd is millean duine thairis air trì làithean ann an Lùnastal ann an Knebworth Park ann an Hertfordshire, le 3.5 millean a bharrachd ga choimhead beò air telebhisean agus air an eadar-lìon. Ro Knebworth, anns an Dùbhlachd 2003, rinn Williams tour de Astràilia agus an Sealainn Nuadh còmhla ri Duran Duran.
On a dhealaich e bho Chambers, tha Robbie air fheuchainn gus a luchd-càinidh àicheadh. Leis a' chom-paitreach-sgrìobhaidh ur, [[Stephen Duffy]], tha Robbie air iomadh òran eile a sgrìobhadh, a' toirt a-steach an àireamh a h-Aon, "Radio",
Nochd 'Radio' air na "Greatest Hits" aige anns an Dàmhair 2004. Nochd Williams aig [[Live 8]] ann an [[Lunnainn]] far an robh e na rionnag air an latha. Sheall e cho math 's a tha e mar sheinneadair agus a chomas le uimhir de dhaoine, gu h-àraidh nuair nach robh fios aig mòran air na faclan do "Feel".
Chuir Williams a-mach clàr ùr anns an Dàmhair 2005 air a bheil '[[Intensive Care]]', a' beachdachadh air meadhan aois agus na trioblaidean is dùbhlain a tha na lùib, chaidh e gu h-àireamh a h-aon agus bha blas ''reggae'' air mòran dhe na h-òrain.
== Dòigh-beatha Robbie ==
Tha Robbie singilte an-dràsta, 's e a' fuireach ann an [[Los Angeles]], California. Chan eil daoine sam bith an sin ga aithneachadh. Tha mòran beachdachadh a' dol ann am meadhanan na Breatainne mu dheidhinn a ghnèitheachd mì-shoilleir agus a bheatha-gaoil. Tha Robbie air ìomhaigh mar gaoladair spaideil a bhrosnachadh agus tha mòran sgeulachdan ann a' bruidhinn air a chomasan ann an leabaidh. Bidh e tric a' taghadh bhoireannaich bhon luchd-èisteachd aig na cuirmean aige, agus a' toirt pòg (leis an teanga) dhaibh.
Ach bidh na sgeulachdan seo a' nochdadh gu math tric nuair a bhios clàr ùr aige ri reic.
== Clàran ==
=== Clàran Stiùideo ===
* ''[[Life Thru a Lens]]'' (1997); #1 [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]
* ''[[I've Been Expecting You]]'' (1998 ([[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]) / 2002 ( [[Na Stàitean Aonaichte|SA]] )); #1 [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]
* ''[[The Ego Has Landed]]'' (1999); #63 [[Na Stàitean Aonaichte|SA]] (Dìreach ann an Ameireaga a Tuath)
* ''[[Sing When You're Winning]]'' (2000); #1 [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]], #110 [[Na Stàitean Aonaichte|SA]]
* ''[[Swing When You're Winning]]'' (2001); #1 [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]
* ''[[Escapology (album)|Escapology]]'' (2002); #1 [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]], #43 [[Na Stàitean Aonaichte|SA]]
* ''[[Intensive Care (album)|Intensive Care]]'' (2005)
* ''[[Rudebox]]'' (2006)
* ''Reality Killed the Video Star'' (2009)
* ''Take the Crown'' (2012)
* ''Swings Both Ways'' (2013)
* ''The Heavy Entertainment Show'' (2016)
* ''The Christmas Present'' (2019)
* ''Britpop'' (2025)
=== Clàran 'Beò' agus co-chruinneachaidhean ===
* ''Robbie Williams – Live At Knebworth'' (2003); #2 [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]],
* ''Greatest Hits'' (2004); #1 [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]
=== Clàran Singilte ===
* Lun 1996 "Freedom" [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]: #2 [[a' Ghearmailt]]: #10
* Gib 1997 "Old Before I Die" [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]: #2 [[a' Ghearmailt]]: #37
* Iuch 1997 "Lazy Days" [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]: #8 [[a' Ghearmailt]]: #90
* Sult 1997 "South of the Border" [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]: #14
* Dubh 1997 "[[Angels (single)|Angels]]" US: #41 [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]: #4 [[a' Ghearmailt]]: #9 [[an Fhraing]]: #7
* Mar 1998 "[[Let Me Entertain You]]" [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]: #3
* Sult 1998 "[[Millennium (single)|Millennium]]" US: #72 [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]: #1 [[a' Ghearmailt]]: #41 [[a'Fhraing]]: #16
* Dubh 1998 "[[No Regrets/Antmusic]]" [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]] : #4 [[a' Ghearmailt]]: #60 [[an Fhraing]]: #67
* Mar 1999 "[[Strong (single)|Strong]]" [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]: #4 [[a' Ghearmailt]]: #68 [[an Fhraing]]: #99
* Samh 1999 "[[She's The One/It's Only Us]]" [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]: #1 [[a' Ghearmailt]]: #27 [[an Fhraing]]: #74
* Dubh 1999 "Win Some Lose Some" Direach mar clàr singilte ann an [[New Zealand]]
* 1999 "Karma Killer"
* Mar 2000 "United"
* Lun 2000 "[[Rock DJ]]" US Hot Dance Music/Club Play: #25 [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]: #1 [[a'Ghearmailt]]: #9 [[a'Fhraing]]: #40
* Damh 2000 "[[Kids (single)|Kids]]" (le [[Kylie Minogue]]) [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]: #2 [[a'Ghearmailt]]: #47
* Dubh 2000 "[[Supreme (single)|Supreme]]" [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]: #3 [[a'Ghearmailt]]: #14 [[a'Fhraing]]: #12
* Gib 2001 "[[Let Love Be Your Energy]]" [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]: #10 [[a'Ghearmailt]]: #68
* Iuch 2001 "Eternity/Road to Mandalay" [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]: #1 [[a'Ghearmailt]]: #7 [[a'Fhraing]]: #45
* Damh 2001 "We Are The Champions" (le [[Queen (band)|Queen]])
* Dubh 2001 "Somethin' Stupid" (le [[Nicole Kidman]]) [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]: #1 [[a'Ghearmailt]]: #2 [[a'Fhraing]]: #16
* Gear 2002 "Better Man" direach mar clàr singilte ann an Austrailia
* Mar 2002 "Mr. Bojangles/I Will Talk And Hollywood Will Listen" [[a'Ghearmailt]]: #77
* 2002 "Mack The Knife" direach ann am Mexico
* Gib 2002 "My Culture" ([[1 Giant Leap]] feat. [[Maxi Jazz]] & Robbie Williams) [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]: #9 [[a'Ghearmailt]]: #69
* Dubh 2002 "Feel" [[na Staitean Aonaichte]]: #40 [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]: #4 [[a'Ghearmailt]]: #3 [[a'Fhraing]]: #6
* Ceit 2003 "A Man For All Seasons" (bhon film Johnny English)
* Gib 2003 "Come Undone" [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]: #4 [[a'Ghearmailt]]: #16 [[a'Fhraing]]: #49
* Iuch 2003 "Something Beautiful" [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]: #3 [[a'Ghearmailt]]: #46 [[a'Fhraing]]: #70
* Damh 2003 "Feel (Live)" (bho "Live At Knebworth")
* Damh 2003 "Hot Fudge (Live)" (bho "Live At Knebworth")
* Samh 2003 "Sexed Up" [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]: #10 [[a'Ghearmailt]]: #53
* Damh 2004 "Radio" [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]: #1 [[a'Ghearmailt]]: #2 [[a'Fhraing]]: #48
* Dubh 2004 "Misunderstood" [[an Rìoghachd Aonaichte|RA]]: #8 [[a'Ghearmailt]]: #20
== Iomraidhean ==
* [http://www.allmusic.com/artist/p203667 AllMusic Guide biography]
* {{iomradh naidheachd | url = http://news.bbc.co.uk/1/hi/entertainment/6356811.stm | tiotal = Profile: Robbie Williams | ainm = Fiona | sloinneadh = Pryor | ceann-là = 2007-02-13 | ceann-là_inntrigidh = 2026-09-30 | foillsichear = BBC }}
== Ceanglaichean a-muigh ==
* [http://www.robbiewilliams.com Làrach-lìn Oifigeil]
* [https://web.archive.org/web/20051216130858/http://launch.groups.yahoo.com/group/robbiewilliamsultimateclub/ Robbie Williams Ultimate Fan Club]
* https://web.archive.org/web/20051027045511/http://www.rw-world.com/
* https://web.archive.org/web/20050803084952/http://www.robbiewilliams-info.com/
* http://www.robbiewilliamslive.com
* https://web.archive.org/web/20050813073256/http://www.robbiewilliams-tr.com/
* https://web.archive.org/web/20050803084952/http://www.robbiewilliams-info.com/
* http://www.fans-supreme.de
* https://web.archive.org/web/20051024084413/http://www.robbiewilliams.nu/
* http://www.robbiewilliams.pl
* [https://web.archive.org/web/20070927220937/http://song-book.info/lyrics_list.php?a=Robbie%20Williams Robbie Williams lyrics]
{{DEFAULTSORT:Williams, Robbie}}
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Sasainn]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine às an Rìoghachd Aonaichte]]
[[Roinn-seòrsa:Luchd-ciùil]]
ajfqmopk9y323j1pqa57sb37yna05j6
Comhairle Inbhir Chluaidh
0
9273
583764
568467
2026-09-30T23:06:57Z
InternetArchiveBot
23657
Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.6
583764
wikitext
text/x-wiki
{{Comhairle
| AINM = Comhairle Inbhir Chluaidh
| MAPA = Inverclyde_in_Scotland.svg
| DEALBH = Inverclydelogo.jpg
| DÙTHAICH = [[Alba]]
| SIORRACHD = [[Siorrachd Rinn Friù]]
| SMACHD = [[Pàrtaidh Làbarach na h-Alba]]
| SPW = [[Inbhir Chluaidh (sgìre Phàrlamaid Westminster)|Inbhir Chluaidh]]
| SPA = [[Grianaig agu Inbhir Chluaidh (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)|Grianaig agus Inbhir Chluaidh]]
| RPA = [[Alba an Iar (roinn-phàrlamaid na h-Alba)|Alba an Iar]]
| FARSAINGEACHD = 160
| ÀIREAMH_SHLUAIGH = 83000
| BLIADHNA = 2010
| DUILLEAG = http://www.inverclyde.gov.uk/
}}
'S e [[comhairle]] ionadail a tha ann an '''Comhairle Inbhir Chluaidh''' a tha a' dèiligeadh ris an taobh an iar dhen t-seann Siorrachd Rinn Friù. Tha [[Grianaig]], [[Gurraig]] agus [[Port Ghlaschu]] sa chomhairle seo.
Tha 20 comhairliche ann, 9 Làbaraich, 6 Nàiseantaich, 2 Lib Deamaichean, 2 Neo-eisimilich agus 1 Tòraidh.<ref>https://web.archive.org/web/20160518112726/http://www.inverclyde.gov.uk/council-and-government/councillors</ref>
== Reifreannan ==
* Ann an [[Reifreann air Neo-eisimealachd na h-Alba 2014]] bhòt Inbhir Chluaidh ''cha bu chòir'' le 27329 bhòtaichean an aghaidh 27243, mòr-chùid de 86 bhòtaichean.<ref>http://scotlandreferendum.info/</ref>
* Ann an [[Reifreann mu bhallrachd Bhreatainn san Aonadh Eòrpach 2016]] bhòt Inbhir Chluaidh airson ''fuirich'' le 24688 bhòtaichean an aghaidh 14010.<ref>https://web.archive.org/web/20170129082658/http://www.electoralcommission.org.uk/find-information-by-subject/elections-and-referendums/upcoming-elections-and-referendums/eu-referendum/electorate-and-count-information</ref>
== Iomraidhean ==
<references/>
== Ceanglaichean a-mach ==
* [http://clanngaidhlig.org/ Clann Gàidhlig] - buidheann Ghàidhlig ann an Inbhir Chluaidh agus Rinn Friu
{{Comhairlean na h-Alba}}
[[Roinn-seòrsa:Comhairlean na h-Alba]]
[[Roinn-seòrsa:Siorrachd Rinn Friù]]
jz9nggblebixahmolc808asarptkihe
Tràillealachd-drùise
0
9522
583769
583732
2026-10-01T08:02:02Z
CreagNamBathais
11992
/* Ceanglaichean a-mach */ ceangal briste a chur às (tha cus an seo)
583769
wikitext
text/x-wiki
<!--
:''Airson an aithriseachd 2005 documentary seallaibh [[Tràillean-drùise (aithriseachd)]].''
-->
Tha '''tràillealachd-drùise''' 'na cùis àraidh na [[tràillealachd]] gum gabh a-staigh na cleachdaidhean seo air leth:
# [[siùrsachd|strìopachas]] co-èignichte
# tràillealachd-drùise le aon sealbhadair
# tràillealachd-gnàthachaidh, air cheangail air uairibh ri cleachdaidhean dualchasach cràbhach
# tràillealachd airson adhbharan gun drùis far a tha drùis cumanta no ceadaichte
Am bitheantas, tha an nàdar na tràillealachd a' ciallachadh gur an tràill ''gu fìor'' ri fhaotainn airson drùis, agus ordinary social conventions and legal protections that would otherwise constrain an owner's actions are not effective. Tha ban-tràillean aig a' chunnart as àirde am gabhlach-brath na drùise agus tràillealachd-drùise.
==Ceanglaichean a-mach==
*[http://news.bbc.co.uk/1/hi/business/4532617.stm An taiceadh am malairte-drùise air obair cho-èignichte - BBC]
*[http://news.bbc.co.uk/1/hi/world/europe/3979725.stm An turas brùiseil tràille nuaidh – BBC]
* [https://web.archive.org/web/20051119063746/http://www.iwpr.net/index.pl?archive%2Fbcr3%2Fbcr3_200303_415_3_eng.txt 'Bosnia: Tràill-Drùise 'g Innseadh a Fulang - Institute for War & Peace Reporting]
* [http://news.bbc.co.uk/2/hi/asia-pacific/2783655.stm ''S e 'tràillealachd' a tha an malairt-drùise Aisia' - BBC]
* [https://web.archive.org/web/20070219215647/http://www.iranfocus.com/modules/news/article.php?storyid=6 'Tha na Tràillean-Drùise an Iorain a' Fulang gu h-Oillteil Fo na Mullaidhean - Iranfocus']
* [https://web.archive.org/web/20060117022921/http://www.timesonline.co.uk/article/0,,7-1307679,00.html ‘Thuirt iad nach e daonna a bh'annam ach càil gun urrainn do air cheannach a bhith’ – The Times]
* [http://www.telegraph.co.uk/news/main.jhtml?xml=/news/2005/11/06/npros106.xml&sSheet=/news/2005/11/06/ixhome.html ‘Agam air £1,300: Ileana, an tràill-drùise deugach deas a obrachadh ann Lunainn’ – The Sunday Telegraph]
*[http://www.gutenberg.org/dirs/1/2/8/1/12818/12818-8.txt eText] de ''Tràillean Cinneachail agus Àrd-Chinn Chrìosdaile'' (1907) le Elizabeth Wheeler Andrew agus Katharine Caroline Bushnell, aig [[Project Gutenberg]]. Leabhar mu dheidhinn "Tràillealachd an taighe-strìopachas Earach air an Oirthir Shèimh".
* [https://web.archive.org/web/20041030020839/http://web.amnesty.org/library/index/ENGMDE150172000 Gabhlaichean-brath nam Còraichean Daonna a' Toirt Buaidh air Mnathan air Mhalairt sa' Ghnìomhachas-Drùise Iosrael - Amnesty International]
*[http://www.paralumun.com/womensissues.htm Cùis nam Mnathan agus Tràillealachd/Malairt-Drùise Fad na Cruinne]
* [https://archive.today/20120728215848/www.averroes-foundation.org/articles/sex_slavery.html Beachd Ioslamach Dualchasach air Tràillealachd-Drùise]
*Celia, Tràill (ISBN 0-380-71935-5)
*Buinn (ISBN 0-440-17464-3)
* The Natashas: Inside the New Global Sex Trade, le Victor Malarek. (ISBN 1-55970-735-6)
* [https://web.archive.org/web/20070129061355/http://www.prostitutionresearch.com/c-trafficking.html Rannsachadh air Strìopachas]
* [https://web.archive.org/web/20070207074812/http://www.counterpunch.org/nathan02172006.html ''Na Meallaidhean "Tràillean-Drùise Deugach"''] -- ABC's Primetime Fakery, Debbie Nathan
* [http://www.answers.com/topic/celia-a-slave 'Celia, Tràill' - Answers.com]
==Eagrachaidhean Inbheach==
* [https://web.archive.org/web/20061124075018/http://www.atalliance.org.uk/ An Càirdeas Ana-Malairt - A' Thoirt Ionnsaigh air Malairt-Drùise, A' Taiceadh a Luchd-Tàrrsainn.]
* [http://www.catwinternational.org Eagrachadh sgàileag fad na cruinne (Aonachadh An Aghaidh Malairt Mnathan - CATW)]
* [http://www.sanlaap.org Sanlaap Eagrachadh air Kolkata, India]
* [http://www.castla.org Aonachadh a Chur às Tràillealachd agus Malairt (CAST) air Los Angeles, CA]
* [http://www.polarisproject.org Polaris, bunaichte air Tokyo agus Washington DC]
* [http://www.amnesty.org Amnesty International]
* [https://web.archive.org/web/20070218000327/http://www.swop-usa.org/ Tionnsgal a Ruigheachd a-mach ri h-Obraichean-Drùise]
* [http://www.bayswan.org/penet.html Lìon-obair Foghlaim nan Strìopaichean]
* [https://web.archive.org/web/20070221021007/http://www.ecmafrica.org/ --Ministreachd na h-Uile Pàisde-Tràillean-cloinne]
[[Roinn-seòrsa:Strìopachas]]
[[Roinn-seòrsa:Tràillealachd]]
gq7yjaw6f0jcqy74hvbvr9xygxac933
Lochlannach
0
16992
583765
583754
2026-09-30T23:45:20Z
InternetArchiveBot
23657
Rescuing 0 sources and tagging 1 as dead.) #IABot (v2.0.9.6
583765
wikitext
text/x-wiki
[[Faidhle:Viking Expansion.svg|thumb|right|280px|Mapa far am faicear na seann tuineachaidhean Lochlannach]]
'S e fear-àiteachaidh [[Lochlainn]] a tha ann an '''Lochlannach''' an-diugh. A bharrachd air sin tha seadh eachdraidheil aig an fhacal: b' e Lochlannaich a bha air laoich à Lochlainn anns na 8mh - 11mh linntean. Agus sna sean làithean, dh'fhaodadh am facal a' ciallachadh [[Nirribhidh|Nirribheach]] cuideachd.
==Sgrìobhaidhean mu an dèidhinn sa Ghàidhlig==
* {{cite book|last1=David Nutt|title=Waifs and Strays of Celtic Tradition...: Argyllshire Series|date=1890|page=384|url=https://books.google.com/books?id=5iUPAQAAMAAJ&pg=PA388&lpg=PA388&dq=Lochlannach&source=bl&ots=zqNmksmfpO&sig=2JlteaKg8a4rRWSHMQRlltoywFs&hl=es&sa=X&ved=0ahUKEwjZlcCX8u3SAhUBDGMKHbSMAgM4ChDoAQhAMAY|accessdate=2017-03-24}}
== Ceanglaichean a-mach ==
* [https://www.storlann.co.uk/na-lochlannaich/#.WNRot45FeRs Na Lochlannaich] air làrach-lìn [[Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig|Stòrlann]] mu dhèidhinn nan Lochlannach ann an Albainn (Gàidhlig)
* [https://www.tobarandualchais.co.uk/track/62844?l=gd "Sgeulachd mu mhac MhicNèill agus bean Lochlannach"] {{Dead link|date=September 2026 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }} air [[Tobar an Dualchais]] (Gàidhlig agus Beurla)
* [https://www.bbc.co.uk/bitesize/topics/ztfbp4j Lochlannaich - Làrach-lìn BBC Bitesize] Fiosrachadh (Gàidhlig)
* [https://history.skola.edu.mt/wp-content/uploads/2025/05/Goodbye-to-the-Vikings_Alex-Woolf-HT-June-2022.pdf Woolf, A. (2022) Goodbye to the Vikings] Artaigeal (Beurla)
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Daoine Ghearmanach]]
[[Roinn-seòrsa:Na Meadhan-aoisean]]
[[Roinn-seòrsa:Lochlannaich]]
2jki2t48jnr9uzz4zsorqv7hr3p2zpa
583768
583765
2026-10-01T08:01:09Z
CreagNamBathais
11992
Deasachaidhean a chaidh a thilleadh leis [[Special:Contributions/InternetArchiveBot|InternetArchiveBot]] ([[User talk:InternetArchiveBot|an deasbaireachd]]) dhan mhùthadh mu dheireadh le [[User:CreagNamBathais|CreagNamBathais]]
583754
wikitext
text/x-wiki
[[Faidhle:Viking Expansion.svg|thumb|right|280px|Mapa far am faicear na seann tuineachaidhean Lochlannach]]
'S e fear-àiteachaidh [[Lochlainn]] a tha ann an '''Lochlannach''' an-diugh. A bharrachd air sin tha seadh eachdraidheil aig an fhacal: b' e Lochlannaich a bha air laoich à Lochlainn anns na 8mh - 11mh linntean. Agus sna sean làithean, dh'fhaodadh am facal a' ciallachadh [[Nirribhidh|Nirribheach]] cuideachd.
==Sgrìobhaidhean mu an dèidhinn sa Ghàidhlig==
* {{cite book|last1=David Nutt|title=Waifs and Strays of Celtic Tradition...: Argyllshire Series|date=1890|page=384|url=https://books.google.com/books?id=5iUPAQAAMAAJ&pg=PA388&lpg=PA388&dq=Lochlannach&source=bl&ots=zqNmksmfpO&sig=2JlteaKg8a4rRWSHMQRlltoywFs&hl=es&sa=X&ved=0ahUKEwjZlcCX8u3SAhUBDGMKHbSMAgM4ChDoAQhAMAY|accessdate=2017-03-24}}
== Ceanglaichean a-mach ==
* [https://www.storlann.co.uk/na-lochlannaich/#.WNRot45FeRs Na Lochlannaich] air làrach-lìn [[Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig|Stòrlann]] mu dhèidhinn nan Lochlannach ann an Albainn (Gàidhlig)
* [https://www.tobarandualchais.co.uk/track/62844?l=gd "Sgeulachd mu mhac MhicNèill agus bean Lochlannach"] air [[Tobar an Dualchais]] (Gàidhlig agus Beurla)
* [https://www.bbc.co.uk/bitesize/topics/ztfbp4j Lochlannaich - Làrach-lìn BBC Bitesize] Fiosrachadh (Gàidhlig)
* [https://history.skola.edu.mt/wp-content/uploads/2025/05/Goodbye-to-the-Vikings_Alex-Woolf-HT-June-2022.pdf Woolf, A. (2022) Goodbye to the Vikings] Artaigeal (Beurla)
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Daoine Ghearmanach]]
[[Roinn-seòrsa:Na Meadhan-aoisean]]
[[Roinn-seòrsa:Lochlannaich]]
72jgiojygfo8p1usb7iw2f6g3olhmcx
Muammar al-Gaddafi
0
19428
583766
583724
2026-10-01T07:50:55Z
CreagNamBathais
11992
/* Pan-arabas */ ceanglaichean briste a chàradh
583766
wikitext
text/x-wiki
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B' e '''Muammar Muhammad Abu Minyar al-Gaddafi''', neo dìreach '''Muammar Al-Gaddafi''' ([[Arabais]]:مُعَمَّر القَذَّافِي/معمر محمد أبو منيار القذافي) ([[Qasr Abu Hadi]], 19mh [[An t-Ògmhios]] [[1942]] – 20mh [[An Dàmhair]] [[2011]]) [[saighdear]] à [[Libia]]<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> agus bha e na [[deachdaire|Dheachdaire]] an siud bho [[1969]] gu ruige [[2011]].<ref>[http://www.faz.net/aktuell/muammar-al-gaddafi-bruder-oberst-aus-einer-anderen-welt-11499879.html Frankfurter Allgemeine Zeitung]</ref> Chaidh e a chur gu bàs anns an t-sràid le feachdan an riaghaltais ùir.<ref>[http://internacional.elpais.com/internacional/2011/10/20/actualidad/1319131038_249772.html El País]</ref> Fhuair e dubh-chàineadh air feadh an t-saoghail air sgàth na rinn e nuair a bha e os cionn riaghaltas na [[dùthaich|dùthcha]] aige.<ref>[https://web.archive.org/web/20111024114958/http://www.amnesty.org/fr/news-and-updates/libyans-must-see-justice-after-death-colonel-al-gaddafi-2011-10-20 Amnisty International]</ref> A bharrachd air sin, bha e ainmeil airson a chuid taic a chur gu buidhnean ceannarcach air feadh an t-saoghail.<ref>[http://news.bbc.co.uk/1/hi/world/europe/1653848.stm BBC]</ref>
== Teaghlach ==
Rugadh e do dhaoine bhochd aig àm an [[Dàrna Cogadh|Dàrna Cogaidh]] ann an teanta faisg air Sirte, leth slighe eadar Tripoli agus Benghazi. Bhuineadh e dhan treubh Gaddafa.<ref>[https://web.archive.org/web/20111019193640/http://www.cidob.org/es/documentacio/biografias_lideres_politicos/africa/libia/muammar_al_gaddafi Centro de Estudios y Documentación de Barcelona]</ref> ‘S e mac Abu Minyar agus Didi, boireannach [[Iùdhachd|Iùdhach]], a bh’ ann. Bha dithis [[Bràthair|bhràthair]] is aon [[piuthair|phiuthair]] aige.<ref>[http://isengzone.blogspot.com/2011/03/muammar-gaddafi-biography.html Isengzone]</ref> Phòs e dà thurais: a’ chiad turas ri Fatiha Al-Nuri, a bha na tìdsear,<ref>[http://www.dailymail.co.uk/news/article-2051503/Saif-Gaddafi-captured-alive-uninjured-Nessma-claim-Libyan-officials.html Daily Mail]</ref> ann an [[1969]] is an uair sin phòs e ris an nurs aige, Safia Farkash, ann an [[1970]].<ref>[https://web.archive.org/web/20111024163817/http://marriage.about.com/od/infamous/p/Safia-Farkash-And-Muammar-El-Qaddafi-Marriage-Profile.htm About]</ref> Fhuair iad seachdnar chloinne (Saif Al-Islam, Saadi, Mutassim, Hannibal, Saif Al-Arab, Khamis agus Milad) is nighean (Aisha) ri chèile, a bharrachd air Muhammad, a mhac a fhuair e leis a’ chiad bhean aige.<ref>[http://www.bbc.co.uk/news/world-africa-12531442 BBC]</ref> Chaidh dithis dhaibh, Mutassim agus Saif Al-Arab, a mharbhadh ann an [[2011]]. Dh’uchd-mhacaich e nighean eile air an robh Hanna.
== Foghlam ==
Fhuair e a chuid fhoghlaim aig bun-sgoil Chorànach ann an Sirte fhèin is an uair sin aig Àrd-sgoil ann an Sebha, Roinn Fezzan. Thug e ceum ann an [[Lagh]] aig Oilthigh Libia agus chaidh e dhan Sgoil Shaighdearachd na dùthcha, ann am Benghazi, ann an [[1963]]. Mu dheireadh thall, chuir e seachad ùine ghoirid aig Sgoil Shaighdearachd Camberley, ann an [[Sasainn]], ann an [[1965]].<ref>[http://www.focac.org/fra/fzsz/rwz/t619440.htm Forum sur la Coopération Sino-Africaine]</ref> Ann an Libia, is air feadh na dùthchannan Arabach, bha an Sgoil Shaighdearachd, agus dreuchd mar oifigear an dèidh sin, an aon ceum fosgailte dha na daoine bhochd thàlantach anns an dùthaich. Dh’fhaodadh ceum a thoirt aig an oilthigh tro mheadhan na feachdan armachd agus thabhainneadh an t-arm an cothrom clàs sòisealta atharrachadh cuideachd. A bharrachd air sin, bha na feachdan armachd an sàs ann am poileataigs is le sin ‘s e seòrsa dhe taghadh reubaltach a bh’ ann, gu h-àraidh air sàilleabh na rinn Nasser anns an Èipheit.<ref>[http://www.biografiasyvidas.com/biografia/n/nasser.htm Biografías y Vidas]</ref>
== Ar-a-mach 1969 ==
Bha oifigearan air feadh na dùthcha fo bhròn air sgath do chuir [[Iosrael]] ruaig air na h-Arabaich uile gu lèir ann an [[1967]]. Bha iad a’ beachdadh an t-saoghail Arabach aonadh is an Rìgh a chur às an dùthaich. Bha Al-Gaddafi an sàs anns an oidhirp sin bho thùs. Dh’èirich iad suas air an 1 [[An t-Sultain]] [[1969]] nuair a bha an Rìgh ann an ospadal thall anns [[An Tuirc]].<ref>[http://news.bbc.co.uk/onthisday/hi/dates/stories/september/1/newsid_3911000/3911587.stm BBC]</ref> Le sin, thoisich 43 bliadhna dhe Deachdaireachd Ghaddafi.
== Os cionn na dùthcha ==
Dh’fhoillsich e an Leabhar Uaine (Arabais:الكتاب الأخضر al-Kitāb al-Aḫḍar) anns na [[70an]], is chleachd e an leabhar gus a chuid fheallsanachd phoiliteagach a thoirt gu bàrr, is ‘s e seòrsa dhe roghainn nàiseanta dhan [[Sòisealachd|Shòisealachd]] agus dhan Chalpas a bh' ann, le eileamaidean [[Ioslam|Ioslamach]] na measg.<ref>[http://midd.free.fr/livrevert.htm Mouvement International pour la Démocratie Directe]</ref> Ann an [[1977]] cruthaich e an Jamahiriya/ﺟﻤﺎﻫﻴﺮﻳﺔ neo "Stàit na daoine uile gu lèir", le na mìltean dhe comataidhean a’ stiùireadh an riaghaltais.<ref>[https://web.archive.org/web/20140530221252/http://www.mathaba.net/info/ Mathaba]</ref>
Ann an [[1982]], thoirmisg na [[Stàitean Aonaichte]] in-mhalairt [[Peatrail|a’ Pheatrail]] bho Libia, mar cheum peanasach o chionns gu robh an dùthaich sin a’ toirt taic do cheannarcaich.<ref name="pearson">[http://www.piie.com/research/topics/sanctions/libya.cfm Pearson Institute for International Economics]</ref> Ann an [[1986]], an dèidh spreadhadh ann an talla-dannsa ann am [[Berlin]], is dithis bho Aimearaga air am marbhadh, thug na Stàitean Aonaichte ionnsaighean le plèanaichean cogaidh air Tripoli agus Benghazi.<ref name="pearson"/> A bharrachd air sin, chuir iad smachd-bhannan eaconamach an gnìomh an aghaidh Libia. Aig deireadh na [[80an]] bhite a’ fàgail air Riaghaltas Libia taobh a bhith an sàs anns na h-ionnsaighean an aghaidh plèanaichean aig companaidhean adhair mar Phan Am agus UTA, is an turas sin ‘s e na Nàiseanan Aonaichte fhèin a chuir smachd-bhannan an gnìomh, ann [[Am Màrt]] [[1992]].<ref>[http://www.elmundo.es/elmundo/2003/09/12/internacional/1063378693.html El Mundo]</ref>
Ann an [[1992]] agus [[1993]] agus chuir na Nàiseanan Aonaichte tuilleadh smachd-bhannan cruaidh air Libia is iad a’ fàgail air Al-Gaddafi gu robh e a toirt taic-airgid do cheannaircich air feadh an t-saoghail.<ref>[https://web.archive.org/web/20120718125146/http://www.noticias24.com/actualidad/noticia/336680/fechas-clave-de-libia-desde-la-conquista-del-pais-por-italia/ Noticias 24]</ref> Cha do deach na smachd-bhannan sin a chur an dara taobh ach ann an [[1999]]. Dh’fhàs suidheachadh eaconamach na dùthcha na bu mhiosa air sàilleabh na smachd-bhannan sin agus leis gu robh prìs a’ pheatrail a’ tuiteam aig ìre eadar-nàiseanta, is le sin nochd mì-thoileachas fad is farsaing. Ann an [[1993]], rinn buidheann dhe oifigearan foill-mhortadh an aghaidh Al-Gaddafi, ach chuir esan ruaig orra.<ref>[http://www.renenaba.com/kadhafi-portrait-3/ Réné Naba]</ref> Chaidh còrr is 1,500 a chur an greim agus chaidh siostam riaghladh an airm ath-structaradh uile gu lèir. Ann an [[1998]] thachair oidhirp mharbhtach eile an aghaidh Al-Gaddafi. Chaidh e a losgadh air, agus dhèanadh obair-lannsa airsan gus a bheatha a shàbhaladh. Dh’fhàillig oidhirp eile an ceann greis, is chum Al-Gaddafi a’ dol. Anns na [[2000]] phàigh Al-Gaddafi airgead-dìolaidh do theaghlaichean an fheadhainn a bhàsaich anns an ionnsaigh air Lockerbie.<ref>[http://www.independent.co.uk/news/uk/crime/lockerbie-compensation-from-gaddafi-must-await-appeal-result-says-straw-705165.html The Independent]</ref> Ri linn sin, dhearbhaich an ceann-suidhe, George W. Bush, gun do chuireadh às armachd lèir sgrios Libia. <ref>{{iomradh naidheachd | foillsichear = BBC | ainm = George | sloinneadh = Joffe | url = http://news.bbc.co.uk/1/hi/3338713.stm | tiotal = Why Gaddafi gave up WMD | ceann-là = 2003-12-21 | ceann-là_inntrigidh = 2026-09-19 }}</ref>
== Pan-arabas ==
Bha Muammar Al-Gaddafi, fo bhuaidh na rinn Gamal Abdel Nasser thall anns an Èipheit,<ref>[https://web.archive.org/web/20120614134002/http://www.spartacus.schoolnet.co.uk/2WWnasser.htm Spartacus]</ref> airson sòisealachd Arabach na stàite làn Pan-arabas a thoirt gu buill. Ghabh e thairis iomadach companaidh, gu h-àraidh an fheadhainn a bha le daoine às [[An Eadailt]].<ref>[http://www.repubblica.it/2007/11/sezioni/esteri/italia-libia/italia-libia-scheda/italia-libia-scheda.html La Repubblica]</ref> Beagan an dèidh an riaghaltas a ghabhail thairis, chuir e an t-Arm Breatannach a-mach às an dùthaich, dèidh 13 bliadhna an siud agus an uair sin dh’iarr e air na Stàitean Aonaichte gum fàgadh iad an cuid ghearastanan ann an Libia, Wheelus Air Base nam measg.<ref>{{ iomradh naidheachd | url = https://www.bbc.co.uk/news/world-africa-12882213 | tiotal = History through Libyan eyes | ceann-là = 2011-03-28 | ceann-là_inntrigidh = 2026-10-01 | foillsichear = BBC News | ainm = Andrew | sloinneadh = North }}</ref> Ann an [[1970]], le taic bhon charaid is comhairliche aige, Abdessalam Jalloud, b’ urrainn dha piseach a dhèanamh ann am prìs a’ pheatrail.<ref>{{ iomradh iris | url = https://doi.org/10.59569/jceeas.2024.4.1.257 | tiotal = The Black gold of the Sahara | ainm = Valentin | sloinneadh = Cseh | iris = Journal of Central and Eastern European African Studies | ceann-là = 2024 | duilleagan = 141-152 | leabhar = 4 | ceann-là_inntrigidh = 2026-10-01 }}</ref> Bhrosnaich sin na dùthchannan eile a dhèanadh peatrail is chuir sin poileataigs na cruinne a’ pheatrail bun-os-cionn.
O chionn ’s gu robh e airson Pan-arabas, mhol Al-Gaddafi do Nasser gun aonadh iad na dùthchannan aca ri chèile, ach chuir droch shuidheachadh eadar-nàiseanta nan Arabach an dèidh gun do chaill iad an Cogadh ann an [[1967]] stad air sin co-dhiù.<ref>[http://countrystudies.us/libya/32.htm Country Studies]</ref> Eadar [[1973]] agus [[1974]], dh’fheuch e ri aonadh còmhla ri [[Tuinisia]] ann an aon stàit a chur air dòigh.<ref>[https://web.archive.org/web/20110519154954/http://www.dafina.net/gazette/article/la-tentative-d%E2%80%99union-entre-la-tunisie-et-la-libye-en-1970 Dafina]</ref> Ghabh Habib Bourguiba ris a’ chiad chòrdadh ach cha do rinn iad tuilleadh leis nach robh Al-Gaddafi deiseil idir. Air sgath sin, dh’fhàs an suidheachadh eadar Libia agus Tuinisia na bu mhiosa. Bha polasaidhean ionnsaigheach aig Al-Gaddafi taobh na Dùthchannan Cèin, agus ghabh e seilbh de facto air an Raon Aozou, anns [[an t-Siad]], ann an [[1973]], agus fhuair e gràin na Frainge air sgath sin.<ref>[http://allafrica.com/stories/201108241329.html BBC]</ref> Chuir e 3,000 saighdearan airson taic a thoirt do Idi Amin Dada ri linn an Cogadh eadar [[Uganda]] agus [[Tansainìa]] ann an [[1978]] – [[1979]], is fiù ’s rinn e ionnsaigh air an dùthaich sin.<ref>[http://allafrica.com/stories/201108241329.html All Africa]</ref> Ach chan fhaodadh na feachdan sin càil a dhèanamh oir chaill Uganda an cogadh, is le sin b’ fheudar do Amin theiche air falbh ann [[An Giblean]] 1979. An ath-bhliadhna, dhearbhaich ceann-suidhe Shiad, Goukouni Oueddei, ann an Tripoli gun aonadh An t-Siad còmhla ri Libia, ach bha [[An Fhraing]] an aghaidh, leis gu robhar dhen bheachd gur e clach-ghlasaidh Afraga na Frainge a bh’ ann an t-Siad bho thùs. Lean an connspaid sin eadar [[Paris]] agus Tripoli fad na [[80an]], fiù’s an dèidh do Hissène Habré ruaig a chur air an fhear eile ann [[an Dùbhlachd]] [[1981]]. Dh’fhàg Paris air Al-Gaddafi gu robh esan a’ cur làmh anns an t-Siad, is chuir iad saighdear dhan dùthaich dà thurais airson taic a thoirt do Habré an aghaidh na feachdan aig Oueddei, a fhuair taic bhon Arm ann an Libia fhèin (Misean Manta, ann an [[1983]] agus Misean Épervier, ann an [[1986]] gu ruige [[2004]]). A dh’aindeoin sin, bidh An Fhraing a’ cur às àicheadh gur robh làmh aca ann an oidhirp marbhtach an aghaidh Al-Gaddafi ann [[1980]], is iad a’ cur a aghaidh na thuirt dithis às An Eadailt, am fear-lagha Rosario Priore agus Francesco Cossiga, a bha na cheann-suidhe na dùthcha.
== Càireas ùr leis an Iar ==
Ann an [[2003]] dh’innis Al-Gaddafi gun cuireadh e às do Armachd Lèir Sgrios<ref>[http://www.globalsecurity.org/wmd/world/libya/nuclear.htm Global Security]</ref> ann an Libia agus gun gabhadh e pàirt ann an cogadh an aghaidh nan ceannairceach, a bha aig cridhe polasaidhean Dùthchannan Cèin na Stàitean Aonaichte ri linn an Riaghaltais aig Bush.<ref>[https://web.archive.org/web/20120120232747/http://www.almanar.com.lb/french/adetails.php?fromval=3&cid=30&frid=21&seccatid=61&eid=6993 Al Manar]</ref> An uair sin chuir George W. Bush stad air na smachd-bhannan an aghaidh Libia. Le sin, thoisich companaidhean peatrail à [[Breatainn]] agus na Stàitean Aonaichte a bhith an sàs anns an dùthaich. Ann an [[2005]] dh’aontaich companaidhean ola mar Exxon, BP, Halliburton, Chevron, Conoco agus Marathon Oil, còmhla ri companaidh stuth armachd mar Raytheon agus Northrop Grumman, a bharrachd air companaidhean stuth ceimigeach mar Dow Chemical agus Fluor is luchd-lagha mar White & Case gus buidheann gnìomhachais a chruthachadh, an US-Libya Business Association.<ref>[https://web.archive.org/web/20110906204258/http://us-lba.org/index.html US-Libya Business Association]</ref> Chaidh stad a chur air na smachd-bhannan aimearganach a bha air Libia uile gu lèir ann [[am Màrt]] [[2006]].
== Ar-a-mach 2011 ==
Thoisich na daoine air fianais a thogail an aghaidh Al-Gaddafi ann [[an Gearran]] [[2011]],<ref>[http://www.elpais.com/articulo/internacional/Gadafi/voy/ir/situacion/morire/martir/elpepuint/20110222elpepuint_23/Tes El País]</ref> leis gum faca iad na thachair ann an [[Tuinisia]] is [[an Èipheit]]. An ceann greis thoisich ar-a-mach air feadh na [[Dùthaich|dùthcha]], is chuir na reubaltaich Riaghaltas eile air dòigh ann am Benghazi (5mh [[Am Màrt]] 2011),<ref>[https://web.archive.org/web/20111025040725/http://ntclibya.org/ CNT Libya]</ref> air an robh A’ Chomhairle Nàiseanta Eadar-amail (CNE, Arabais: Al-Majlis Al-Watani Al-Ulaantaqali, المجلس الوطني الإنتقالي). Le sin bha cogadh sìobhalta ann tro 2011. Chuir co-bhann fo stiùireadh NATO Rùn 1973 na Nàiseanan Aonaichte an gnìomh airson sìobhaltaich ann an Libia a dhìon bho na pleànaichean aig Al-Gaddafi.<ref>[http://www.un.org/News/fr-press/docs/2011/CS10200.doc.htm Conseil de Sécurité]</ref> Chaidh so-mhaoine na Gaddafi a reothachadh is thug Interpol agus A’ Chùirt Eadar-nàiseanta Eucoireach barrantasan a-mach gus Muammar Al-Gaddafi, a mhac Saif Al-Islam agus a bhràthair-cèile Abdullah al-Senussi a chur an làimh fo chasaidean taobh Eucoir an aghaidh na Daonnachd.<ref>[https://web.archive.org/web/20110820191820/http://news.xinhuanet.com/english2010/video/2011-05/17/c_13878741.htm Xinhua Net]</ref>
Chaill Al-Gaddafi an cath airson Tripoli anns [[an Lùnasdal]] 2011 is b’ fheudar dha a theiche.<ref>[http://www.clarin.com/mundo/batalla-Tripoli-complica-estrategia-OTAN_0_542345838.html Clarín]{{Dead link|date=September 2025 |bot=InternetArchiveBot |fix-attempted=yes }}</ref> Ghabh an CNE thairis an t-àite a b’ àbhaist a bha aig Al-Gaddafi aig na Nàiseanan Aonaichte air an 16mh latha dhen [[An t-Sultain|t-Sultain]] 2011.<ref>[https://web.archive.org/web/20111123034247/http://www.mercurynews.com/news/ci_18910663 San José Mercury]</ref> Ach bha a’ mhòr-chuid dhen dùthaich fhathast fo bhuaidh Al-Gaddafi, gu h-àraidh Sirte, am baile aige fhèin.<ref>[http://edition.cnn.com/2011/10/01/world/africa/libya-war/ CNN]</ref> Shabaid na feachdan aige an aghaidh an CNE ann an Sirte ach mu dheireadh thall chaidh Al-Gaddafi a chur an greim air an 20mh latha dhen [[An Dàmhair|Dàmhair]] 2011 is bhàsaich e an ceann greis.<ref>[http://www.jpost.com/ Jerusalem Post]</ref>
== Dealbhan ==
<gallery>
File: Nasser Gaddafi 1969.jpg|Còmhla ri Nasser ann an 1969
File: Muammar al-Gaddafi-6-30112006.jpg|Ann an Abuja
File: Muammar al-Gaddafi, 12th AU Summit, 090202-N-0506A-534.jpg|Aig na Nàiseanan Aonaichte
</gallery>
== Ceanglaichean A-mach ==
* [https://web.archive.org/web/20161224023634/https://www.cia.gov/library/publications/the-world-factbook/geos/ly.html CIA]
* [https://web.archive.org/web/20120522023656/http://www.benghazi.edu.ly/ Oilthigh Libia (Benghazi)]
== Iomraidhean ==
<references/>
{{DEFAULTSORT:Al-Gaddafi, Muammar}}
[[Roinn-seòrsa:Eachdraidh]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine à Libia]]
[[Roinn-seòrsa:Afraga a Tuath]]
[[Roinn-seòrsa:Bàsan 2011]]
r7i6dzsql9rqey4gz4h6jfhti1wbi2q
583767
583766
2026-10-01T08:00:33Z
CreagNamBathais
11992
/* Ar-a-mach 2011 */ ceangal briste a chàradh agus sgioblachadh
583767
wikitext
text/x-wiki
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B' e '''Muammar Muhammad Abu Minyar al-Gaddafi''', neo dìreach '''Muammar Al-Gaddafi''' ([[Arabais]]:مُعَمَّر القَذَّافِي/معمر محمد أبو منيار القذافي) ([[Qasr Abu Hadi]], 19mh [[An t-Ògmhios]] [[1942]] – 20mh [[An Dàmhair]] [[2011]]) [[saighdear]] à [[Libia]]<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> agus bha e na [[deachdaire|Dheachdaire]] an siud bho [[1969]] gu ruige [[2011]].<ref>[http://www.faz.net/aktuell/muammar-al-gaddafi-bruder-oberst-aus-einer-anderen-welt-11499879.html Frankfurter Allgemeine Zeitung]</ref> Chaidh e a chur gu bàs anns an t-sràid le feachdan an riaghaltais ùir.<ref>[http://internacional.elpais.com/internacional/2011/10/20/actualidad/1319131038_249772.html El País]</ref> Fhuair e dubh-chàineadh air feadh an t-saoghail air sgàth na rinn e nuair a bha e os cionn riaghaltas na [[dùthaich|dùthcha]] aige.<ref>[https://web.archive.org/web/20111024114958/http://www.amnesty.org/fr/news-and-updates/libyans-must-see-justice-after-death-colonel-al-gaddafi-2011-10-20 Amnisty International]</ref> A bharrachd air sin, bha e ainmeil airson a chuid taic a chur gu buidhnean ceannarcach air feadh an t-saoghail.<ref>[http://news.bbc.co.uk/1/hi/world/europe/1653848.stm BBC]</ref>
== Teaghlach ==
Rugadh e do dhaoine bhochd aig àm an [[Dàrna Cogadh|Dàrna Cogaidh]] ann an teanta faisg air Sirte, leth slighe eadar Tripoli agus Benghazi. Bhuineadh e dhan treubh Gaddafa.<ref>[https://web.archive.org/web/20111019193640/http://www.cidob.org/es/documentacio/biografias_lideres_politicos/africa/libia/muammar_al_gaddafi Centro de Estudios y Documentación de Barcelona]</ref> ‘S e mac Abu Minyar agus Didi, boireannach [[Iùdhachd|Iùdhach]], a bh’ ann. Bha dithis [[Bràthair|bhràthair]] is aon [[piuthair|phiuthair]] aige.<ref>[http://isengzone.blogspot.com/2011/03/muammar-gaddafi-biography.html Isengzone]</ref> Phòs e dà thurais: a’ chiad turas ri Fatiha Al-Nuri, a bha na tìdsear,<ref>[http://www.dailymail.co.uk/news/article-2051503/Saif-Gaddafi-captured-alive-uninjured-Nessma-claim-Libyan-officials.html Daily Mail]</ref> ann an [[1969]] is an uair sin phòs e ris an nurs aige, Safia Farkash, ann an [[1970]].<ref>[https://web.archive.org/web/20111024163817/http://marriage.about.com/od/infamous/p/Safia-Farkash-And-Muammar-El-Qaddafi-Marriage-Profile.htm About]</ref> Fhuair iad seachdnar chloinne (Saif Al-Islam, Saadi, Mutassim, Hannibal, Saif Al-Arab, Khamis agus Milad) is nighean (Aisha) ri chèile, a bharrachd air Muhammad, a mhac a fhuair e leis a’ chiad bhean aige.<ref>[http://www.bbc.co.uk/news/world-africa-12531442 BBC]</ref> Chaidh dithis dhaibh, Mutassim agus Saif Al-Arab, a mharbhadh ann an [[2011]]. Dh’uchd-mhacaich e nighean eile air an robh Hanna.
== Foghlam ==
Fhuair e a chuid fhoghlaim aig bun-sgoil Chorànach ann an Sirte fhèin is an uair sin aig Àrd-sgoil ann an Sebha, Roinn Fezzan. Thug e ceum ann an [[Lagh]] aig Oilthigh Libia agus chaidh e dhan Sgoil Shaighdearachd na dùthcha, ann am Benghazi, ann an [[1963]]. Mu dheireadh thall, chuir e seachad ùine ghoirid aig Sgoil Shaighdearachd Camberley, ann an [[Sasainn]], ann an [[1965]].<ref>[http://www.focac.org/fra/fzsz/rwz/t619440.htm Forum sur la Coopération Sino-Africaine]</ref> Ann an Libia, is air feadh na dùthchannan Arabach, bha an Sgoil Shaighdearachd, agus dreuchd mar oifigear an dèidh sin, an aon ceum fosgailte dha na daoine bhochd thàlantach anns an dùthaich. Dh’fhaodadh ceum a thoirt aig an oilthigh tro mheadhan na feachdan armachd agus thabhainneadh an t-arm an cothrom clàs sòisealta atharrachadh cuideachd. A bharrachd air sin, bha na feachdan armachd an sàs ann am poileataigs is le sin ‘s e seòrsa dhe taghadh reubaltach a bh’ ann, gu h-àraidh air sàilleabh na rinn Nasser anns an Èipheit.<ref>[http://www.biografiasyvidas.com/biografia/n/nasser.htm Biografías y Vidas]</ref>
== Ar-a-mach 1969 ==
Bha oifigearan air feadh na dùthcha fo bhròn air sgath do chuir [[Iosrael]] ruaig air na h-Arabaich uile gu lèir ann an [[1967]]. Bha iad a’ beachdadh an t-saoghail Arabach aonadh is an Rìgh a chur às an dùthaich. Bha Al-Gaddafi an sàs anns an oidhirp sin bho thùs. Dh’èirich iad suas air an 1 [[An t-Sultain]] [[1969]] nuair a bha an Rìgh ann an ospadal thall anns [[An Tuirc]].<ref>[http://news.bbc.co.uk/onthisday/hi/dates/stories/september/1/newsid_3911000/3911587.stm BBC]</ref> Le sin, thoisich 43 bliadhna dhe Deachdaireachd Ghaddafi.
== Os cionn na dùthcha ==
Dh’fhoillsich e an Leabhar Uaine (Arabais:الكتاب الأخضر al-Kitāb al-Aḫḍar) anns na [[70an]], is chleachd e an leabhar gus a chuid fheallsanachd phoiliteagach a thoirt gu bàrr, is ‘s e seòrsa dhe roghainn nàiseanta dhan [[Sòisealachd|Shòisealachd]] agus dhan Chalpas a bh' ann, le eileamaidean [[Ioslam|Ioslamach]] na measg.<ref>[http://midd.free.fr/livrevert.htm Mouvement International pour la Démocratie Directe]</ref> Ann an [[1977]] cruthaich e an Jamahiriya/ﺟﻤﺎﻫﻴﺮﻳﺔ neo "Stàit na daoine uile gu lèir", le na mìltean dhe comataidhean a’ stiùireadh an riaghaltais.<ref>[https://web.archive.org/web/20140530221252/http://www.mathaba.net/info/ Mathaba]</ref>
Ann an [[1982]], thoirmisg na [[Stàitean Aonaichte]] in-mhalairt [[Peatrail|a’ Pheatrail]] bho Libia, mar cheum peanasach o chionns gu robh an dùthaich sin a’ toirt taic do cheannarcaich.<ref name="pearson">[http://www.piie.com/research/topics/sanctions/libya.cfm Pearson Institute for International Economics]</ref> Ann an [[1986]], an dèidh spreadhadh ann an talla-dannsa ann am [[Berlin]], is dithis bho Aimearaga air am marbhadh, thug na Stàitean Aonaichte ionnsaighean le plèanaichean cogaidh air Tripoli agus Benghazi.<ref name="pearson"/> A bharrachd air sin, chuir iad smachd-bhannan eaconamach an gnìomh an aghaidh Libia. Aig deireadh na [[80an]] bhite a’ fàgail air Riaghaltas Libia taobh a bhith an sàs anns na h-ionnsaighean an aghaidh plèanaichean aig companaidhean adhair mar Phan Am agus UTA, is an turas sin ‘s e na Nàiseanan Aonaichte fhèin a chuir smachd-bhannan an gnìomh, ann [[Am Màrt]] [[1992]].<ref>[http://www.elmundo.es/elmundo/2003/09/12/internacional/1063378693.html El Mundo]</ref>
Ann an [[1992]] agus [[1993]] agus chuir na Nàiseanan Aonaichte tuilleadh smachd-bhannan cruaidh air Libia is iad a’ fàgail air Al-Gaddafi gu robh e a toirt taic-airgid do cheannaircich air feadh an t-saoghail.<ref>[https://web.archive.org/web/20120718125146/http://www.noticias24.com/actualidad/noticia/336680/fechas-clave-de-libia-desde-la-conquista-del-pais-por-italia/ Noticias 24]</ref> Cha do deach na smachd-bhannan sin a chur an dara taobh ach ann an [[1999]]. Dh’fhàs suidheachadh eaconamach na dùthcha na bu mhiosa air sàilleabh na smachd-bhannan sin agus leis gu robh prìs a’ pheatrail a’ tuiteam aig ìre eadar-nàiseanta, is le sin nochd mì-thoileachas fad is farsaing. Ann an [[1993]], rinn buidheann dhe oifigearan foill-mhortadh an aghaidh Al-Gaddafi, ach chuir esan ruaig orra.<ref>[http://www.renenaba.com/kadhafi-portrait-3/ Réné Naba]</ref> Chaidh còrr is 1,500 a chur an greim agus chaidh siostam riaghladh an airm ath-structaradh uile gu lèir. Ann an [[1998]] thachair oidhirp mharbhtach eile an aghaidh Al-Gaddafi. Chaidh e a losgadh air, agus dhèanadh obair-lannsa airsan gus a bheatha a shàbhaladh. Dh’fhàillig oidhirp eile an ceann greis, is chum Al-Gaddafi a’ dol. Anns na [[2000]] phàigh Al-Gaddafi airgead-dìolaidh do theaghlaichean an fheadhainn a bhàsaich anns an ionnsaigh air Lockerbie.<ref>[http://www.independent.co.uk/news/uk/crime/lockerbie-compensation-from-gaddafi-must-await-appeal-result-says-straw-705165.html The Independent]</ref> Ri linn sin, dhearbhaich an ceann-suidhe, George W. Bush, gun do chuireadh às armachd lèir sgrios Libia. <ref>{{iomradh naidheachd | foillsichear = BBC | ainm = George | sloinneadh = Joffe | url = http://news.bbc.co.uk/1/hi/3338713.stm | tiotal = Why Gaddafi gave up WMD | ceann-là = 2003-12-21 | ceann-là_inntrigidh = 2026-09-19 }}</ref>
== Pan-arabas ==
Bha Muammar Al-Gaddafi, fo bhuaidh na rinn Gamal Abdel Nasser thall anns an Èipheit,<ref>[https://web.archive.org/web/20120614134002/http://www.spartacus.schoolnet.co.uk/2WWnasser.htm Spartacus]</ref> airson sòisealachd Arabach na stàite làn Pan-arabas a thoirt gu buill. Ghabh e thairis iomadach companaidh, gu h-àraidh an fheadhainn a bha le daoine às [[An Eadailt]].<ref>[http://www.repubblica.it/2007/11/sezioni/esteri/italia-libia/italia-libia-scheda/italia-libia-scheda.html La Repubblica]</ref> Beagan an dèidh an riaghaltas a ghabhail thairis, chuir e an t-Arm Breatannach a-mach às an dùthaich, dèidh 13 bliadhna an siud agus an uair sin dh’iarr e air na Stàitean Aonaichte gum fàgadh iad an cuid ghearastanan ann an Libia, Wheelus Air Base nam measg.<ref>{{ iomradh naidheachd | url = https://www.bbc.co.uk/news/world-africa-12882213 | tiotal = History through Libyan eyes | ceann-là = 2011-03-28 | ceann-là_inntrigidh = 2026-10-01 | foillsichear = BBC News | ainm = Andrew | sloinneadh = North }}</ref> Ann an [[1970]], le taic bhon charaid is comhairliche aige, Abdessalam Jalloud, b’ urrainn dha piseach a dhèanamh ann am prìs a’ pheatrail.<ref>{{ iomradh iris | url = https://doi.org/10.59569/jceeas.2024.4.1.257 | tiotal = The Black gold of the Sahara | ainm = Valentin | sloinneadh = Cseh | iris = Journal of Central and Eastern European African Studies | ceann-là = 2024 | duilleagan = 141-152 | leabhar = 4 | ceann-là_inntrigidh = 2026-10-01 }}</ref> Bhrosnaich sin na dùthchannan eile a dhèanadh peatrail is chuir sin poileataigs na cruinne a’ pheatrail bun-os-cionn.
O chionn ’s gu robh e airson Pan-arabas, mhol Al-Gaddafi do Nasser gun aonadh iad na dùthchannan aca ri chèile, ach chuir droch shuidheachadh eadar-nàiseanta nan Arabach an dèidh gun do chaill iad an Cogadh ann an [[1967]] stad air sin co-dhiù.<ref>[http://countrystudies.us/libya/32.htm Country Studies]</ref> Eadar [[1973]] agus [[1974]], dh’fheuch e ri aonadh còmhla ri [[Tuinisia]] ann an aon stàit a chur air dòigh.<ref>[https://web.archive.org/web/20110519154954/http://www.dafina.net/gazette/article/la-tentative-d%E2%80%99union-entre-la-tunisie-et-la-libye-en-1970 Dafina]</ref> Ghabh Habib Bourguiba ris a’ chiad chòrdadh ach cha do rinn iad tuilleadh leis nach robh Al-Gaddafi deiseil idir. Air sgath sin, dh’fhàs an suidheachadh eadar Libia agus Tuinisia na bu mhiosa. Bha polasaidhean ionnsaigheach aig Al-Gaddafi taobh na Dùthchannan Cèin, agus ghabh e seilbh de facto air an Raon Aozou, anns [[an t-Siad]], ann an [[1973]], agus fhuair e gràin na Frainge air sgath sin.<ref>[http://allafrica.com/stories/201108241329.html BBC]</ref> Chuir e 3,000 saighdearan airson taic a thoirt do Idi Amin Dada ri linn an Cogadh eadar [[Uganda]] agus [[Tansainìa]] ann an [[1978]] – [[1979]], is fiù ’s rinn e ionnsaigh air an dùthaich sin.<ref>[http://allafrica.com/stories/201108241329.html All Africa]</ref> Ach chan fhaodadh na feachdan sin càil a dhèanamh oir chaill Uganda an cogadh, is le sin b’ fheudar do Amin theiche air falbh ann [[An Giblean]] 1979. An ath-bhliadhna, dhearbhaich ceann-suidhe Shiad, Goukouni Oueddei, ann an Tripoli gun aonadh An t-Siad còmhla ri Libia, ach bha [[An Fhraing]] an aghaidh, leis gu robhar dhen bheachd gur e clach-ghlasaidh Afraga na Frainge a bh’ ann an t-Siad bho thùs. Lean an connspaid sin eadar [[Paris]] agus Tripoli fad na [[80an]], fiù’s an dèidh do Hissène Habré ruaig a chur air an fhear eile ann [[an Dùbhlachd]] [[1981]]. Dh’fhàg Paris air Al-Gaddafi gu robh esan a’ cur làmh anns an t-Siad, is chuir iad saighdear dhan dùthaich dà thurais airson taic a thoirt do Habré an aghaidh na feachdan aig Oueddei, a fhuair taic bhon Arm ann an Libia fhèin (Misean Manta, ann an [[1983]] agus Misean Épervier, ann an [[1986]] gu ruige [[2004]]). A dh’aindeoin sin, bidh An Fhraing a’ cur às àicheadh gur robh làmh aca ann an oidhirp marbhtach an aghaidh Al-Gaddafi ann [[1980]], is iad a’ cur a aghaidh na thuirt dithis às An Eadailt, am fear-lagha Rosario Priore agus Francesco Cossiga, a bha na cheann-suidhe na dùthcha.
== Càireas ùr leis an Iar ==
Ann an [[2003]] dh’innis Al-Gaddafi gun cuireadh e às do Armachd Lèir Sgrios<ref>[http://www.globalsecurity.org/wmd/world/libya/nuclear.htm Global Security]</ref> ann an Libia agus gun gabhadh e pàirt ann an cogadh an aghaidh nan ceannairceach, a bha aig cridhe polasaidhean Dùthchannan Cèin na Stàitean Aonaichte ri linn an Riaghaltais aig Bush.<ref>[https://web.archive.org/web/20120120232747/http://www.almanar.com.lb/french/adetails.php?fromval=3&cid=30&frid=21&seccatid=61&eid=6993 Al Manar]</ref> An uair sin chuir George W. Bush stad air na smachd-bhannan an aghaidh Libia. Le sin, thoisich companaidhean peatrail à [[Breatainn]] agus na Stàitean Aonaichte a bhith an sàs anns an dùthaich. Ann an [[2005]] dh’aontaich companaidhean ola mar Exxon, BP, Halliburton, Chevron, Conoco agus Marathon Oil, còmhla ri companaidh stuth armachd mar Raytheon agus Northrop Grumman, a bharrachd air companaidhean stuth ceimigeach mar Dow Chemical agus Fluor is luchd-lagha mar White & Case gus buidheann gnìomhachais a chruthachadh, an US-Libya Business Association.<ref>[https://web.archive.org/web/20110906204258/http://us-lba.org/index.html US-Libya Business Association]</ref> Chaidh stad a chur air na smachd-bhannan aimearganach a bha air Libia uile gu lèir ann [[am Màrt]] [[2006]].
== Ar-a-mach 2011 ==
Thoisich na daoine air fianais a thogail an aghaidh Al-Gaddafi anns a' Ghearran 2011,<ref>[http://www.elpais.com/articulo/internacional/Gadafi/voy/ir/situacion/morire/martir/elpepuint/20110222elpepuint_23/Tes El País]</ref> leis gum faca iad na thachair ann an [[Tuinisia]] is [[an Èipheit]]. An ceann greis thoisich ar-a-mach air feadh na dùthcha, is chuir na reubaltaich Riaghaltas eile air dòigh ann am Benghazi (5mh am Màrt 2011),<ref>[https://web.archive.org/web/20111025040725/http://ntclibya.org/ CNT Libya]</ref> air an robh A’ Chomhairle Nàiseanta Eadar-amail (CNE, Arabais: ''Al-Majlis Al-Watani Al-Ulaantaqali'', المجلس الوطني الإنتقالي). Le sin bha cogadh sìobhalta ann tro 2011. Chuir co-bhann fo stiùireadh NATO Rùn 1973 na Nàiseanan Aonaichte an gnìomh airson sìobhaltaich ann an Libia a dhìon bho na plèanaichean aig Al-Gaddafi.<ref>[http://www.un.org/News/fr-press/docs/2011/CS10200.doc.htm Conseil de Sécurité]</ref> Chaidh so-mhaoine na Gaddafi a reothachadh is thug Interpol agus A’ Chùirt Eadar-nàiseanta Eucoireach barrantasan a-mach gus Muammar Al-Gaddafi, a mhac Saif Al-Islam agus a bhràthair-cèile Abdullah al-Senussi a chur an làimh fo chasaidean taobh Eucoir an aghaidh na Daonnachd.<ref>[https://web.archive.org/web/20110820191820/http://news.xinhuanet.com/english2010/video/2011-05/17/c_13878741.htm Xinhua Net]</ref>
Chaill Al-Gaddafi an cath airson Tripoli anns an Lùnasdal 2011 is b’ fheudar dha a theiche.<ref>{{ iomradh naidheachd | url = https://www.bbc.co.uk/news/world-africa-15397812 | tiotal = Libya's Col Gaddafi killed in crossfire, says NTC | ceann-là = 2011-10-21 | ceann-là_inntrigidh = 2026-10-01 | foillsichear = BBC News }}</ref> Ghabh an CNE thairis an t-àite a b’ àbhaist a bha aig Al-Gaddafi aig na Nàiseanan Aonaichte air an 16mh latha dhen t-Sultain 2011.<ref>[https://web.archive.org/web/20111123034247/http://www.mercurynews.com/news/ci_18910663 San José Mercury]</ref> Ach bha a’ mhòr-chuid dhen dùthaich fhathast fo bhuaidh Al-Gaddafi, gu h-àraidh Sirte, am baile aige fhèin.<ref>[http://edition.cnn.com/2011/10/01/world/africa/libya-war/ CNN]</ref> Shabaid na feachdan aige an aghaidh an CNE ann an Sirte ach mu dheireadh thall chaidh Al-Gaddafi a chur an greim air an 20mh latha dhen Dàmhair 2011 is bhàsaich e an ceann greis.<ref>[http://www.jpost.com/ Jerusalem Post]</ref>
== Dealbhan ==
<gallery>
File: Nasser Gaddafi 1969.jpg|Còmhla ri Nasser ann an 1969
File: Muammar al-Gaddafi-6-30112006.jpg|Ann an Abuja
File: Muammar al-Gaddafi, 12th AU Summit, 090202-N-0506A-534.jpg|Aig na Nàiseanan Aonaichte
</gallery>
== Ceanglaichean A-mach ==
* [https://web.archive.org/web/20161224023634/https://www.cia.gov/library/publications/the-world-factbook/geos/ly.html CIA]
* [https://web.archive.org/web/20120522023656/http://www.benghazi.edu.ly/ Oilthigh Libia (Benghazi)]
== Iomraidhean ==
<references/>
{{DEFAULTSORT:Al-Gaddafi, Muammar}}
[[Roinn-seòrsa:Eachdraidh]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine à Libia]]
[[Roinn-seòrsa:Afraga a Tuath]]
[[Roinn-seòrsa:Bàsan 2011]]
n8d7234sehicrzoayenakobvqrs2qw2
Ruairidh MacMhuirich "An Clàrsair Dall"
0
28710
583760
583727
2026-09-30T18:38:32Z
CreagNamBathais
11992
/* Òrain */ ceangal briste a chàradh
583760
wikitext
text/x-wiki
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
[[Faidhle:Celtic_harp_dsc05425.jpg|thumb|Clàrsach Gàidhealach, Taigh-tasgaidh na h-Alba, Dùn Èideann]]
B' e bàrd a bh' ann an '''Ruairidh MacMhuirich''' (mu 1646 - mu 1713), neo 'An Clàrsair Dall' mar a chanas iad ris. Rugadh e ann am [[Bràgar]], [[Leòdhas]], mu 1646. Dh'fhàg tinneas dall e nuair a bha e fhathast san sgoil (ghabh e a' bhreac). Dh'ionnsaich e [[clàrsach]] agus fhuair e trèanadh ann an [[Èirinn]] cuideachd. Nuair a thill e a dh'Alba, bha e a' siubhal na dùthcha is a' cluich na clàrsaich. Nuair a thachair e ri Iain Breac MacLeòid, ceann-cinnidh nan Lèodach, bha e na chlàrsair aig [[Caisteal Dhùn Bheagain]]. Bha Pàdraig Òg MacCruimein na phìobaire aig a' Chaisteal aig an àm seo. Mu 1688, thàinig sgaradh eadar Iain Breac agus Ruairidh agus às dèidh sin, dh'imrich Ruairidh a Ghleann Eilge. Mu 1700, thòisich e a' siubhal na dùthcha a-rithist. A rèir choltais, thill e dhan [[Eilean Sgitheanach]] aig deireadh a bheatha. Chaochail e mu 1713 agus a chaidh a thiodhlacadh anns an Eilean Sgitheanach.
== Òrain ==
* 'A' chiad Di-luain de 'n Ràithe'
* 'Creach na Ciadain'
* 'Cumha do Fhear Thalasgair'
* 'Fèill nan Crann'
* [http://www.bbc.co.uk/alba/oran/orain/oran_do_iain_breac_macleoid/?lang=gd 'Òran do dh'Iain Breac MacLeòid']
* {{iomradh lìon | url = https://www.tobarandualchais.co.uk/track/132344?l=gd | tiotal = Òran do MhacLeòid Dhùn Bheagain | foillsichear = [[Tobar an Dualchais]] | ceann-là_inntrigidh = 2026-09-30 }}
== Leabhar-chlàr ==
* ''The Blind Harper (An Clàrsair Dall): The Songs of Roderick Morison and his Music''. Deas. Uilleam MacMhathain. Scottish Gaelic Texts Society: 1970.
== Iomraidhean ==
* thàinig an fhiosrachadh a chaidh chleachdadh ann a sheo bho duilleag a' bhàird air Bliadhna nan Òran
== Ceanglaichean a-muigh ==
* [http://www.bbc.co.uk/alba/oran/people/ruairidh_mac_mhuirich_an_clarsair_dall/ BBC Bliadhna nan Òran: Ruairidh MacMhuirich "An Clàrsair Dall"]
[[Roinn-seòrsa:Bàird Ghàidhlig]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine à Alba]]
djd3thaqega8g1cl81ofguwyzuw9f18
Ústí nad Labem
0
37025
583759
583738
2026-09-30T18:36:18Z
CreagNamBathais
11992
ceangal briste a chàradh
583759
wikitext
text/x-wiki
{{Baile
| AINM = Ústí nad Labem
| BRATACH=Flag of Usti nad Labem.svg
| LÙIREACH = Usti znak.gif
| LÙIREACH_LEUD = 75
| MAPA = Map cz Ústí nad Labem kroton.svg
| DEALBH = Panorama Usti nad Labem by Niederkasseler - panoramio.jpg
| DÙTHAICH = [[Faidhle:Flag of the Czech Republic.svg|22px]] [[An t-Seic]]
| CEÀRN = Ústí nad Labem
| SGÌRE = [[Faidhle:Flag of Usti nad Labem Region.svg|22px]] [[Ústecký kraj]]
| LEUD = 50° 39 30' Tuath
| ASTAIR = 14° 02 00' Ear
| FARSAINGEACHD = 93.95
| ÀIREAMH_SHLUAIGH = 93409
| BLIADHNA = 2017
| FÒN = + 475
| DUILLEAG = http://www.usti-nad-labem.cz/cz/
}}
'S e [[baile]] mòr, [[port]] agus sgìreachd ([[Seacais]]: ''okres'') ann an ceann a tuath [[An t-Seic|Poblachd nan Seiceach]] a th' ann an '''Ústí nad Labem''' ([[IPA]]: ''uːstiː ˈnadˌlabɛm'', [[Gearmailtis]]: ''Außig'', [[Pòlais]]: ''Uście nad Łabą''). Tha Ústí nad Labem suidhichte air na crìochain leis [[A' Ghearmailt]], eadar [[Pràg]] agus [[Dresden]] san roinn ([[Seacais]]: ''kraj'') [[Ústecký kraj|Ústecký]], aig comar nan aibhnichean Bílina agus Labe (Gearmailtis: ''Elbe''), aig 218m os cionn ìre na mara. Tha 93,409 duine a' fuireach ann.<ref>[http://www.statistik.at Cunntas-sluaigh na Stàite]</ref> 'S e an seachdamh baile as motha na dùthcha a th' ann cuideachd.
==Eachdraidh==
Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an [[993]] agus bhuineadh e dhan [[Ostair-Ungaire]] ro [[1918]]. 'S ann às an fhacal ''ustie'' ([[Gàidhlig]]: beul na h-aibhne) agus ainm na h-aibhne 's a tha an t-ainm. Bheireadh sin Beul Labe dhuinn sa Ghàidhlig. Chuairtich luchd-leantainn [[Jan Hus]] am baile ann an [[1426]].<ref>[http://www.bommi2000.de/geschichte/sachsen15.php Geschichte Dresdens, Sachsens, Deutschlands]</ref> Ràinig [[arm]] mòr às a' Ghearmailt gus am baile a shàbhaladh ach b' e na [[Husachd|Husaich]] a rinn a chùis: Rinn iad droch sgrios air a' bhaile a bha e bàn fad trì bliadhna gu ruige [[1429]]. Thug feachdan na [[An t-Suain|Suaine]] ionnsaigh air a-rithist ann an Cogadh nan 30 Bliadhna ann an [[1587]]. Chaidh am baile a mhilleadh ann an Cogadh nan Seachd Bliadhna agus an uair sin ann an [[1813]] leis gun do thachair Blàr Kulm faisg air làimh.<ref>{{ iomradh lìon | url = https://www.usti.cz/en/tourists/sights/napoleonic-battlefields-chlumec.html | tiotal = Napoleonic Battlefields at Chlumec | foillsichear = Ústí nad Labem | ceann-là_inntrigidh = 2026-09-30 }}</ref> Le sin, cha robh ach 1,400 duine a' fuireach ann seo ann an [[1830]]. Thoisich [[Tionndadh Gnìomhachais]] an seo fad an [[19mh Linn]] agus bha gnìomhachas mar [[anart]], [[clòimh]] agus [[soithaichean]], gu math làidir.<ref>Stephen R A Barrow, Death of a Nation: A New History of Germany</ref>
Dh'fhàs am baile gu mòr san 19mh Linn agus bha co-dhiù 40,000 duine nan tàmh an seo ann an [[1900]], mòran dhuibh in-imrich às A' Ghearmailt. Bha na Nàsaich gu math làidir an seo bho toiseach tòisichidh. Chaidh cha mhòr a h-uile daoine aig an robh Gearmailtis a chur às an dùthaich ann an [[1946]]. Mharbhadh mòran Ghearmailtich an dèidh [[An Dàrna Cogadh|an Dàrna Cogaidh]] cuideachd.<ref>[https://web.archive.org/web/20181229021521/http://www.usti-nad-labem.cz/dejiny/1945-95/ul-8-9.htm Výbuch muničního skladiště]</ref>
==Daoine Ainmeil==
*[[Anton Raphael Mengs]] ([[1728]] - [[1779]])<ref>[https://www.nationalgallery.org.uk/artists/anton-raphael-mengs National Gallery]</ref>
==Bailtean Co-cheangailte==
*[[Faidhle:Flag of Germany.svg|22px]] [[Chemnitz]]
*[[Faidhle:Flag of England.svg|22px]] [[Halton]]
*[[Faidhle:Flag of Russia.svg|22px]] [[Vladimir]]
== Iomraidhean ==
<references/>
== Ceanglaichean a-mach ==
*[https://web.archive.org/web/20090901194210/http://www.kr-ustecky.cz/ Riaghaltas na Roinne]
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Bailtean anns an t-Seic]]
q06dqyqkvzfe6cxopp2evqrvze2i51z